X GILLEAN ÀIRD-MHAOILE
Air fonn:— “Moladh Chabair-Féidh”
Gun chuir mi ceathramh òrain
Air dòigh do na balaich so,
A dh’fhalbh a dh’ionnsaigh Bhòirnis, 755
Cho deònach ’s cho eangarra,
Le pocanan buntàta,
Le ràcain ’s le pleadhagan,
A’ dol a ghabhail tàmhachd,
’S a dh’àiteach an fhearainn ann. 760
B’e sud na gillean nach gabh giorag,
No có thilleas dhachaigh iad;
Gun tog iad tòrachd muinntir Bhòirnis,
A chaidh fhògairt fada bhuainn.
Is ioma duine bha fo mhulad, 765
Nuair a chuireadh thairis iad
A-null do Mhanitòba,
’S g’an seòladh do Chanada.
B’e sud an lagh bu chruaidh
A chuir fuadach fo ar seanairean, 770
Thug uachdarain gun tròcair,
An t-òrdugh bhith tarruing dhaibh,
Chuid mhór do shluagh na dùthcha so
Sgiùrsadh do Chanada,
’S gach duine bha ro-làidir 775
’S na bàtaichean ceangailte,
Far ’m biodh na laoich bha modhail, aoigheil,
’S anns a’ chaonnaig ghaisgeanta.
’S e ’n diugh ’na aonach aig na caoirich;
Chaidh na daoine sgapadh as. 780
Chan fhaic thu ’n Alb’ ach fiadh is earb
Is ian g’a shealg air bhearraidhean,
Ach cumaidh sinn ’nar cuimhne
Mar chuidhleadh na gaisgich as.
B’e sud na gillean gleusda 785
Bu thréin air gach rathad iad,
Cho misneachail ’s cho lùthmhor,
Cho sunndach ’s cho ceannardach,
’S nuair rachadh iad fo’n armaibh
Bu mheanmnach na balaich iad, 790
’S an am dol anns an t-streup dhaibh,
Cha bhiodh droch-sgeul ri aithris orr’.
Na gillean glic tha dearbhadh tric
Gur ann tha mhisnich aca-san;
’S ann dhaibh bu dual bhith math gu cruadal, 795
Nuair a bhuailt’ aig batal leo.
Na gillean gleusda, làidir, treun,
Gur tric a leugh mi eachdraidh air
Na blàir ’s am biodh an sinnsre
Bhiodh cuirp is cinn ’gan spealtadh ann. 800
Chan fhàg mi idir uam
Anns an duanaig na Barraich mhath’ ,—
Na gillean smearail, cruadalach,
A ghluais anns a’ bhatail so,
Nuair dh’éirich iad fo’n armaibh, 805
’S a dh’fhalbh iad gu Bhatarsaidh,
B’e dol an cunnart bàis e
Do nàmhaid dol faisg orra.
Na gilean calma ’s tric chaidh sheanchas
Nach robh cearb ri fhaicinn orr’, 810
Bu deas a dh’fhalbhadh iad fo’n armaibh
Dol a shealg nam bearraidhean,
’S ged ’s moch a’ falbh iad shiubhal garbhlaich,
B’anmoch a’ tighinn dhachaigh iad,
’S mu’n cromadh iad gu réidhlein 815
Bhiodh mac an fhéidh air allaban.
Ach iarramaid le dùrachd,
Co-dhiùbh, bheir sinn earraig air
A’ Phàrlamaid a dhùsgadh
Gu sùil thoirt an rathad so, 820
Gu fearann thoirt do dhiùnlaich
Nach diùlt a dhol gu batail dhaibh.
Bu mhath iad anns an Éiphit,
’S air sléibhtean Afghanistan.
Nuair théid na sàir an òrdugh blàir 825
Fo bhratach àlainn Breatunnaich
Le breacan-guailleadh ’s féilidh-chuach
Gu fearail, cruaidh, glan, deis-lannach.
An uair a dh’éibhte dhaibh ratreut,
Cha stad ’s cha ghéill ’s cha teicheadh iad 830
Gu fàg iad nàimhdean ciùrrta,
’S an dùthaich a theasraiginn.
Ach ma bheir Lady Ghòrdan
An òrdugh gu stad dhaibh,
Agus Ormacleit is Bòirnis 835
A chur ’s an dòigh ’s ’na chleachd e bhith,
Bidh saighdearan ro-thréin ann
Nì feum anns na batailean,
’S a’ dol ri aghaidh nàmhad
Bidh tart gu tràigheadh faladh orr’. 840
Bidh pìob ’ga spreigeadh, fuaim na feadan,
Freagraidh creag is carraig dha;
Bidh claidheamh geur a’ leum á truaill
Is buillean cruaidh ’gan tarruing leis;
Bidh cuirp ’gan spòltadh, fuil ’ga dòrtadh 845
Feadh an fheòir ’na sradagan,
’S bidh nàimhdean air an ruagadh,
A’ ruith cho luath ’s as aithne dhaibh.
Ma théid an rud gu tuasaid,
’S gun cumar uaithe am fearann so, 850
Bidh aimhreit feadh na dùthcha
A dhùisgeas rebellion
Is ma bheir lagh a’ chrùin iad
Gu Chùirt air son achmhasan,
Théid Albannaich gu ùpraid, 855
Mar chuirear diù na gearanan.
Bidh airm ’gan éigheach ’s mór am feum orr’,
Tha na Gàidheil dannarra;
Bidh fir Àird-mhaoile suas gu h-aotrom,
Cha bhi saod am bacadh as, 860
Ged thigeadh gillean no Militia
Gus an tilleadh dhachaigh iad,
’S ann a ghabhas iad ratreut
Nuair a dh’éireas ar cabair oirnn!
title | X |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |