XVII DÀ DHÒMHNALL RUADH RIS NA GIOMAICH
Séisd:
O hilleirinn horo o ho gù,
I iùbhra bho, mo chailin donn, 1570
O hilleirinn horo o ho gù.
B’e turus gun bhuaidh thug sinne gu tuath,
Ma thugadh gu cuan na h-eangaich oirnn.
Cha ghluaiseadh i ’s gann am falt air do cheann,
Nuair chuir sinn ’ad ann Di-sathuirne. 1575
Ach thàinig i’n earra-dheas, dh’fhàs i cho garbh,
’S gun tugadh air falbh o’n chladach ’ad.
’S a’ mhadainn Di-luain chan fheuchamaid bhuainn,
Bha coltas a’ chuain cho bagarrach.
’S a’ mhadainn Di-màirt o bha i na b’fheàrr, 1580
Gun chuir sinn ri spàrr a baideannan.
Nuair ràinig sinn shìos a’ dearcadh gu giar,
Chan fhaiceamaid sgial air maide dhiubh.
Ma thig i o’n tuath ’s nach fan unnta chruaidh,
Gun aisigear suas gu Canaidh ’ad. 1585
Chan eil anns na cléibh ach obair gun fheum,
Gun dean ’ad diol-déirc’ air thalamh dhiom.
Na b’iongantach lìbh mu’n tig mi gu crìch’,
Ged rachainn tromh ’n tìr air bhaigeireachd.
Am fear a tha làimh rium faodaidh e ràdh— 1590
“An iomadach càs gur paidhir sinn.”
Ged thigeadh oirnn sealbh, cha b’fhad’ bhiodh i falbh,
’S cha ghleidheamaid airgiod dh’fhairtlich oirnn.
Na boirionnaich fhéin, chan fhaigheamaid té dhiubh
Chumadh an léine ghlan oirnn. 1595
Ma théid mi d’an chòmhlan bidh ’ad ri spòrs,
A h-uile té òg is blad oirre.
Bidh an clachair ’s an saor ’s té aige ri thaobh,
Cha tigear an gaoth nam maraichean.
Chan fhaigh mi té leòmach thig ann am chòir, 1600
Gur beag oirre tòic nan dallagan.
’S ann chanas ’ad rium, “Bi teannadh a-nunn,—
Tha fàileadh a liunn ’s na tearradh dhiot!”
title | XVII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |