[94]

BHA DUIL AGAM MUS FHAIGHINN BAS

Bha dùil agam mus fhaighinn bàs
Gun dèanainn dàn a sgrìobhadh dhuibh,
Bhiodhgam chur an cuimhne chàich
An a bhios mi dhìth orra.
An uair a théid mo chur fon fhàd,
An nàbuidh bhios ri crìch agam,
Cha téid sinn far a chéilgu bràth
Mu dheidhinn bàrr no cìobaireachd.

Caidlidh sinn thairiss an t-suain
S an leabaidh fhuaraidh ìseil ud
Ris an can sinn fhèin an uaigh
Is bean gun truas gun rìomhadh i.
An teanga bhanar beul cho luath,
Cha ghluais sinn o ar cìdhlean i,
Le daolan loms le fonn mun cuairt
Ar comga luadh aig mìltean dhiubh.

An cnocan grobach slocach gorm,
Gur lìonmhor lorg a h-ìngne ann,
Is cridhe bristes sùil shil deòir
Aig leacan còir an sìnnsearachd.
Ach e a than tìr nam beò,
Ged bhiodh an t-òrga lìnigeadh,
Nach dèan an làmh a thair a thòir
A threòrachadh dhan phrìosan seo?

Riamh cha tuirt i, “Tha gu leòr,
Cha ghabh min còrr, tha tìdagam;
Dùnaibh suas, gun tighnnnam chòir,
Gun chnàimh no bòrd a shìneadh dhomh.”
Ach gus an téid an cruinne mór
Le teines ceò a dhìsleachadh,
Chan fhaigh an uaigh, mo thruaigh’, a leòr,
Is duine beòs e dhìth oirre.


[95]

O ach fhir chluinneas mo dhàn,
Na fàg e gun a mhìneachadh;
Feuch nach caidil thu air tràigh
Mus tig an làns nach till thu e;
Anns an t-samhradh ghrianach bhlàth,
Do thaigh na fàg neo-chìnnteach e,
Oir thig an stoirm gu garg le fearg,
S an t-anmoch, ’s cha bhi tìm agad.

An uair a théid thu dhan chùirt,
S gach rinn thùs e sgrìobhtaca,
Bidh crithnad làmhan isnad ghlùin,
Do spiorad rùisgt’, is dìblidh e.
Thig do bhinn a mach on chrùn
Le cùmhnantan na fìreantachd,
Is gun fear-tagraidh air do chùl
A thionndaidheas no bhruidhneas leat.

Is gun tilgear thu le Dia
Dhan teine phiantach uamhasach,
Fareil gul is diasgan fhiacall,
Gun dùil gu sìorruidh fuarachadh.
Ach nam biodh ann romham crìoch,
Mìle bliadhnno uaireigin
Is gann a ghleidheas mi mo rian
N uair bhios mi dianga smuaineachadh.

Adolgam dhruideadh fon fhàd,
A chaoidh gu bràth nach cianail e;
Luchd mo ghiùlan tillidh àd
Gun dachaidh bhlàths gun fiamh orra.
Ach ged dhiadhadh làmh mu làmh,
Le oidhches is bliadhnaichean,
Cha téid an t-aingidh as on bhàs
Bi tinn no slàn, na dìochuimhnich.

title51
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page