UIBHIST MU THUATH
Tha Uibhist mu Thuath cho luachmhor sealladh
’S nach urrainn dhomh luaidh ’s an uair le m’theangaidh,
’Na suidhe ’s a’ chuan ’s mu chuairt dhi bearraidh,
An stuagh a’ carachd ’s a’ cròiceadh.
Tha machraichean fhéin fo dhéis ’s fo thoradh
Ag cumail na spréidh gun éis bhith orra,
Tha raontaichean réidh ’s gach ceum fo onair
’S gach geug air monadh am mòintich.
Tha leòidean an fhraoich ’nan caoiribh geala
’S an t-eilean gu saor a’ taomadh meala,
A’ chuthag gug-gùg fo dhriùchd na maidne
’S gur dlùth tha ’n glaisean ’na còmhdhail.
Gur geal agus dearg tha ’n t-seamrag dhuilleach,
Ag amharc mar dhealbh far calg gach rubha,
’S ged gheibhinn ’nam ainm-sa Alba uileadh,
’S mi dh’fhalbh, ’s e fuireach bu deòin leam.
Tha breac anns an t-sàl aig sàil gach sruthain,
’S e feitheamh an fhàth dhol àrd a shiubhal
Gu uisge glan slàn a thàrradh chuileag,
’S e ghnàth ’ga shruladh an còmhnuidh.
Tha lochan ’s a h-òib fo gheòidh ’s fo ealaidh,
Fo lachain ’s fo chòrr mu bhòrd gach bealaich;
Na naoisg aig an lòn measg feòir is canaich
’S damh cròic’ an gleannan na còinnich.
Aig sgaradh nan speur am beul na maidne,
’N àm siubhal a sléibh cha bhreug dhomh chantail,
Tha ’n coileach air sgéith ’s air géig ’s e caithream,
E fhéin ag aithlis a shòlais.
Tha sealladh na sùla mùirneach uileadh
Ri maduinn gheal chiùin, sneachd dlùth air dhuilleach,
Le gunna bheòil chaoil air chùl nan duilleag
’S an cù ’gan cur as na còsan.
title | 21 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 2: 1920–1945 |