[40]

XII PÌOBAIREAN CAMSHRONACH ANNS AN RUAIG MHÓR (1918)

Duanag mu chruadal nan laoch ud 1025
Bho fhuar-bheannaibh fraoich Innse-Gall
Nuair choinnich iad aodann ri aodann
An nàmhaid an caonnag na Fraing’;
Bu sgairteil am feachd air an t-sliabh iad,
Gam faicinns Lochial air an ceann,— 1030
Agluasad gu cruachanach, calpach,
Is suaicheantas Albann ri crann.
O, ’s e gillean nan gleann,
S bho bhinnein is slinnein nam beann;
Gun togamaid fonn air na gillean 1035
A chleachd a bhithn iomairt nan lann.

Nuair thàinig na Gearmailtich tarsuinn,
S a chuir iad an gas oirnn a nall,—
Chuir sinn ar n-aghaidh air Calais
Is thug sinn ar casan leinn ann; 1040
Chaidh sinn a-stigh a dhEstaminet
Is cheannaich sinn galan den dram,
S bha mises am Bóideach is Lachlann
S am pige ma seach air ar ceann.
O, ’s ann againn bhan dram,— 1045
Cha robh es an fhasan bhith gann;
Bu sud againn buideal is pige
Agus botul-ar-fhichead Vin Blanc.

Nuair ghabh an luchd-ciùil an ratreut
S nach deanadh iad feum leis an lann, 1050
Chuir iad an aghaidh air Hazebrug
Romh choltas nam béistean bha thall;


[41]

FionnlaMàrtainn is Tormad MacFhilib
Na sùilean gun sheas iadnan ceann,
Nuair thàinig iad goirid dhan station, 1055
Gun sgial air an trèans i air chall.
O, chan urrainn sinn ann,
Ciamar is urrainn sinn ann;
Chan urrainn sinn coiseachd nas fhaide,
S an t-acrasgar dalladhs sinn fann. 1060

Bha Robbie ann an droch urrachd,
Gun fiù agus currachd mu cheann,
Cha togadh e bhial as abhuideal
Cho fads bhiodh supag aigann;
Nam biodh e air tachairts achuideachd 1065
An uair chaidh an cooker air chall,
S mise gun rachadh an urras
Gum faiceadh tu fuil air a sgall.
O, ’s ann ort a bhan call,—
Nach fhaca tu Robbies a sgall; 1070
E tighinn le eallach de bhotuil
S iad aigann am pocair a dhroll.

Bhan Drummie afalbh air an toiseach,
S e mar gum biodh moigheach air gleann,
Nan cluinneadh e fuaim air a chùlaibh 1075
Gun dùineadh e shùilean gu teann,
Ach thug e sud sùil thar a ghuailleadh
S gun ghlaodh e gu cruaidh, “Eil sibh ann?
Mur dean sibh bhur casan a shìneadh
Gum bi sibhs aphrìosan Potsdam,” 1080
S thug e ri bruthachna dheann;
O, ’s ann aige bha steall
Ga chur as gach lòn is lodan
S a ghruags ina stob air a cheann.

Bha Robbie atighinnna throtan, 1085
Bha cearc aiges poca mu cheann;
Oircein asgiamhail air ròpaige,—
Saoil nach be spòrs a bhith ann.


[42]

Gum bait leam bhith faicinn a spògan
Nuair chaill e na brògans apholl, 1090
S mun ràinig en campa Di-dòmhnaich
Bha ingnean nan òrdag air chall.
O, ’s ann aige bhan ceann;
Cha robh feum aigair ceann-aodach ann;
Cha chuireadh an t-uisge no ghrian ris 1095
Bu chruaidhe nan t-iarunn a sgall.

Bha Donnchadh atighinn gu tapaidh,
Ged bha e car lapachs an àm,
Ach thuit e air dheireadhna ònar,
Cha chumadh e còmhris an dream, 1100
S theann e ri glaodhaich dhan chòmhlan,—
A chlann an Fhir Mhóir tha sibh ann;
S ann tha sibh air thuar dholgam fhàgail,
Nuair thàinig am bàs orm gu teann.
O, nach sibh a nin call, 1105
Ma dhfhàgas sibh mises mi mall;
Ma thuiteas min làmhan nam biastan ud
Théid mi dhan t-sìorruidheachd thall.”

Achs fheudar dhomh innses an duanaig
Mar thill sinn mun cuairt anns an tòir, 1110
Nuair dhéirich ar n-àrdans ar n-uamhar
Le tàmailt mun ruaig a bhith oirnn,
S ged bha sinn gun fhùdar, gun luaidhe,
Bha cùnntais air uachdar an fheòir
A dhfhàg sinn abreabadhnam fuil ann, 1115
Gan leagadh le buillean nan dòrn.
O, bha sinn air ar dòigh,—
Na gillean dhan tigeadh bhith seòlt’;
Ged ruitheamaid, thilleamaids bhuaileamaid,
S theireamaid fuaim air an sròn. 1120

titleXII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page