[84]

XIX FHIR, A DHÌREAS AM BEALACH

Fhir, a dhìreas am bealach dol dìreach gu baile,
Thoir mìltean do bheannachdan tarsuinn tromhn ghleann,
Gan giùlan gu ainnir nam mìog-shùilean meallach
Dhan tug mi mo ghealladhs chan aithreach leam bonn.
Gun dùin mi mo thamull air chùlaibh nam beannaibh; 2320
Bidh cùram air maire gun deanar mo chall
Is gach òigearga tharruing an tòir air mo leannan,—
Tha bòidhchead a pearsa mar lasairnan ceann.

Chan ioghnadh mo shùilean bhith sileadh gu srùlach,
S ann tha mi gu tùrsach air chùlaibh nam beann, 2325
S mi fuireach air àirigh aig iomall na tràghad,
Gun fhidheall, gun chlàrsach, ach gàirich nan tonn,
S mi cuimhneachadh mànran na maighdinn a chràidh mi,
Cha chluinn min ceòl-ghaire bhiodh àbhachdach leam,
Mar bhithinn asàs ann bu chridheil am màireach, 2330
A bhithinn le sràid-cheum afàgail na h-Aibhn’.

Gun siùbhlainn tromhn fhàsachgad ionnsaigh, a Mhàiri;
S ann dhùblaich mo ghràdh ort bhon thàinig mi ann,
S e dhùisgeadh mo chàileachd gu sunnd agus àbhachd,
Bhith sùgradh ri àilleig nam blàth-shùilean donn. 2335
Mo lòchran, mo sgàthan, mo ròs ann an gàradh;
S tu mfhuarans mi pàiteachs an fhàsach air chall;
Mo rionnag, mo reulta, mo shoillse na gréine,—


[85]

S gu h-aoibhneach mo chéile nuair théid oirnnam bann.

Nam faighinn-san còir thu bho cheanglaichean pòsaidh, 2340
Chan iarrainn leat òr ged bhiodh stòras oirnn gann;
Gun deanadh do chòmhradh mo lìonadh le sòlas,—
Bhiodh minntinn air dòigh deanamh òran is rann.
Gur mise bhiodh spòrsail afalbh leat Di-dòmhnaich
Air thoiseach achòmhlain do Bhòirnis ud thall 2345
Is bhiodh sùil aig gach òigear air ùbhla na bòidhchid;
Am flùran glan, mòdhar, an òigh tha gun mheang.

Gu suthainn mo chuinnein ri diùchartas dhaoine,
S mi giùlan mo ghaoidbho do dhraoidheachdan trom’;
Cha chunntaisinn daor dhomh bhith ciùrrta le gaol ort, 2350
Nan dùisginn a smaointean a bfhaoinenad chom.
Gun rùisginn dhut gaoirdean an dùldachd an Fhaoiltich,
Ri gnùise na gaoithe a bfhaobharach greann;
Air chùmhnantan tfhaotainn gun siùbhlainn an saoghal
Ons dùth dhomh as taonais dol faoinanns acheann. 2355

Mo shaothair cha chaomhnainn, mo mhaoine cha diùltainn,
Gu saor le mo dhùrachd a liubhairtnad làimh;
Mo dhaoines mo dhùthaich gun ìobrainn air fùirneis
Mun dìobrainn mo rùn a bha cùbhraidh gun fheall
Don ghruagaich as bòidhche chuir cuailean an òrdugh, 2360
A ghluais ann an còta chuir meòir ann am bann;


[86]

Gun saothraichinn bliadhnas chan fhaodainn bhith dìomhain
Air cuibhrinn dhe briaghad a shnìomh ann an rann.

Gur camalagach, cuartagach, coisreagach, cuachach,
Am falt tha ma guailleanna dhualagan donn; 2365
Chaidh àilleachd a cuailean gu crùnadh na gruagaich
A chàradh le dualchuis mun cuairt air a ceann.
Tha deàrrsadh a gruaidhean ag àrdachadh snuaidh oirre,
Dearg mar an cluaran nuair as buaidhche bhios a ghreann;
Gum bfheàrr leam an duanag a sheinnte le mghuanaig 2370
Na éisdeachd á bruachaig ri cuachag nan crann.

Chan ioghnadh mo dhéideag ged bheirinn-sa spéis dhut,
Tha cliù air gach beul ortan Gàidheals an Gall!
Gun chleachd thu gach ceutachd a dhionnsaich do chreud dhut;
Gun tionndadh do bheusan gu a léirsinn an dall2375
Na subhailcean àraid a chuireadh le dmhàthair,
Tha abhuil air gun tàinig am blàth air an ceann,
Nan cinneadh gach pàisdean gu tionad an tàlannt;
Bu bhuidhe do phàrant a dhàraicheadh clann.

Gur tearc e ri fhaotainn leam deirgead an aodainn, 2380
A dhfhàg mi fo dhaorsa gun saorsa dhomh ann;
Do ghruaidh mar an caorunn, do shlios mar an fhaoileann,
Mar shneachd an fhaoiltich air aonach nam beann.
Do shùilean aboillsgeadhs abrùchdadh le aoibhneas
Ad ghnùis-gheal, amhaighdean cho caoimhneils a sheall; 2385
Gur mìlse do phògan na mhil air na ròsan,
Gur binne do chòmhradh na crònan nan allt.


[87]

Troigh lùtharm bròig shàiltich a shiùbhlas gun fhailmse,
Cha lùbadh tu stràilein fo shàilean do bhonn;
Gun ghaoid ann an cnàimh dhiot a dhfhaodas mi àireamh, 2390
Be aogasg na slàintthu air làr an tigh dhanns’;
Gun innsinn-sa tàitesa chraoibh anns na dhfhàs thu,
Am meanglan as àilles as àirde dhen chrann,
Gun mhearachdnad ghiùlan gum faigh thu bhuam biùthas
Mar ainnir cho chliùiteachs than dùthaich nam beann. 2395

Geds lìonmhor àillidh than dùthaich nan àrd-bheann,
S en dualchuis tha nàdurra dhàlach nan gleann
Bhith deas air an cnàmhan, gun aimheal, gun fhàilinn,
Gun aithnichinn thar chàich thu air sràidean nan Gall,
S cha leanainn-sa dhiubh, bhan t-saighead a léir mi 2400
Gar tarruing gu chéile le deubhann cho teann;
Gach dual dhith cho làidirs gum fuasgail am Bàs i,
Nach fuaraich an gràdh dhut tha blàth ann am chom.

An Uibhist nam fuar-bheann a dhàraicheadh suas thu,
S en t-àite beag buadhar a ghluaiseadh mo rann; 2405
Nam bàithne dhomh luadh air a mhachraichean uaine,
S a ghlacagan luachrach mu bhruachaibh nan allt
Tha cromadh tromhn gharbhlaich a dhionnsaigh na fairge;
Nan deanadh an sealbh mo chrannchur bhith ann,
S nach iarrainn do shòlas ach Eilein na h-Òige, 2410
S gun deanainn ann còmhnuidh le mòg-leannan donn.

titleXIX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page