DO SHEUMAS CHIA-ORA, AIR DHA MUINNTIR CHORUNA A CHUR GU MOCHEIRIGH
Siod far an robh ’n langanaich,
Siod far an robh ’n éigheach,
’N uair thàinig e ’s a’ mhaduinn oirnn,
Fada roimh àm éirigh.
Ach mur b’e Dotair Alasdair,
’S nach b’aithne dhuinn a chéile,
Bha mis’ air thoirt, a charaide,
’S a’ chamhanaich gu Seumas.
Sin ’n uair a thuirt Anna rium,
“Bi tarrainn as do léinidh,
Tha nitheiginn a’ canail rium
G’eil caraide ’na éiginn.”
Dh’amhairc mi troimh ’n ghlainidh,
’S leis na praban cha bu léir dhomh,
A’ bhriogais le na gaileis
’S iad ’nan caran mu mo shléisnean.
Bha mi anns a’ chabhailridh,
Is bha mi anns an néibhidh,
Bha mi ann an Arras
Is thairis anns an Eipheit,
Bha mi anns a’ pharaisiut
Ag carachd anns na speuran,
’S cha tug iad an reveille dhomh
Cho cabhagach ’s thug Seumas!
title | 33 |
internal date | 1969.0 |
display date | 1969 |
publication date | 1969 |
level | |
reference template | Domhnall Ruadh Choruna %p |
parent text | Earrann 3: 1945–1966 |