[83]

MARBHRANN DO DHOMHNALL AONGHUIS IAIN MHOIR

Mar chuimhneachan air mo nàbuidh
mi càrnan air abhlianaig,
Cuiridh mise clach no dhà ann,
S cinnteach gun dèan càch a ghnìomhadh.
Is duilich leam gun dfhuair thu bàs ann,
Socair sàmhach gun do thriall thu,
Chaidh thu dhionnsaigh tìr a bfheàrr leat,
Mar a dhàithneadh leis an Tighearna.

Is ged bhiodhmaid uileadh làmh riut
N ám dhuit fàilingeadh is sìothladh,
Cha robh air bithnar làmh-ne
Gus do shàbhaladh on t-sìorrachd.
Thuit thu thairis; cha robh dàil ann;
Cha burrainn dhuinn càil a dhèanamh
Ach bhithg amharc ortgar fàgail
Spàirn abhàis an sàsnad ìomhaigh.

Bha thu modhail socair càirdeil;
Cha robh tràghadh ort no lìonadh;
Bha thu daonnan anns an àbhaist,
Cha robhna do nàdur riasladh;
Cha bhiodh ort ach fiamh aghàire
Na labhair am bàrd is fìor e
S geil a bheannachds beannachd chàich leat
Far nach crom gu bràth aghrian ort.

title41
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page