[76]

GILLEAN CHOREA*

An uair a chuala mi na gillean
An Corea ri ceol-gàire,
Cur nan òran thar na linne
Gu gach cinneach anns aGhàidhlig,
Dhéisd mi gu dlùth anns an ionad,
Ghluais iad mo bhilean ri bàrdachd,
S ged a chaidhs abhlàr mo mhilleadh,
Airson mionaid dhfhàs mi làidir.

Shaoil leam gun do dhfhàs mi sunndach
S gun deach air mo chùl gach ànradh;
S ann thàinig na deòir o mshùilean
Mar a dhùraich iad mo nàdur.
Ged a bha mi crotach lùgach
Chuir iad spionnadh dlùthnam chnàmhan,
Is nan gabhadh luchd aChrùin mi
S ann rachainn-sa null a màireach.

An uair thàinig aphìob gu stoirmeil
On abhalachan bhaga màladh
Gu robh tosd gu léir an Alba,
S iadga soirbheachadh le fàilte;
Gàir nan dos adol gu feargach
S trics aGhearmailt thug i ràn dhaibh,
S gu robhn lùdag atoirt dearbhaidh
Gur Clann Chamshroin a bha màirdseadh.

Is lionmhor piuthar a bha cianail
Chaill gun lìonaodach a bràthair
Agus màthair a thug cìoch dha,
S i nach dìochuimhnich gu bràth e,
A bhag éisdeachd oidhche Chiadain
Ris amhìorbhailt seo a thàinig,
Agus athair a bha riaslach
Togail mac a thìodhlaic nàmhaid.

*Air an ochdamh latha fichead den Mhàrt, 1956, chraoladh air an réidio céilidh a chuir saighdearan Gaidhealach á Réiseamaid nan Camshronach air chlàr ann an Corea. Bann ri linn seo a rinneadh an t-òran.

title35
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page