CO ’S URRAINN MO THILLEADH?
Có ’s urrainn mo thilleadh ’s an Tighearna ’gam shireadh,
Có ’s urrainn mo thilleadh aig mionaid mo bhàis,
Ged dh’éireadh an cruinne, ag éigheach mi thilleadh,
’S gum faigheadh iad milleanan gini de mhàl?
Ged bhiodh iad ’ga éigheach cha dèanar an éisdeachd;
Tha tlachd aige fhéin agus spéis dha’n a’ bhàrd;
’S chan ’eil fo na speuran no ’m fianuis na gréine
Na thilleas mo cheum-sa le réit’ no le blàr.
Am prioba na sùla, mar lasadh an fhùdair,
Theid m’anam-sa ghiùlan gu mùirneach an àird,
Gun eagal gun chùram, ged bheirte dha’n chùirt e,
Nach dèan iad a chrùnadh—tha ’n Triuir air a sgath!
’N uair thachras sinn còmhla, luchd gaoil is luchd eòlais
Bidh mise a’ feòrach mu’n chomhlan a bhà:
Am faca sibh beò iad an rìoghachd an t-sòlais,
No ’n deachaidh am fògradh gu dóruinn gu bràth?
title | 57 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |