[84]

PORT DO ALASDAIR FEARGHUSTAN

Sinn uair a thuirt Alasdair,
Tha Loch nam Madadh riaslach,
Chan fhaigh duine carachadh
S abhaile le eich-iaruinn.
Ach dunaidh air an drochaid ud,
Is bochd gun drinneadh riamh i,
Tha iad mar na cudaigean
A muigh air feadh na lèanaidh.


[85]

Thàinig iad a Solas ann
Is thàinig iad on Iar ann,
Tha iad as na Ceallan ann,
Ceathrar dhiubh no sianar,
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.

Thàinig iad a Dalabrog
Is thàinig iad on Iochdar,
Thàinig iad a Baile Mhanaich ann
A tharrainn fhiaclan.
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.

Thàinig iad a Glasacho,
Is thàinig iad a Grianaig,
Thàinig cuid a Sasuinn dhiubh,
Nan amadain, a dhiasgach.
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.

Tha gach seòrsa bodaich ann,
Is mogainean mum bial-san,
Tha gach seòrsa caillich ann,
Is caileagan tha briagha.
Ach dunaidh air an drochaid ud, etc.

Tha iad shiòs mu Chearsabhagh
Is dramacaga riaghladh,
Chì mi fear is frogan air,
Bidhm poileasmanga ìarraidh,
Ach dunaidh air an drochaid ud,
S bochd gun drinneadh riamh i,
Tha iad mar na cudaigean
A muigh air feadh na léanaidh.”

title43
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page