XVIII AEÒLUS AGUS AM BALG
ÒRDUGH AEÒLUIS DO’N BHALG
Labhair Aeòlus, “Séid, mo bhalg,
Pronn an calg is frois an gràn, 1605
Rùisg na tighean, spìon am fraoch,
Leag na craobhan sìos ri làr.”
“Riab is siab is bris is sgealb,
Ardaich m’ainm-sa measg nan dùl,
Nochd do dh’innleachdan chlann-daoine 1610
Meud am faoineid ’nam dhà shùil.”
“Séid gu daingeann, séid gu cruaidh,
Séid gun iochd, gun truas, gun chàs,
Séid le uile chlì do ghuailleadh,
Sgrìob do sguaibeadh, faiceam à.” 1615
“Gainne is gort is gaoiribh guil,
Sgrios is tuil is call is àr;
Faiceam geilt an gnùis an t-sluaigh,
’S ait leam gruaidhean fhaicinn bàn.”
“Faiceam ainmhidhean a’ crùbadh 1620
Anns gach toll is cùil is càrn,
Sireadh iasg an t-aigeal gorm
Is mise, dia na stoirm, ’ga ràdh.”
“O ’s e cumhachd, còir is ceart,
Feuch mo neart air muir is tìr, 1625
Sir ’s na seachainn sean is òg
Is thar gach seòrsa tog mo chìs.”
“ ’S coingeis leanabh no fear liath,
’S coingeis feòil no iasg leam ann;
’S coingeis duine, brùid, no ian; 1630
Sgaoil mo lìon o cheann gu ceann.”
“Tarruing sgrìob an lùib nam beò,
Bris ’nan dòchas ioma neach
Is nochd do chumhachd mhór, a bhuilg,
Ann ad luirg biodh sgeul nan creach.” 1635
AEÒLUS A’ BÒILICH
Tha mo chuireadh farsuing, fial,
Fada is cian feadh thriath is dhùl;
Iad a chruinneachadh o gach taobh
Is gheibh iad saor mo chuirm-chiùil.
Teachdaire nan casan sgiathach 1640
E bhith triall ’gan toirt gu teachd,
Eadar far an deàrrs’ a’ ghrian
Is far nach fhacas riamh ach sneachd.
A h-uile h-aon fhear shìos no shuas
Air an d’fhuaradh lideadh sgeòil 1645
A thàinig o chluais gu cluais
A-measg nan sluagh le aithris beòil,
A chaidh air cloich no clàr a sgrìobhadh,
No chuir filidhean an ruinn
G’an aiseag o’n tìm a bha 1650
A-nuas o phàrantan gu cloinn.
Creideamh na h-aimsir a thriall
Do chuan na sìorruidheachd nach tréig
Am fad bhios an ainmeannan beò,
Cho fad’s bhios cuimhn’ air Tròidh is Gréig. 1655
Air an luaidh an cainnt a’ bhàird
“Homer” as àirde ann an cliù
Cruinnicheadh iad ’s gum faigh iad ceòl
Nach d’fhuair an Fhéinn mu chòrn nam fiù.
Leigidh mi mo ghaoth thar lomhainn 1660
As a tollaibh domhainn duaichnidh;
Is cluinnidh linn gun teachd orr’ aisneis
Mu’n tig i air ais gu h-uaimhidh.
Sud mo ghlaodh thugad, a Thòir,
Gus an t-òrd a dhol ’na dheann 1665
Is teine dealain, lasrach, geur,
Bhith sracadh brat nan speur gu’m bonn.
O’n is ionmhuinn leat an stoirm
Cluinneam dairirich buillean t’ùird,
A’ cur dhaoine air chrith le fuaim, 1670
’S a’ cur luasgan air gach brùid.
Tilg do bheithrichean a-nuas,
Rùisg is ruamhair uchd nam beann;
Cnuic is garbhlaichean nan stùc
A’ falbh ’nan sprùilleach sìos le gleann. 1675
Dùisg, a “Neptune”, as do shuain,
Piopraich suas an cuan gu strìth;
Faiceam colg air cìrein stuadh
Gu còmhrag chruaidh a chur ri tìr.
Leum air Alba o cheann gu ceann, 1680
Crath a beanntannan gu’m bonn;
Éireadh fairge ghorm ri’n gnùis
Is bidh neart mo bhuilg ri cùl nan tonn.
Fùidse dha cloich ghràine ghlais
’S tric a chais mi oirr’ o’n iar; 1685
Ach a dh’aindeòin neart mo bhuilg
Cha deach tulg ’na stéidh a riamh.
Ged tha, chan eil orm-sa sgàth,
’S binn leam gàir nan còmhrag garg,
’S ait leam gleac ri gaisgeach treun, 1690
Fear nach géill dhomh fhéin ’s dha m’bhalg.
“NEPTUNE” AG ÉIRIGH
Dh’éirich “Neptune” suas le mhorghath
Is e ’ga chonnlachadh an àirde,
Mar lann bhiodh os cionn a ghuailleadh
Aig curaidh a’ ruagadh nàmhaid. 1695
B’aognuidh an sealladh fo bhuaireas
Rìgh nan stuadh gu ghruamach colg,—
Nàmhadas, àrdan is uamhar
A’ deàrrsadh ’na ghruaidhean gorm.
Bu nàimhdeil a mhuing gheal-chopach 1700
Air druim cnocach a’ chuain mhóir,
’S a h-uile calg innt’ ag éigheach
Gum b’e chreud-san ’s cumhachd còir.
Ge b’e shealladh air na speuran,
Bha e léirsinneach ri fhaicinn, 1705
Aig an t-sùil dha ’m b’eòl a leughadh,
Gun robh fearg na béisteadh laiste.
Sheall e mu’n cuairt air a rìoghachd,
Dh’fhosgail a chuinneanan farsuing,
’S e deas gu glacadh ’na chrùidhean 1710
Aon a thigeadh air oighreachd tarsuinn.
Thilg e bàta mór na smùideadh
Bun os cionn leis an làimh làidir,
I fhéin ’s na bh’innte ’ga giùlan,
Thug e ’n grùnnd mar àite-tàimh dhi. 1715
Sloc a h-uaghach air a dhùnadh,
Gun fear innse-sgiùil air fhàgail,
Sin dhut leab’ tha farsuing, sùmhail,
Far am faod na giùdhrain fàs ort.
Nuair a laigh i air an aigeal 1720
Ghearr e stailleag is rinn e gàire,
Choc e smigid is shìn e sgòrnan
A’ cur bòsd á neart a ghàirdein.
“NEPTUNE” A’ BÒILICH
Dh’éigh e, “ ’S mise rìgh nan tonn;
’S mise an sonn a dhearbh mo ghnìomh; 1725
’S mise riaghladair nan stuadh
A deas ’s a tuath ’s an ear ’s an iar.”
“ ’S mise fear an eallaich mhóir,
’S mi tha beòthail air mo bhuinn,
Cha toir aois air falbh mo threòir, 1730
Tha mi òg o linn gu linn.”
“Tha mo bheartas maireann buan,
Cus nas luachmhoire na ’n t-òr
Is e cho pailt ’s nach fhairichinn bhuam
Na chaidh riamh a bhuain dhe m’ stòr.” 1735
“Glaiste, ceangailte fo m’ dheubhann
’S lìonmhor seud as àille snuadh
Nach leig innleachd dhaoine ris
Fhad ’s bhios mis’ os cionn a’ chuain.”
“ ’S mis’ an gaisgeach nach eil faoin, 1740
’S ann ’nam ghàirdean a tha ’n tàth;
Seall air Carraig Leum-Mhic-Neacail,
Mis’ a shrac i mach o chàch.”
“Mis’ a chladhaich Uamha an Sgòid
A-steach a sgòrnan na cloich ghràin, 1745
Mis’ a dh’iomain Mol nan Dòrnag,
’S mi rinn còmhnard an Tràigh Bhàn.”
“Tha clann daoine rium a’ sabaid
O’n chaidh maid’ a chur air snàmh,
Eadar sin ’s am bàta cruadhach 1750
Dùbailte mu’n cuairt a’ mhàis.”
“Ach a dh’aindeòin an cuid innleachd
Bidh mo chìs orra gu bràth
Is fhad’s a bhios mo dhruim ’gan giùlan
Togaidh mise dhiùbh mo mhàl.” 1755
“ ’S mis’ an steud nach fuiling srian,
Nach gabh ciallachadh no stad;
Có chuir deubhann air mo shàil
O laigh an Àirc air Ararat?”
“ ’S mis’ tha daonnan deas gu còmhstri; 1760
Suas sinn Aeòlus, glòir dha ’r n-ainm,
Mis’ is thusa an taic a chéile,
Ho ro éile, séid am balg.”
“NEPTUNE” RI AEÒLUS
“Séid gun aiteal, séid gun abhsadh,
Séid le bladadh a ni cnead; 1765
Séid gu gnuadha, gruamach, gailbheach,
Fuaraidh, fearghasach le fead.
“Séid gu crosgagach gus an dìrich
Marcachd-sìne os cionn an t-sàil,
Leag do chuip le neart a dh’fhairicheas 1770
Muing is earball nan each bàn’ .”
“Séid gu cronail, crosda, fiadhaich,
Séid gun iadhadh, séid gun tàmh,
Cunbhalach mar mhullach an lìonaidh,
Séid air ìochdar a’ mhuir tràigh.” 1775
“Taisbeanamaid neart mo dhoimhneachd,
Mis’ is m’oighreachd aig mo shàil,
Ann an còmhstri nach téid crìoch air
Fhad’s a bhios a’ ghrian gu h-àrd.”
“Séid gun lasachadh, gun dìobradh, 1780
Séid da rìribh, dinn is fàisg;
Séid mar éirig air do bheatha,
Ged a spreadhadh thu ’nad chlàir.”
AEÒLUS RI “NEPTUNE”
Labhair Aeòlus, “ ’S tu mo nàbaidh,
’S tu mo bhràthair ’s an an-uair; 1785
Seasaidh mis’ air cùl do shàileach
Is mar as àill leat gheibh thu bhuam.”
“Sud mo làmh nach fhàg mi duilleag,
Feur no fionnag a th’air bruaich
Nach bi dannsadh mullach nan speuran 1790
Nuair a shéideas mise suas.”
“ ’S mór ’s gur uamhasach mo chumhachd
Ann an spionnadh ’s ann an smuais!
Ni mi blàths a thoirt gu fionnachd
Is nì mi sgiolladh leis an fhuachd.” 1795
“Ach an diugh mo bhòid ’s mo mhionnan
Nach eil duine dubh no ruadh
Nach bi gealachadh le aognachd
Nuair a dh’éireas gaoth is cuan.”
“Sud an ceòl as binne leam-sa 1800
Na cruit-chiùil a chualas riamh;
Gaoir nam bantraichean ’s nam pàisdean
Is iad gun àit’ am faigh iad dìon.”
“Làrach lom an àite tighe,
Leac na cagailte ’s i fuar, 1805
Mic is athraichean is bràithrean
Brùite, bàit’ air feadh a’ chuain.”
“Bailtean móra dol ’nam fàsach,
Sealladh as àille le m’shùil,
Làn do chuirp ’s gun duin’ air fhàgail 1810
A their àite dhaibh ’s an ùir.
“Gàrachd an fhithich, gloc na farspaig
Is iad a’ sracadh ann an cairbh,
Air an tachdadh leis a’ ghionach,
Agus muilleanan dhiubh marbh.” 1815
“Beanntannan a’ dol ’nam fùirneis
Is iad a’ spùtadh teine dearg,
A’ sgeith am mionach dha ’n iarmailt,
A’ cnàmh ’s a’ crìonadh ’s a’ searg.”
“Talamh glas a’ falbh ’na luaithre, 1820
Gun an uachdar ach a cheann,
Mis’ a’ sguabadh lom air aghaidh
Is tus’ a’ cladhach aig a bhonn,”
“ ’Ga chur an lughad ’s an duibhead,
Buaidh is piseach gun robh leinn; 1825
Cuireamaid a-mach á bith e,
’S na biodh nithean ann ach sinn.”
Moch-eirigh Phàdruig Mhóir ’s a’ mhadainn air an t-siathamh latha deug dhe ’n Mhàirt ’s a’ bhliadhna naoi ceud deug agus am fichead.
Dh’éirich Pàdruig moch ’s a’ mhadainn,
Ris an leabaidh lùb e ghlùin;
Thug e adhradh is dh’iarr e beannachd, 1830
Rìgh na Cathrach os a chionn.
Ùrnuigh dhian le dòchas làidir
Ann an gràdh ’s an creideamh beò,
Anns an Trianaid Naomh ag earbsadh,
Ghnìomh ’ga thairgseadh chum an glòir. 1835
“Dhuinn ar n-aran làitheil” dh’iarr e,
“Is math ar fiachan dhuinn gu léir,
Treòrachadh tromh Ghleann nan Diar so
Is beatha shiorruidh as a dhéidh.”
Ann am faosaid a their furtachd 1840
Bhuail e uchd is ghabh e chreud;
Ghuidh e Am Freasdal bhith ’na fhàbhar
Is dh’iarr e chòmhnuidh gràsan Dhé.
A dhleasdanas na maidne dèanta,
Tùs a ghnìomh do Dhia nan dùl; 1845
Sheall e mach gu ceann an tighe
Is ris an adhar thog e shùil.
Mhuthaich e Bheinn Mhór fo cleòca,
Buaireas anns na neòil gu h-àrd;
Bun na gaoithe anns an earra-dheas, 1850
Grian is fearra-ghrian trom a’ snàmh.
Chual’ e mèilich nan caorach,
’S iad a’ sireadh aonach àrd,
Gaoir na geilt’ am bial nam faoileag
Is iad ’nan sgaothan feadh a’ bhlàir. 1855
Cha robh tanalach an iar air
Nach robh ’g éirigh fiadhaich àrd;
Eadar Thoile-sgeir is Geodh’ -an-dùine
Chunntadh e gach bogha làir.
Air gach comharradh bu léir dha 1860
Is air na speuran ghabh e beachd
Is dh’inns a thuigse air réir a leughaidh
Gun robh béistealachd a’ teachd.
Fhuair e greim air ceirsle shìomain,
Ghreas e chas is gnìomh a làmh; 1865
Sheall e air arbhar ’s air iodhlainn,
Dh’acraich e mulain ri làr.
Chuir e fiaragan mu’n timchioll
Nach biodh iomagain air na sgàth,
Ma bha Dia ’ga fhaicinn iomchuidh 1870
Is gun robh ioma-ghaothach an dàn.
Air am fiaradh is air an tarsuinn
Cha robh gainne air sìoman fraoich,
’S cha robh lùb gun ultach cloiche
Innte an crochadh air gach taobh. 1875
Chuir e cipeanan ’s an talamh
Is anns na ballachan mu’n cuairt
Gus na shaoil leis nach bu bheud dhaibh,
Ged a shéideadh na bha shuas.
Chuir e fo chlachan an t-àradh, 1880
Lion e gach càrn agus cliabh,
Phut e steach ri fasgadh sgàth iad
Is cùl a màis dha’n àird an iar.
Chruinnich e ballain chun na h-àmhadh,
Thilg e iad air bàrr an t-sùirn; 1885
Dhùin e bhàthaich is tigh nan capull,
Bior ’s an stàbull is taic ri chùl.
Bhaganaich e an tigh mu’n mhullach,
Chlach e an tubhadh ri bun-baca
Dh’ùisnich cipeanan iaruinn 1890
Gus na fiaragan a ghlacadh.
Chuir e cloimhean air gach ursainn
Is dhinn e luideagan g’an calcadh;
Dhùin e suas gach toll is uinneag
Is chròidh e tunnagan is cearcan. 1895
Rinn e sgioblachadh gun dàil,
’S a h-uile dòigh bu ghnàth leis fhaicinn;
Chaill e roimhid uair no dhà
Le cion ’s nach deach e tràth ’na fhaicill.
Dh’àithn’ e dhaibh gun dorus fhosgladh 1900
Ma thig crosgag o Ghlaic Ann-sguir,
Cha bhi againne do dh’fhasgadh
Ach an tobhta cas-ruisgt’, ceann-ruisgt’.
Chunnaic mise bliadhna reimhid
Is thug i leatha oirnn am fiar; 1905
Cha do dh’fhàg i bior air balla,
Sop air machair no air sliabh.
Ma’s e màirnealaiche mise
Tha nas miosa tighinn o’n iar,
Stoirm nach fhaca mhac a rugadh 1910
Is dìreach mar a thubhairt b’fhìor.
Thàinig dorchadas is ceò,
Dhlùthaich neòil ri talamh glas;
Shaoileadh daoine gun robh ghrian
Air an iarmailt a’ dol as. 1915
Shéid i o’n iar-dheas ’s an uair sin,
’S diocair dhomh-sa luadh an rann,
Sgread is fead na gaoithe cruaidhe,
Gaoir nach cuala cluas ach gann.
Iorghuill uamhasach nan tonn 1920
Le’m bilean crom a-steach gu tràigh,
Osnaich balg-séididh Aeòluis
’Gan toirt beò gu ceòthach bàn.
Dh’éirich suas gach sìlean gainmhich,
Rùisg a’ mhealbhach chun nan cnàmh, 1925
Caorann is caol-dubh ’gan spìonadh
Is an fhreumhaichean an sàs.
Cha robh bior air tobhta tighe,
Taobhan, no cabar, no spàrr
Nach robh falbh aice ’na fiaclan 1930
Mar gum falbhadh ian le sràbh.
Chluinnte clachan-moil an aigeal
Ann an aganaidh a’ bhàis
Is iad a’ bruanadh ris a’ chladach
Air an cagnadh ’s air an cnàmh. 1935
Mothar ann am bial gach uamha
Feadain a’ cur suas ’nan spùt
Is na h-eich bhàna teachd le turtar
Is càch ’gam putadh air an cùl.
Ri bathais chloiche a’ bualadh, 1940
’S a’ tilleadh le nuallan garbh,
Bùirean aig corrain ’gan riasladh,
Theich gach iasg a b’urrainn falbh.
Feusgain a’ dinneadh an corrag
Anns gach sgàineadh, sgor is eag, 1945
Crith ’na slige air a’ bhàirnich
Is greim a bàis aice air a’ chreig.
“Neptune” a’ brosnachadh armachd,
A chuip m’an earball is m’an ceann,
’S a chridhe sracadh le farmad; 1950
Cia ar son a bhiodh Albainn ann?
C’uim’ a dh’fhanainn air mo chrìochan?
C’uim’ nach leudaichear mo ghart?
C’uim’ nach buannaichear an saoghal
Is gun téid daonnan neart thar cheart? 1955
C’uim’ nach dìrinn thun a’ mhullaich?
C’uim’ a dh’fhuirichinn ’nam staid?
A’ chlach as ìsle ’s an ursainn,
’S ann oirr’ tha ’n cudthrom air fad.
C’uim’ nach leanainn prìomh lagh nàduir, 1960
Am fear làidir a thoirt buaidh?
’S ann le càch a chur gu h-ìosal
A gheibh mise dìreadh suas.
Ge b’e dh’éisdeadh guth nan tonn,
’S e sud am fonn a bha ’nam bial 1965
Is iad a’ dearbhadh rùn an seanachais,
Mar a dheargadh iad le gnìomh.
Aeòlus a’ séideadh le dìorras
Glan o’n iar-dheas oirnn a-steach
Mu chùl nan tonn beucach liatha, 1970
’G éirigh ’s a’ sìoladh ma seach.
Oiteag analach na béisteadh
Sitir, séideanach le nuallan,
’S minig an diugh tha mall gu éirigh,
’S minig tha éisleanach ’na gluasad. 1975
Thiormaicheadh i lòin is lodain,
Spìonadh i fodar is fraoch
Gu ruigeas feusag nan creag
A’ falbh le fead aice ’na craos.
Cha robh maid’ a bha ’na sheasamh 1980
Nach do leagadh ris an làr,
Mar a lùbadh lurg a spealgadh
Gus am falbhadh i á sàs.
Chan eil bìdeag bheag a dh’Uibhist
Eadar Uisinnis is Àird-mhaoile, 1985
Eadar Cailtinnis ’s an Càrnan
Is gus am fàg thu taobh a’ chaoil
Nach do dh’fhàg an lath’ ud sgial ann
Nach tig dìochuimhn’ air gu bràth
Is aisigear o bhial gu bial 1990
Mu’n t-siathamh latha diag dhe’n Mhàrt.
Mar a thachair do long nan Lochlannach air an turus-cuain an latha ud agus feasgar roimhe agus àireamh bheag mu’n luing is mu’n sgiobadh
Thog am bàta o chladach Lochlainn
Feasgar socair, sàmhach, ciùin,
Nach gluaiseadh fuiltean air malaidh,
’S an speur gun smal os a cionn. 1995
Bha an ceò bha falbh o’n fhàirleus
Dol dìreach an àirde suas;
Cha robh urad slige bhàirnich
Do phlucan air bàrr a’ chuain
A bha sìtheil sèimh, gun bhuaireas, 2000
Cho soilleir ri fuaran beò
Is cho sleamhainn ri sgàthan gloine,
Fèathail, faileasach, gun deò.
Chiteadh na craobhan a’ fàs ann,
’S am bun ann an àite an cinn; 2005
Chiteadh na beanntannan àrd’ ann,
’S am mullach an àite am buinn.
Bha gealach ùr ann am fianuis,
’S a h-adhaircean fiarach suas;
Cha robh reult a bh’air an iarmailt 2010
Nach robh ìomhaigh dhith ’s a’ chuan.
A dh’fhacal bu bhriagha an oidhch’ i,
Ach bha foill ’na crìdhe dubh;
Cha robh ann ach fèath an Fhaoiltich
Bu ghrad bhith a’ caochladh cruth’. 2015
Thàinig oiteag bheag o’n earra-dheas
Tuilleadh balbhaidh as a déidh;
Dh’éirich frionas, friogh, is fearghas
Air an fhairge bha cho réidh.
Thàinig buaile chruinn mu’n ghealaich, 2020
Bheothaich soirbheas, greannach, geur;
Chiar na reultan as an t-sealladh
Ann am falach air an speur.
Chaidh ’m buna-bhuachaille gu caoineadh
Is dh’innseadh an glaodh a bha o bheul; 2025
Mu’n rachadh là eil’ a dh’aois air
Gum biodh caochladh air mo sgeul.
Gum faodainn m’fhacal a dhùblachadh
Gum b’e sealladh an sùil an doill
A bhith ’g earbsadh am madainn gheamhraidh 2030
Gu leanadh i samhla o’n raoir.
Dh’fhàs i duaichnidh, duathal, dorcha,
Fuar-ghaothach, colgarra, breun,
Eu-coltach an cruth ’s an dealbh
Ri feasgar balbh an latha ’n dé. 2035
Thog an t-aodannan o bathais
Is bho gach athais a bh’air cuan,
Mhionnaich i nach tigeadh rath orr’
Iomraich Shathuirne no Luan.
Chuidhticheadh a long o’n charraig, 2040
Bha eithear tarruing romh a sròin
Gu faighte dh’fharsuingeachd cuain i
Gu ionad cur suas nan seòl.
Bu sgaiteach a cuinnean cruadhach,
Bu sgairteil a guaillean àrd’ 2045
Gu sgapadh is dìreadh chuaintean
Le sìnteag uallach o’m bàrr.
Bodhaig fhada, leathann, bhulgach,
Luchdmhor a dh’fhuiligeadh ri slacraich,
Gun deireas buill bheartadh chruadhach, 2050
Cha robh meang ri luadh ’na h-acfhuinn.
Teannaichte, ceangailte, suainte,
Ragaichte mu’n cuairt a beòil
Gu cumail nan crann gun ghluasad,
Diongmhalta, cruaidh ’nan cuid bhròg. 2055
’S a h-acfhuinn riutha d’a réir sin,
Paisgte réidh mu’n cuairt a h-ùrlair;
Bha gach cuibheal, ulag, ailbheag,
Air an armadh ’s air an ùilleadh.
Air a ceartachadh ’na h-uidheam 2060
Bhiodh a slighe ruighinn searbh,
Gun àite fasgaidh gu ruitheadh,
’S a ceann-uidhe fad air falbh.
Bàta làidir, lùthmhor, luaineach,
Astarach air uachdar fairge, 2065
Foghainteach, sliasaideach, guaileach,
Dìonach a dh’fhuaradh ’s a dh’fhalbhadh.
Cha b’e buamasdair gun eòlas
A rinn cho bòidheach ri dealbh i,
Ach fear a dh’ionnsaich ’na òig’ e, 2070
Mar bu nòs o linn a sheanamhair.
H-uile tarruing leis na dh’fhuaigheadh
Gach cliathach is guala tharbhach
Thogadh dearg á teine gual i
Ann an càirean cruaidh na teanchair. 2075
Chaidh am barradh ’s chaidh am bualadh
Eadar dithis chnuacach, chalma,
Le buillean o chùl an guailleadh
Aig bun Abhainn Chluaidh an Albainn
Le sgiobadh do ghillean suairce, 2080
Tapaidh, cruadalach, deas, dìreach,
Òga, sgoinneil, ealamh, uallach,
Greimeil, luath-lamhach gu dìreadh
Ri buill chaola, theanna, chruaidhe
Gu ceann fuaraidh na slat-rìoghail 2085
A chrochadh air ruisg na sùilean,
Ged a chnàmhadh dùirn is ingnean
Do shìol nan reubairean tuathach
Dha’m bu dualchas cuan is caolas,
Le’m birlinnean loma, luatha, 2090
Chothaicheadh iad suas ri aodann
Nan tonn gàireach, greannach, gruamach,
Nuair bu chruaidhe fead na gaoithe,
Gun earbs’ á inneal ’gan teàrnadh,
Ach an ràmh is neart an gaoirdein. 2095
Sgiobairean fairge gun ghiorag,
Saighdearan smiorail an còmhstri;
Chumadh iad an gnùis ri faobhar,
Ged bhiodh fuil is gaorr mu’m brògan.
Dìorrasach, daingean air làrach, 2100
Nach do dh’iarr air nàmhaid tròcair,
A’ feuchainn ri buille bhualadh
Gus na chuidhtich fuar an deò as.
C’àit am bheil eachdraidh ag ìnnse
Sliochd o’n Fhinn is sìol nan Gàidheal 2105
A bha am biùthas àrd air dìreadh
Mu’n tug Mìlidh as an Spàinnt iad?
Na fir ainmeil, chalma, chliùiteach,
Dha ’m bu dùthchasach a’ Ghàidhlig,
Mu aon a thug bàrr an cruadal 2110
Air na tuathaich ruadha, bhàna.
Ceatharnach cumadail, calma,
Dìreach, dealbhach air a chnàmhan,
Slinneanach, sliasaideach, calpach,
Nach do sheas armaibh àicheadh, 2115
A’ spuacadh air sgiath is targaid
Le cuailiche cairgneach, tàirngeach,
Mar choimeas ri buillean sùisteadh
A’ slaichdeadh air ùrlar àmhadh.
Ged a bhiodh air “Neptune” mìothlachd 2120
Dhraghadh iad fheusag gu dàna,
Thilgeadh iad miotag ’na fhiacaill
Is iad ’ga fhiadhachadh ’na àite.
Cha leigeadh am misneach sìos iad,
Ged bhiodh iad air bialaibh Shàtain; 2125
Sin mar tha cunntais an gnìomh
A thàinig oirnn o bhial na bàrdachd.
Sgaoileadh siùil ri crannaibh àrda,
H-aodach cinn gu bàrr a spreòid-chrann;
Chruaidhicheadh gach cluas dha h-àite 2130
Is ghabh an iùbhrach làn a sgòdaibh.
Curracag ghlas air chùl a sàileach,
Leig i guala is dh’fhàg i ’n còrsa;
Soirbheas a’ séideadh ’na sliasaid,
’S a h-aghaidh dha ’n iar fo chòmhdach. 2135
MADAINN AN ATH-LATHA
Chiar an oidhche gu glasadh,
Thàinig liathadh an latha
Is cha robh sgial air ploc fearainn an uair sin;
Cha robh sìon anns an t-sealladh
A chruthaich Dia air an talamh 2140
A tha fo’n iarmailt ach farsuingeach, uaine.
Ge b’e taobh air an dearcainn
Cha robh caochladh ri fhaicinn,
Ach fairge chaoir-gheal ’na cearcall mu’n cuairt dhuinn
Is ge b’e long air a mìodachd 2145
A bhiodh air meadhon a cìcheadh,
Cha bu mhò i na frìd’ air a h-uachdar.
B’e ceann-fàth na smaointinn
A bhith air ràth ann ad aonar
Is tu air t’fhàgail air aodann nan cuantan, 2150
Do chuisle phàiteach air traoghadh,
Gun diar ach sàile air gach taobh dhiot,
’S a’ ghrian a’ deàrrsadh gun fhaothachadh a-nuas ort,
Theireadh tìochdadh is claoidh ort
Air son an diar beag a b’fhaoine 2155
Na bha riamh aig do dhaoine chur suarach
Is nach miannach leat fhaotainn,
Nì tha miadhail ’s an t-saoghal,
Ach do bhial a bhith ’n caochan an fhuarain.
Ach a thionndadh ri m’sgiala, 2160
Thromaich gnùise na h-iarmailt,
Dh’fhàs i dùbh-ghorm, iargalta, gruamach,
Craobh ’na lùban o’n iar-aird
A’ falbh ’nan stiùpannan stiallach.
Bu domhain, dùmhail a’ ghrian ann am buaile, 2165
Cha robh feum air fear màirneil
A dheanadh fiosachd no fàisneachd,
Mu’n tigeadh am màireach mu’n cuairt oirnn;
Thuig gach duine de’n còmhlan
Is leugh iad soilleir ’s na neòil e 2170
Gum biodh “Neptune” is Aeòlus air ghluasad.
Dh’fhàs a’ ghaoth na bu ghéire
Is chaidh a’ ghaillionn gu séideadh
Is chaidh an fhairge ’na séisdear le nuallan;
Bha i casadh a dreunadh, 2175
A’ tighinn a-steach thar na sléisne,
’S a’ ruith cho bras ri each-réise tromh gualainn;
Gillean smearala, treuna
Sìor-thoirt sanas dha chéile,
’S gann gun cluinneadh iad eubha ’nan cluasan 2180
Ri buill a phasgadh ’s a’ réiteach
Is nach seas iad cas ach air éiginn,
’S ise a’ laighe ’s ag éirigh ’s a’ suainteadh.
A’ tighinn an tòir air an t-soitheach
Gun tàinig Aeòlus na b’athaiche, 2185
Muir air tòcadh ’s i cladhach ’s a’ ruamhar,
Ag éirigh cròiceach mar choinneamh,
Cho gile sròn ris a’ choinneal
A’ tighinn mu spreòd-chrann ’na goilleanan uaine.
Bha h-uile seòl ann an laghadh, 2190
’S a h-uile òirleach dhiubh draghadh
Is bha ise falbh mar a stadhadh i’n uair sin,
’S i dol ri fairge le faghar
Le togail fhalbhanach adhartach,
Mar an earba ’s an fhaghaid ’ga ruagadh. 2195
A h-uile gleadhar dhe chliathaich,
’S a h-uile sloc théid i sìos ann
Gun toir i boc air am fiaradh a-nuas as,
I gabhail cnoc air am fiacaill
Is i ’ga sgoltadh is ’ga stialladh 2200
Mar théid an coltar tromh’n fhiadhaire luachrach,
Muir ag éirigh dha’n iarmailt,
A mhullach nan speuran ’na siaban
Mar ionnan ’s séideadh an grìosach na luaithre,
’S a h-uile h-alt innte dìosgan, 2205
A’ sgonnadh chnapan o sliasaidean,
Mar gun sgapadh na diasan fo’n bhuailtean.
Thàinig Aeòlus gu crosdachd,
Chruinnich e, thuig i na h-osnaich,
Sheas e daingeann is dh’fhosgail e luamha, 2210
Fhuair e sgamhan a lìonadh,
Ghabh e cuimse oirr’ o an iarr-dheas
Is leig e mach na bha shìos do chuis uamhais.
Chaidh an iùbhrach gu siabadh,
A’ laighe nunn air a cliathaich 2215
Is cha toir stiùir air am fiaradh a-nuas i.
“Suas sibh, ’illean gu làidir;
Glacaibh calpannan tairgne;
Thoiribh dhi na siùil àrda, tha ’n uair ann.”
Leigeadh leatha cuid sgòdaibh 2220
Chluinnteadh i crathadh a còmhdaich,
Chiteadh fallus a’ còpadh le gruaidhean,
’S a cuid lasgairean òga,
Gun fo ’n casan ach ròpa,
Dol an caraibh nan seòl ’gan toirt bhuapa 2225
Ris na slatan ’gam fùcadh,
’Gan cumail aca le rùdain,
’S an ròpa gasgain is lùb is snaoim cruaidh air—
“Ho-ro gheallaidh is ùpraid,”
’S i dol o smachd air an stiùir oirre, 2230
Cumail cagnadh ri triùir aca tuairneadh.
Ged a bheagadh a h-aodach,
Cha do sheas i ach slaodach
Is cha do leasaich air saothair nan tuathach.
Bha i ’n geall air a taomadh 2235
Is leis na fhuair i do thaosgnadh,
I air thuar a bhith sgaoilte anns na fuaigheil.
Bha ’n crann-toisich le cliathaich,
’S a chuid acfhuinn ’na iallan
Is nuair a sgaradh an driamlach sin bhuaipe 2240
Sruth dhe ’n fhuil as am meòirean
A ruitheadh gibean do sheòl oirre,
Feuch an tigeadh a sròn chun an fhuaraidh.
Labhair “Neptune” ri Aeòlus,
“Tha’n crann-toisich ’na òirnean, 2245
Lagaidh sin iad ’nan dòchas, tha bhuaidh leinn;
Tha i nis againne leònta!
Sud air ’n adhart sinn còmhla
Is cha tig ise gu còrsa le luathair.
Thoir gach sibheag dhe còmhdach, 2250
Leat ’na ribeagan ròineach
Is fàgaidh mise gach bòrd dhith ’na fuairnean:
Cha dean misneachd no eòlas
A toirt a nis as mo chrògan
Is na biodh snìom a gheibh tròcaire bhuainne.” 2255
Chaidh a’ ghaillionn gu bùirich;
Chaidh an fhairge gu fùistneadh
Is chaidh a charachd air iùbhrach nan tuathach;
Bha i glacte air a cùlaibh,
’S a cuid shlatan gun tionndadh 2260
Is cha robh maid’ os a cionn nach do sguabadh.
Chaidh a sgiobadh fo mhùiseag,
Thuit an cridhe gu’n glùinean
Nuair a chunnaic iad rùisgte air a’ chuan i,
’S iad gun chomas a teàrnadh. 2265
“Có bheir cobhair ’nar càs dhuinn?”
Chaidh an achanaigh àraid so suas leo:
“Fhir, a chruthaich an tùs sinn,
A th’air cathair nan dùilean
Is ris na peacaich nach diùlt a bhith truasail, 2270
Leig le fathamas Do shùil oirnn
A th’ann an gàbhadh na cùnntais
Le dhol Ad lathair gun iompadh, gun fhuasgladh.
Eisd gu grad ri ar n-ùrnuigh
Tha dol ’nar n-airce g’Ad ionnsaigh 2275
Is ged a thoill sinn Do dhiombadh, thoir cluas dhi
Air sgàth Do charrantachd dhuinne
A rinn le droigheann Do chrùnadh;
Thoir gu cala is gu ciùineachd na tuathaich.”
“Thus’, a Phrionnsa na Sìthe, 2280
Dhuinne ’s Ùghdar is Cìobair;
Fhir, A dhùraig a’ chìs a bh’oirnn fhuasgladh,
Fhir as Buachaille Dìleas
A tha T’uain Agad prìseil,
A tha ’gan cuallach air fìor-uisg’ an fhuarain; 2285
Fhir, A shàbhail ’s A shaor sinn;
Fhir, A cheannaich gu daor sinn;
Fhir, thug mathanas saor iomad uair dhuinn,
Cuir an t-srian ris na cìbhlean
Aig na siantannan mìllteach 2290
Is ann Ad mhìorbhuiltean ìslich an uamhar.”
“Eisd, a Chrìosda ri m’achanaigh,
Cuimhnich diadhachd ar n-athraichean
Bho’n is Triath Thu ’s is Caraide Buan dhuinn,
A rinn gu piantail ar n-anam 2295
Bho ifrinn ìochdraich a cheannach,
’S A gheall ’s an t-sìorruidheachd flaitheanas shuas dhuinn.
Air Do mhìothlachd is airidh sinn
Le bhith sìor-dhol o D’rathaidean,
Ach, a Thigearna, thig mathanas Bhuat-sa 2300
Is seall air daoine th’air allaban;
Réitich aodann na mara dhuinn
Is caisg am Faoilteach ’s an Gearran ’s an Sguabag.”
Labhair “Neptune” ri Aeòlus,
“Ma tha Esan ’gan còmhnadh 2305
Théid an latha so oirnne, mo thruaighe!
Ged bhiodh sàil innte dòrtadh,
Gum biodh a làn chun a’ bheòil dheth.
Cumaidh Esan ma’s deòin Leis i’n uachdar,
’S bochd is gur dorranach dhòmh-sa 2310
Gum bheil i ruith tromh mo mheòirean
Is gun mi ceathramh na h-òirlich o bhuannachd.
Ach o’s Esan an t-Ùghdar
Chan eil seasamh tromh ghnùis dhuinn
Is feumaidh sinn le ùmhlachd toirt suas Dha.” 2315
title | XVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |