[92]

CAOCHLADH SUIDHEACHADH NA DUTHCHA

Bidh mo chruit-sa gun àiteach
Is cha bàbhaist dham dhòigh e,
Bhiodh coirces seagal a bàillann,
Le buntàta agus eòrna;
Ach tha mi ullamh gu bràth dheth,
A churs a ràcadhnam ònar,
On a fhuair mina h-àite
Cuim nach tàmh mi gu mòran?
Than t-airgead pailt.

Cha téid mi tuilleadhnam fhallas
A dhionnsaigh achadh na buana.
Cuim nach caidil mi mhaduinn
Fada fada gun ghluasad?
Thig gach bùtha gu mdhorus
Len cuid chrogan gu h-uasal,
Gheibh mi ìm agus aran,
Gu ìrem bainnes an t-uachdar.
Than t-airgead pailt.

Achs i aGhearmailt thug dhòmh-sa
A liuthad stòras a dhfheumainn;
Bhrist i glasan an stòdhair
Far robhn t-òr air a chéilleadh.
S tric mi smuaintinnn uair bòg mi,
Bha mi beò ann air éiginn,
Mi gun sgillinnnam phòcaid
Mi gun bhrògan gun léinidh.
Chan fhaighinn dad.

Cha robh obair no duais ann,
Anns an uair cha robh càil ann;
Bha na bochdan, mo thruaighe,
Falamh fuar air am fàgail.


[93]

Achs en Ceusar a ghluasad,
Ged nach dfhuair e na bàill leis,
Chuir achuibheall mun cuairt leinn
Dhath-nuadhaich ar nàdur,
Gu cinnteach ceart.

Ged a chaill sinn na gillean
O bha siodach an dàn dhuinn;
Sheas iad cruaidh leis abhiodaig,
Cha robh tilleadhnan nàdur;
Leig iad solus is saoirsne
Gu gach aois agus pàisde;
An dorus dhfhosgladh gu chùl e
Is cha dùinear gu bràth e,
Iochd air an achd.

Gu robh an t-airgead aig Sasuinn
Air a ghlasadh bho dhaoine;
Cha robh bonn dheth ri mhalairt
Ged bhiodh manam ri shaoradh.
Dhfhàg ar cuideachd-nen t-àite,
Air feadh gach ceàrna dhan t-saoghal;
Cha robh reusan dhaibh fuireach,
Cha robh ulaidh ri faotainn.
Bhan dùthaich slac.

Cha robh againn a bhiadh ann
Ach mar a dhèanadh ar làmhan,
Toirt aghràin as na diasan
Sga bhleith sìos leis na bràithtean.
Ach bha maorach is iasg ann
Agus ianlainn gu h-àraid,
S anns agheamhradh bhiodh fiadh ann
A dhaindheoin riaghladh abhàillidh,
Is olc air mhath!

title50
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page