XIII NAOMH BHALARAIDH AGUS DUN-CIRCE
An spiorad ar sluaigh sireamaid buaidh,
’Illean dha’n dual fearalas;
Tìr agus cuan ’s an iarmailte shuas
An dìorras gun uair taisichidh;
Cleachdadh ar gnàth, dìleas gu bàs, 1125
Nàimhdeil ri nàmh ainneartach;
Ar gnùis ris na daoi, shìol nam fear saor,
Iarmad nan daoin’ againne.
Fhiribh nan tonn, grad air ur bonn,
Crioslaichibh lann glas oirbh 1130
Is nàmhaid le sluagh bàrcadh thar chuain,
’S làmh rinn an tuar bagarrach.
Dùisgibh ’nur feirg, rùisgibh ’ur n-airm,
“Dùbhlan” ’nur gairm-chatha dha,
Buailibh gu clis, luath-lamhach ris, 1135
Sguabadh le sgrios allaidh air.
Thannasg nan seann linntean a bh’ann,
Aiteam nam beann carraigeach,
Faicibh ’ur clann a’ glacadh nan lann,
Smachdachadh dream ceannairceach; 1140
Eunlaith nan speur cruinnichibh gu léir,
Gibhtidh sinn feusd fala dhuibh,
Fhithich nan ròc ’s milis leat feòil,
’S ithidh tu leòr fhathast dhith.
Ithidh tu leòr, ithidh is còrr, 1145
Suidhichear bòrd farsuing dhut
Eadar an Còrn ’s Bodach na h-Òigh’,
’S ni an cuan mór sailleir dhut.
Ghnàthaich sinn riamh fàrdaichean fial
Is àbhaist ar sgial leanaidh sinn; 1150
Thàinig an uair aoigheachd mu’n cuairt,
’S bàs dhuinn no buaidh—teannamaid.
Theann sibh mar thà ’s sheall sibh ’ur tàth,
Gheall e dhuibh bàs ’s mhealladh air,
Cruaidh ’s gun robh càs fhuair sibh á sàs, 1155
Sguab sibh an clàr falamh air.
’S fìor gur e sibh sìol Mhic-an-Lìr,
Rìamhag na Tìr Mhanainneich,
’S rìoghachd a’ chuain oighreachd ’ur sluaigh,
Toillteanach buan-mhaireannach. 1160
Atadh le pròis m’aigne agus m’fheòil,
’S caidreach am pòr flathail dhomh,
Bhuidheann bho chòrs Uibhist a sheòl,
’S guidhe mo bheòil rath orra;
Camshronaich sìbh, ainmeil an strì, 1165
Dh’earbainn a bhith ceannasach;
Daingeann mar chruaidh charraig ’s an stuaidh,
Carachd ri cuan gaillionnach.
Pòr Innse-Gall, còisir gun fheall,
Còmhlan nach mall carachadh, 1170
Còisirean cuain, eòlach air buaidh
Chòmhragan cruaidh dannarra,
Sguabadh bho’n iar buaireas nan sian,
Dualchas nam fìor Aileanach,
Bho thìr uaine nan caol, sìol uasal nan laoch 1175
Dh’am bu shuaicheanteas fraoch baideanach.
Dùblaichte ribh Dùthaich Mhic Nìll,
Dlùth ann an crìch maille ribh,
Theannaicheadh buill bheartach ri cruinn,
Sgaoileadh ri gaoith canabhas; 1180
Stiùradh gun dìth, ionnsachadh cìnn,
Cùrsa gu tìr aineolach.
Chleachd air na tuinn gleachd mar na suinn,
Tartarach bho linn Ealasaid.
Fhearaibh mo ghràidh chuir sibh am blàr 1185
Fuilteach ’s an là bharraichte,
’N eachdraidh na h-Eòrp’ sgairteil mar sheòid,
Gaisgeil ’nar n-òg lathaichean.
Glacte ann an gréim, brathte le foill,
Taice ri tuinn mharannan, 1190
Bhuail sibh ’ur beum toirtealach treun,
’S dh’fhosgail sibh fhéin cachaileith.
Cearcal mu’r cuairt cosgradh ’s an ruaig,
Chaisg sibh le cruaidh chasadh iad;
Thàrr sibh gu tuath sàbhailte bhuap’, 1195
Càbhlach a’ chuain ghabh sibh e.
Luaidh air na sàir bhuadhach air sàil,
Dualchas nan sàr mharaichean,
Armailteach giar ainmeil bho chian,
Dearbhte ’nan gnìomh annasach. 1200
Rinn sibh ’ur tùrn soillseach thar thùrn,
Thoill sibh an cliù maireannach,
Innsear an sgeul linntean ’nan déidh,
Bhruidhneas mu’n treun athraichean.
Cliù bhith dh’an Dia chum oirbh sgiath 1205
’S tionndadh le fìor aithreachas,
Dh’éisd E ri glaodh chléir agus dhaoin’,
’S réitich E caol bhealach dhuibh.
Sgiathan ri gaoith lìonte le daoi,
Dh’fhiachadh ar suinn brag orra, 1210
Sia mu gach aon sìos air gach taobh,
Eunlaith mo ghaoil ’s math leam sibh.
Luaidhe mu’n ceann buailte gu teann,
Ùilleadh ’na steall ’s lasag ris,
Chraosladh e suas loisgte ’na ghual, 1215
’S daor a tha dhuais aige-san.
Thill sibh gu uaill inntinnean sluaigh,
Dìblidh an cruas ainniseachd,
Slacte bho chìs, creachte dhe nì,
Acrach gu sìth bheannaichte. 1220
Pàiteach gu ceart Ard-Rìgh nam Feart,
Sàraichte aig feachd aineolach,
Bhrùchd air an tìr dhùthchail mu’n cinn,
Brùideil gun mhìr carranntachd.
Géill cha robh ann, euchdan neo-ghann, 1225
Eisdidh ar clann fhathast ris,
Aogasg nan siad, glaodh aig am bial,
’S aon fhear ri sia ceatharnaich.
Thaom sibh ’ur fuil chraobhach mar thuil,
Saorsa bha bhuil aisigte, 1230
Teasraiginn chàich ghreas sibh dhuinn là,
’S Ceiltich ’nan làn aiseirigh.
title | XIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |