DO’N MHEANBHCHUILEIG
Ochan ì, ochan ì.
Tha i dìreach air m’ithe.
Ochan ì, ochan ì.
Cha teichinn-sa ro’n an tarbh
Ged bhiodh fearg air a’ tighinn,
Ged a chuir a’ chuileag mheanbh
Mi gu searbh gu ratriotadh.
Lean iad dhachaidh as mo dhéidh;
’Na mo bheul dhiubh bha millean:
Is chan fhaighinn m’anail réidh;
Bha mo léirsinn a’ sileadh.
Chuir mi ola ’n sin air géig;
Chuir mi réidh rithe tine;
Ghabh iad uileadh an ratreut,
Sergeant-major a’ liodadh.
Nam biodh i urad ri sgarbh
’S gann nach marbhadh i mise;
Dh’fheumainn cuireadh thoirt dh’an arm
Gus a sealg leis a’ bhiodaig.
Measg an rainich tha i doirbh;
Measg an arbhair i mireag;
’S chan ’eil ni ri cur air falbh
Ach an soirbheas no tine.
title | 47 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |