[51]

DO’N GHAIDHLIG

Hóro ghillean éiribh,
Eutrom gun bhith trom,
Coma leam dhar Beurla,
S beag mo spéis dhi ann;
Cuimhnichibh gach treubhach
Thug a réiss aghleann
S nach dèanadh ratreutadh
S orra fhéin an ceann.
Hóro ghillean éiribh.

Ged tha craobh na Gàidhlig
Anns aghàrradh lom
Gun duilleach mar bàbhaist,
Tha i slàns achom;
Is glanaidh sinn musàilean
Le càirdeass le fonn,
Spìonaidh sinn ler làmhan
Na tha fàs ma bonn.
Hóro ghillean éiribh.

Is ma bheir sibh blàths dhi
Fàsaidh i gun mhaill,
Is sgaoilidh i cuid ghàirdean
Anns gach àird gun taing;
Is thig iad far an t-sàile
As gach ceàrn a nall
N uair gheibh iad an t-àileadh
Aicair sràid nan Gall.
Hóro ghillean éiribh.

An uair thig an t-Oghmìos
Pògaidh iad ur làmh
Is teannaidh iad ri stòiridh
Mun amhòd a thann,
Ag ùrachadh na dhfhògradh
Far mòinteach nan allt,
Falamh fuar gun tròcair
S gun luchd eòlais thall.
Hóro ghillean éiribh.


[52]

An uair craobh na Gàidhlig
Tighnn am bàrr gun chall
Bidh gach àittha fàs
Luma làn le clann;
Cha bhi port gun bhàtann,
Cha bhi bàgh gun bhall,
Muileann is sloc sàbhaidh
S each an sàs an crann.
Hóro ghillean éiribh.

Théid na caoirich bhàna
Chur gun dàil am fang,
Is dubhcheannaichnan àite
S iad as fheàrr leinn ann;
Crodh air luachair ìseal
Cnàmh an cìre trang,
S maighdeannan air buailidh
Gabhail dhuan is rann
Hóro ghillean éiribh.

title20
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 2: 1920–1945
<< please select a word
<< please select a page