[84]

AN DROCHAID UR*

Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.
Chunnaic mises chuala, ar leam gum bu bhruadar,
An Ceann a Deas is Tuath gun dfhuaigh iad e le òr.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.

Dheilbh iad air gach taobh i, tarsainn tràigh is caolais,
S guma slàn gach aon a shaoithrich ann le dhòrn.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.

Thàinig far na Galldachd màthair na Banrigh,
Is dhfhosgail i gach banns bha dannsagainn is ceòl.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.

Dhfhosgail i le saoirsne, chuid a chlann nan daoine,
Ach tha cor an t-saoghail caochlaideachna dhòigh.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.

Is ma theannas argmaid air sàilleabh na Gearmailt,
Ni iad dhise targaid, falachaidh anns na neòil.
Is iomadh rud a chì an duin’ ’ios fada beò.

*Chaidh an cabhsair eadar Uibhist a Tuath is Beinn na Faoghla fhosgladh air an t-seachdamh latha dhen t-Sultuin, 1960.

title42
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page