[72]

LATHA IASGAICH, CUIDE RI DOMHNALL SEUMAS

Gum be mo shòlass mo dheòin bhith réidh riut,
Adol troimh dmhòintich is eòin air gheugan,
Aghrian mar òrs i le glòir ag éirigh,
S sinn gabhail òrans aspòrs ri chéile.

Is thug mi bòidean gu seòlainn fhéin ann
S gum faicinn meòlas a dheòin no dhéiginn,
S a dhionnsaigh Obasaidh mhór le chéile
Chaidh mis an t-òganach, Dòmhnall Seumas.

Is thug mi sùil air gach lùb is ceum dheth,
Le cridhe bruiteachs mi dlùthga leughadh,
Farn robh mi sùgradh mu chùilean Eubhal,
S gach aons an ùir a bha leam ann éibhinn.

Gun do dhiasgaich sinn sìos gu gleusda,
Abiadhadh fiasgains adéanamh feum leis;
S am breac bhon ìochdarga thoirt am fianuis
Sga chur dhan lìon isna bhial fear reubte.

N uair thàinig ann dhuinn an t-àm bhith tréigsinn,
S mo dhòchas gann gur e ceann mo réis e,
Nach till an samhradh a bheir a nall mi,
S nach tig an geamhradhs mi call mo léirsinn.

Thog sinn cùrs agus stiùir sinn ceum as;
Bham feasgar drùidhteach le smùid ag éirigh,
Bhan oidhche dlùth dhuinns an ùine tréigsinn,
S gun tug mi sùil chum mo chùilnam dhéidh air.

title31
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page