ORAN AN H-BOMB
An t-inneal sgrios a rinn ar nàmhaid
Chum ’s gum bàsaicheamaid còmhla,
’S truagh nach d’thiodhlaic iad ’s an t-sàl e,
An doimhneachd an làin a chòpadh.
B’fheàrr an saoghal bhith mar bhà e
Ged bhiodh blàir ann agus còmhstri,
Thilleadh cuid dhinn mar a b’àbhaist
Eadar a bhith slàn is leòinte.
Ach nam biodh tu air do chliathaich
Air an t-sliabh ud is tu leòinte
Thigeadh cuideachadh ’gad iarraidh
’N uair chromadh a’ ghrian ’s na neòilibh;
Readh do ghiùlan mar bu mhiann leat,
Gillean èasgaidh leis a’ chròleab,
Is readh do lotan a lìonadh:
Siod gu fìor mar dh’éirich dhòmh-sa.
Ach dealanach an diugh o d’nàmhaid,
Chan ’eil fàbhar dh’an a’ bheò ann;
Théid gach duine ’s brùid a thàrradh
’S théid gach càil a smàladh còmhla.
Cha bhi nì air bith air fhàgail
Eadar tràigh is àird na mòintich;
’S ann an eileanan na Gàidhlig
Fear no dhà dhiubh ’s bidh gu leòr ann.
Ach saoil sibh fhéin an ceadaich Dia e—
An sgrios chianail seo ’thigh’nn òirnne;
Ged is peacaich sinn ’na fhianuis
Gheall e fialaidh dhuinn a thròcair.
Chruthaich e sinn fhéin ’na ìomhaigh
Is phàigh e ar fiachan móra
Air a’ chrann ’s an lann ’na chliathaich
’S na tàirnean an fhriamh a mheòirean.
title | 40 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |