[81]

ROCAID AN AMEIREAGANAICH

An rocaid ud, an rocaid ud, rocaid dhubh an riaslaidh,
Leig iad ris aghealaich i, le dealanachga riaghladh,
S bha iad leis na glaineachanga h-amharc anns an iarmailt
Gun deach i as am fianuis le sgriach agus ràn.

Bha Calum anns aghealaich is eg amharc oirrair fhiaradh,
Is thuirt e gu robh car innte, “Chan aithne dhaibh a dèanamh;
Cha téid i seach Astràilia, tha bhataraidh air sìothladh;
S murrag i tha fiachail, théid ciadanna dàil.”

Gach bodach agus cailleach anns abhaile théid iad sìos ann
A dhiarraidh rudan annasach m mantlepiece a lìonadh,
Bidh iad leis na baraichean atarrainn as a h-ìochdar,
A h-uile fear ag grìosadhsga stialladh le tàl.”

Sinn uair thuirt Ameireaga, “O ceilibh e mar chàirdean,
Mus cluinn iad ann an Ruisia cho luideachs a bha pàirt dhinn,
Oir théid iad chun na mullaichean ri huthaills ri ceòl-gàire,
S bidh gach fear is urrainn anns e air uilinn dèanamh dàn.”

Ach ma gheibh sinn baigealais ri cheannach as aGhearmailt,
Dhe na bodaich pheallach ud tha bearraideachs an eanchainn,
e dhuinn as t-Earrach , a bhalaich, a bhios ainmeil,
Is théid i chun na targaid le soirbheas mu sàil.”

“ ’N uair théid i measg nan rionnagan am muncaidh bidh e cianail,
Ach fiachaidh sinn ri cuideiginn chur cuide ris am bliadhna;
Is dòchgu faigh sinn luidealach de dhUibhisteach a bhriagadh,
Tha iad maths an iarmailt is fiadhaich aig blàr.”

title39
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page