[80]

ORAN NA H-AEROPLANE

Is mór an t-eòlas innleachdach a fhuair an lìnn tha beò,
Air iteig mar a chì sibh iad o thìr gu tìrs na nèoil;
Nan innsinn dha mo shìnseanair an seo thàinig oirnn
Gun canadh e gu cinnteach rium, “O, dìobairtean gun dòigh!”

Shealladh e air fhiaradh rium le mialaint do mo dhàn,
Fiach an robh mo chiall agam, mo rian an deach e ceàrr,
Is labhradh e gu fiadhaich rium, bhith dèanamh air ceòl-gàir’:
Am bheil thun dùil gu liadaich mi na briagan sin ri càch?”

Na faiceadh e aseòladh i le crònan aicen àird
S i tighnn a nall a Steòrnabhagh le còmhlan innte làn,
Chan fhanadh e ri chòt thoirt leis, bi mhòinteach a lag-tàmh;
Theicheadh e dhan Chnògairesna chòmhdhail gum biodh càch.

Siod farm biodh na stòireannann uair readh an còmhlan cruinn:
Am faca sibh robh ceò aisde; robh seòl rithe no cruinn?
Bha sgiathan mar na h-eòin oirre, ’s i còmhnard anns an druim,
S an earball gu robh cròdhadh ann, o coltas ròin air tìr.”

Nan cluinneadh iad am fuaim aice a nuas bhon Chuan an Iar
Gun dreadh iad dha na h-uamhannan le uamhas is le fiamh.
Bhiodh cailleachan air an cruachanan am measg nam bruachsan fhiar
Ag éigheachTha e fuasgailte, mo thruaighe, ’m Fear-nach-fhiach!”

title38
internal date1969.0
display date1969
publication date1969
level
reference template

Domhnall Ruadh Choruna %p

parent textEarrann 3: 1945–1966
<< please select a word
<< please select a page