THA GRUAIM AIR NA BEALAICHEAN
Tha gruaim air na bealaichean
On dhealaich Dòmhnall Ruadh ruinn.
Tha gruaim air na bealaichean.
Air gach cnoc is càrn a th’ann,
Air gach géig tha fàs an siod,
Chan fhaicear mar a b’àbhaist e
A mach far àirigh Ruairidh.
Tha gruaim air na bealaichean.
Tha na geòidh air Càrabhat;
Gu socair tha iad sàbhailte
O’n fhear a chuireadh fàilt’ orra
Le fùdar bàn ’s le luaidhe.
Tha gruaim air na bealaichean.
Bu tric a thug e càraid dhiubh
A nall far ìochdar Chàirinis;
Is tunnag chuir e làmh oirre,
Is ràcan a’ chinn uaine.
Tha gruaim air na bealaichean.
Damh an fhéidh gu fàgadh e
Air fianaich luim a’ bàsachadh,
’S an dòbhran donn an sàs aige
’S a’ bhagh aig Loch na Bruaiche.
Tha gruaim air na bealaichean.
Tha ’n dealachadh seo nàdurra,
’N uair thig an aois gu h-àraid oirnn;
Cha dèan rìgh no pàrlamaid
Ar sàbhaladh o’n uair seo.
Tha gruaim air na bealaichean.
title | 49 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |