XIVEL ALAMEIN
’S ait leam an sgeula
Th’air teachd oirnn bho’n Éiphit,
Ar feachd bhith air éirigh 1235
’Nan treubhantas dàna;
Bhualadh am beum ’ad
Gu lùth-lamhach, gleusda,
Gu cruaidh-bhuilleach, geur-lannach,
Reubach dha’n nàmhaid. 1240
Maithean nan lùth-chleas
Am bràighe na cùiseadh ann,
Gàidheil mo dhùthcha
Air thùs mar a b’àbhaist;
Guaillean an tùrna 1245
Dol suas mar bu dùth dhaibh,
Le fuaimrich an t-siùnnsair
A’ dùsgadh an àrdain.
Cruachdairean calma
Fo shuaicheantas Albann, 1250
Fuil uasal nan garbh-chrioch,
Cho dearg ris an sgàrlaid;
Ruagairean ainmeil
A b’fhuasgailteach meanmnach,
’S a bhualadh gu marbhtach 1255
’S a’ gharbh-chasgairt làmhan.
Cuspairean cìnnteach
Le musg air a sìneadh ’ad,
Sealgairean sìthne
Thar frìth nam beann àrda; 1260
Sìol nam fear-feachda
Bha euchdach ’nan eachdraidh
Fo éideadh a’ bhreacain
A chleachdadh le’n nàisean.
Chnàmh mi le mì-ghean, 1265
’S cha nàir’ leam ri ìnnse,
Bha ceusadh air m’ìnntinn
A’ cluinntinn ar càraidh.
Dh’fhàg sibh na mìltean
’S an àraich ’nan sìneadh, 1270
’S tha àireamh am prìosan
Do dh’fhìor-fhuil nan Gàidheal.
Bheàrr sinn ar n-innsreadh
Air àrainn na sìthe,
’S cha b’fheàirrde sinn fhìn e, 1275
’S an tìm so a thàinig;
Suairceas ri nàimhdean,
Cha bhuannaich e nì dhuinn,
’S e chruaidh ris na cìbhlean
A bhruidhneadh a’ Ghàidhlig. 1280
Eadailtich, Gearmailtich,
Deiseal gu argumaid;
Chruinnich iad an armailtean,
’S mharbh iad na Spàinntich.
Choc iad gu tuath ruinn, 1285
A’ nochdadh am fuath,
’S leig an leòghann a nuallan,
A chualas le h-àlach.
Lorg iad gu h-ionnsaigh
Le colg air an gnùisean, 1290
Mar chonbhairean siùbhlach,
A’ rùsgadh nan clàrag.
Sìol nam fear cròdha
Dha’n dualchas an t-eòrna;
Na fuamhairean móra 1295
Ni chòcaireachd chràiteach.
Àlach nan dream sin
A dh’àraich na gleanntan;
Bhiodh blàthan an t-samhraidh
A’ reamhrachadh blàir dhaibh. 1300
’S cleachdta ri amhluadh
Na sneachdannan geamhraidh,
No stacannan trom-gheal
Ri bonn nam beann àrda.
Glacairean cruadail 1305
Ri teas no ri fuachd iad,
Bhiodh seasrach air fuarag
Do dh’uachdar na h-àirigh.
Ceiltich gu’n cùl iad
Le seircead ’nan gnùisean, 1310
Gu deas, dìreach, lùthmhor,
Glan, cùmt’ air an cnàmhan.
Dh’fhuiling sinn ri riasladh
Mu’m fuilingeamaid strìochdadh
A luirgnean ’s do dh’fhiaclan, 1315
Bha dìosgan a’ chràidh oirnn;
Sluagh ann an diachainn
Gun uair aca dìomhainn,
A’ buannachd an sgiathan
Le dèanadas làmhan. 1320
Fhuair sin ’ad dèanta,
’S bu bhuadhmhor an gnìomh ud
Gun sguabadh o’n iarmailt
An ianlaith a phlàigh sinn,
Thilgeadh á speur iad, 1325
A dh’imlich an creuchdan,
Mar ioma-ghaothach Céitein
A’ séideadh air càthaidh.
Tùirse mo shaoghail
Le tùirling na h-aoise, 1330
’S i giùlan a gaoidean
Nach faodainn bhith làmh ruibh;
Tionndadh nach caomh leam,
’S a dhrùidh air mo smaointean
A shiùbhladh air Snaoiseabhal, 1335
Aotrom, gun fhàillinn.
Chrìochnaich an ùine ud,
’S tha’n t-sìorruidheachd dlùth dhomh,
’S e triall chun na h-ùireadh,
An cùrsa tha ’n dàn dhuinn, 1340
’S taing dha na dùilean
G’eil ginealach ùr ann
A sheasas gun mhùiseag
Na cùisean ’nar n-àite.
Thighearna, ’nAd thròcaire, 1345
Dìon dhuinn ar n-òigridh,
Do sgiath bhith ’gan còmhdach
Air còmhnard an fhàsaich;
Teasairg ’s a’ chòmhstri iad,
Daingnich ’nan dòchas iad, 1350
Neartaich an dòrnaibh
An còmhrag na stàillinn.
Tàlaidh fo T’òrdugh iad,
Àrdaich ’nAd eòlas iad,
Tàrladh Do mheòir bhith 1355
Air pòraibh an nàduir;
Treòraich tromh thìm iad
Gu cùrsa Do rìoghachd
Is deònaich Do shìth dhaibh
’N àm imeachd Ad làthair. 1360
Is uaibhreach mo sgeula
’S an uair so g’a leughadh,
Gur uallach mo cheum leis,
’S tha reusan no dhà air.
Fhuair mi mo léireadh 1365
A chuala mu’r déidhinn
’Gur fuadach dha’n Éiphit
An déidh bhith ’m Benghàsaidh.
Fhuair sibh ’ur dùbhlan,
Ach bhuannaich sibh biùthas; 1370
Mo luaidh air na diùnlaich
Nach liùgadh fo’n tàmailt!
Bhuail sibh gu lùthmhor,
’S tha’n ruaig air a tionndadh,
’S le uaill as mo dhùthaich 1375
Gun dhùisg mi gu bàrdachd.
Bhuail sibh gu fearra-bhuilleach,
Bhuail sibh gu fearg-bhuilleach,
Fuar-bhuilleach, garbh-bhuilleach,
Searbh-bhuilleach, sàr-ghlan; 1380
Bhuail sibh gu goirt-bhuilleach,
Bhuail sibh gu h-olc-bhuilleach,
Bhuail sibh mar chorc
Ann an corp ar a sàthadh!
Bhuail sibh gu fuilteach 1385
A ghruagan ’s a dh’uilt iad,
Gun d’fhuair iad gu murtach
An t-ultach nach b’fheàirrd iad;
Ruathar is rusladh
A thill iad gu tuisleach, 1390
’S ann shìn iad ’s an duslach,
’S an cuislean a’ tràghadh.
Bhuail sibh cho garg iad
Ri nuallan na fairge,
’Ga ruamhar le gaillionn, 1395
’S i’n earra-dheas ’na deàrrsaich;
Tuar na crith-thalmhanna
Gluasad nan garbhlach,
’S e thuair ris an dealbhaichinn
Dairirich ur làmhaich. 1400
B’uamhalta an targnadh
A dh’ uainich an armailt;
Thug gruaim air am mailghean
Is gairisinn ’nan càileachd.
Thionndaidh iad carbad, 1405
’S bu shiùbhlach am falbhan,
’S chuir cùram an anamannan,
’S salachar mu’m màsan.
title | XIV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |