[69]

EARRANN 31945–1966


[71]

ORAN NA CRUAICH-ARBHAIR A CHOSG £40

An cuala sibh mun chruaich ud a cheannaich miso Ruairidh,
An cuala sibh mun chruaich ud bhan t-Hàstan:
N uair chaidh iad air a h-uachdars a thòisich iad ri fuasgladh,
Gun deach mina mo thuaineals an àradh.

Gun tuirt Seonaidh Uisdein, ’s eg amharc air a chùlaibh,
Bfheàrr leam fhìn co-dhiùbh sinnga fàgail;
Ged theannamaidga rùsgadh air latha na bliadhnùire,
Mas fhaigheamaid a null i bhiodh Màrt ann.”

Thuirt mi, “ ’S math is fhiach i an sgillinn oirre dhiarr thu,
O nach seall thun sìol, tha e àluinn.
Chan innis mi na briagan, chuireadh im BailIochdrach
Ged a bhiodh gach miar dheth air àiteach.”

N uair thòisich sinn ri lìonadhs ri cumail mar bu mhiann leinn,
Mas teannadh i ri iarraidh gu dràbhadh,
Bha bodach an taobh shìos dhinns thachais e mufhiasaig,
Is thuirt e, “Bheir thu mìos air a cathadh”.

An uair a chaidh a sgaoileadh lìon i Lag nan Caorach,
Bha h-uile fear aslaodadhs agràpadh,
Gach feannag agus faoileag o iomallan an t-saoghail
Thàinig iadnan sgaoth air a sàilleabh.

Cha robh tunnag riabhach a muigh mu Loch an Iasgaich
Nach robh anns an iarmailt amàgail;
Thàinig na geòidh fhiadhaich far Locha Dùn an t-Siamain
Is laigh iad an taobh shìos dhen acheàrdaich.

Crodh abhaile nuallaich, eich aruiths aruagail,
S Alasdairgam fuadach le làchran;
Mac Aonghuis cho stuamailga ceangal-sena sguaban,
Fiach am faighte suas i roimhn t-Sàbaid.


[72]

N uair bha i mar bu mhiann leam fo h-acraicheans fo siamain,
Thuirt mi, “Tha i ciatach,” ri mmhàthair.
Is e fichead not a dhiarr sibh orm-sa thoirt dhan Chrìosduidh,
S a fichead eile, shìorrachd, am màireach.”

Sheas i air an ùtraid is dhamhairc i gu dlùth orm,
S ann a rinn i sùnndach an gàire:
Am puiceanseil an cùmhnadh, gheibh thu anns an rùm e,
S thoir thuige-san e, rùin, mar a thà e”.

title30
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page