[35]

XI DÒMNHALL RUADH (Sùil air Ais)

Nuair bha min toiseach mòige, 865
S min Uibhist mhór an Eòrna,
Bu chridheils gum bu ghòrach,
S gum beòlach sinn ann;
Baithne dhuinn gach òirleach
Dhe mhachaires dhe mhòinteach, 870
Dhe chladaicheans dhe chròicean,
Gach lòn agus allt,—
S bu mhireagach na seòid sinn
Aruideas mu na leòidean,
S nideas mu na srònan, 875
S mu chròintean nan gleann,
S abuachailleachd nam ann
Mu bhruaichean Abhainn Ròdhag,
S acluaineis feadh na còinnich
Gun ròinne mur ceann. 880

Bu luideach bhiodh ar n-éideadh
Làn thughagan is bhréidean,
Bu stubach air na sléisdnean
Am féileadh bhiodh ann;
Ribeagan do léinidh 885
A thugadh thar na féileadh,
Fon ugainns gun dhi fhéin ann,
Ach féitheam is toll;
Seacaids ina traoitean,
Gun achlasan, gun uinnlean, 890
Ach sracadh agus poiteadh
Is graoim bhos is thall.
Cha chumadh sin gun ghluasad
A-mach am bruthach ruadh sinn


[36]

Le caman tighinn bhor guaillean 895
Lem buaileamaid ball.

Bhiodh busan chun nan ciabhagan
Dubh le breacadh-sianain,
Bhiodh luirgneans iad riabhach,
Breac, liath-ghorm, dearg, 900
Air dathadh leis aghrìosaich
Bho mhadainn nuair a liath i,
S na faigheamaid gus bialaig
Nach iarramaid falbh,
Nuair bhiodh an crannadh geur ann, 905
S gum feannadh e na féithean,
Aghaoth an Ear ag éirigh,
S aséideadh gu garbh.
A dhaindeòin sinsna dhéidh sin,
Chan fhanamaid bhon chéilidh, 910
Farn cluinneamaid an sgeul
Ris an éisdeamaid balbh.

Brochan dubh an eòrna,
Gun itheamaid ar leòr dheth
Is ceapaire na h-òrdaig 915
Le òirleach do dhìm;
Gheibheamaidnar dòrn e
Mun rachamaid na mhòintich
Gus innis achruidh òig
Air srath feòir anns na glinn. 920
S e casan a bhiodh cràiteach
S an Earrach mu Fhéill-Pàdruig
Le sgagaidhean is gàgan
Asgàineadh gum buinn;
Bhiodh cuspaichean is driùcain 925
Is gearraidhean rin giùlain,
S a dhaindeòin sin cha mhùchadh
An ciùrradhad sinn.

Gur iomadach palàbhar
Le iorram agus ànradh 930


[37]

Is ullathruis a dhfhàg sinn
Mun àitaig an àm.
Bhiodh uinneagan rin càradh;
Bhiodh iodhlannan rin làr ann;
Farn suidheamaid air gàradh 935
Bhiodh beàrnachan ann.
Bhiodh gearainean gun tàmh oirnn,
Bhiodh ruith aig Seòras Làman,
S ged chumadh e air sglàmhachd
Gus sgàineadh a cheann. 940
Bhiodh abhainn air a tàbhach
Is cabhuil air gach àthan,
S na Sasunnaich acnàmhan
Nach tàrradh iad lann.

Bhiodh bodaich agus cailleachan 945
Acronachadhs adearbhadh,—
Tham polisman is fear air
Gur sealg anns gach àit,
S nan togadh e air falbh sibh
S do dhonadasgur leanmhuinn; 950
Thar sgoilearan na h-Alba
Gun dhearbh sibh ur làmh.
Nuair dhfhosgail sibh gu falchaidh
Achachaileith aig Fearchar
S a leig an crodhs an tarbh 955
Mach a dharbhar Iain Bhàin,
S a cheangail bocsa tin
Ris achù aig Calum cìobair,
Gun ruith e leis air mhìltean,
S an gliong aig amhàs.” 960

Nuair thigeadh aBhliadhnÙr oirnn
Gur sinne bhiodh gu sunndach,
Bhiodh gillean air an ùrlar
Le smùid orran dram,
S inbhe air an cùlaibh 965
Ag amharc air na lùigein
A chrathadh iad le sùrd


[38]

Ann an tionndadh an danns’.
Nuair gheibheadh iad achiad
Bu mhath leo air am bialaibh; 970
Bhiodh stàilleag aig na miaran,
S car fiaradhnan ceann
Le gliogairsich is gàire,
Gun diog ann ach aGhàidhlig;
Bidh cuimhnagam gu bràth 975
Air achàbraid bhiodh ann.

Ach càit an deach an sluagh sin
A baithne dhuinn an uair sin,
Tha cuid air fearann fuadain
Snan uaghannan meall; 980
Tha beagan dhiubh air gluasad,
Afeitheamh ris an uair ann,
S cead dheireannach an cuairteadh
Air thuar a bhith ann.
Na taighean a bha suas ann, 985
Gun chabar air an uachdar;
Tha sealasdair is luachair
Abuannachd nan stall.
Gur aithnichtair an dùthaich
S na fasain thàinig ùr, 990
Gun do dhatharraich i cùrsa
Fo stiùradh nan Gall.

Dhatharraich an tìm sin
Bhon thàinig sinn gus ìre,
Na fasain thàinig ìnnte, 995
S na h-innleachdan ùr’,
S na h-annasan a dhìnntrig
Nach baithne dha na suinn sin
A thàinig tromh na linntean,
S tha sìntes an ùir. 1000
S onarach leam ìnnseadh
Mar chomhlion iad an tìm ann,


[39]

S a chothaich iad an ann
Le dìcheall an dùirn.
S deiseals gum bu dìleas 1005
A sheasadh iad an rìoghachd,
Geds beag ann bha do shuim dhaibh
Nuair rinn iad an tùrn.

Tham bailen deachaidh màrach
Air dealachadh ri àbhaist, 1010
Gun mharsanta, gun tàillear,
Gun cheàrdach, gun chrann;
Gun oisinn dheth air àiteach,
Ach borran agus tràthach
Is coineinich astàrachd 1015
Mu làraichean lom’.
Far faca mi na h-àrmuinn,
S na fir a bha gun fhàillinn
A ruitheadh thar na tràghad
Gus àirde nam beann; 1020
Bhith ag coimhead air an dràsda,
Gun choimhearsnach, gun nàbaidh,
Cha toilich e mo nàdur
Ged thàrlainn bhith ann.

titleXI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page