[97]

SMUAINTEAN ’NAM SHEAN AOIS

Tha bàs is uaigh is sìorruidheachd
Ag iadhadh orm gun tàmh,
Ghun fhios n uair a dhiarrar mi
On Riaghladair gu h-àrd;
Ach guidheam air, ’s e miarratas,
Mus crìochnaichear mo ,
Mo theangbhith air a riaghladh leis,
Gun bhriag bhith air a bàrr.

Na peacannan a ghnìomhaich mi
S na bliadhnaichean a dhfhàg,
An Sàtans egam riaghladh-sa,
Chan iarrainn-sa na bfheàrr;
Toirt gealltanais gu fialaidh dhomh,
Gam riarachadhnam chàil,
S an t-Sàbaids ina diachainn dhomh
Nach cianail mar a bhà.

Ach dhfhairich mises dhùisgeadh mi
Gu robh mo chùrsa ceàrr;
Sheas mi agus thionndaidh mi,
S bha solus iùils abhàgh.
Gu Dia gun deachaidh mùrnaigh-sa
Gu dùrachdach an àird,
Tron t-seòlaid chumhaing lùbaich seo
Mo stiùireadhs amhuir-tràigh.

Mo thoirt gu cladach tèarainte,
S mo ghnìomharan a bhà
Bhithn grunnd achuain an tìodhlacadh
As fhianuis-san gu bràth;
Mo thinneas cuim a chrìochnachadh,
Is piantannan abhàis,
Far nach crom aghrian oirnn
S an iarmailts ina tàmh.

title53
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page