II DOL DO DH’UIBHIST
Horo, leannain, nach tiugainn thu leam-sa? 145
Rachamaid tacan a dh’fhaicinn ar dùthcha;
Gheibh sinn an t-aiseag air bàta na smùide,
Leagail ar cùrs’ air Innis nam Bó.
Fhuair sinn dha ’n charbad a dh’fhalbhadh gu h-uallach;
Nochd e ri Grianaig is bial Abhainn Chluaidh leinn; 150
Dh’éirich mo chridhe ri mullach nam fuarbheann;
’S ann ’san taobh tuath a thogadh sinn òg.
Seachad Loch Laomuinn gum b’éibhinn an sealladh,
Bha coisir sa’ choill ann a’ seinn air na meangain;
Bha smeòrach nan geug ann a’ gleusadh le caithream, 155
Gun teud ann am baile bheir dheth e gu ceòl.
A’ dìreadh ri Raineach tha sealladh air aonach,
Na beanntainean àrda mar gheàrd air gach taobh dheth;
Dh’ ùraich mo chàileachd ri fàileadh an fhraoich,
’S bha osag na gaoith’ thar coille nan cnò. 160
Tromh bheanntainean binneanach, bideanach, stùcach,
Creaganach, carraigeach, cam-alltach, lùbach;
Glas-ghlacach, cas-leacach, bras-uisgeach siùbhlach,
Glan, ruidhteach, cùbhraidh, fallain ri òl.
Seachad Lochabar thig seallaidhean ùr’ oirnn; 165
Chì sinn Beinn Nibheis ’s i nis air ar cùlaibh;
Choisinn a mullach dhi urram a’ chrùin
’S i fad’ os ar cionn a’ falach ’sna neòil.
Aig Ceann Locha Mùideirt gur sunndach ar n-aigne,
’S an carbad ’gar giùlan a dh’ionnsaigh a’ chladaich; 170
Gur goirid an ùine gun dhlùth i ri Mallaig;
Tha fàileadh na mara ’s e cheana fo m’ shròin.
Fàgaidh sinn Mallaig air bàta na smùide,
’S fhad’ o là b’ aithne dhomh rathad na h-iùbhraich,
Cuiridh i eilein beag Eig’ air a cùlaibh; 175
Sgoiltidh i Rùm is Eilein a’ Cheò.
Seachad Ceann Chanaidh a’ gearradh nan cuaintean,
Sìoban na mara ’na shad thar a guailleadh;
Togaidh sinn Barraidh thar bearradh nan stuadh
’S gum faic sinn a tuath air Uibhist nam Bó. 180
O, Uibhist nan àrdbheann, mo ghràdh riut bhith tilleadh,
Do cheanglaichean làidir a’ sàs ann am chridhe;
’S e dùthaich an àigh anns na dh’ àraicheadh mis’ thu,
’S chan fhàgainn thu idir mur bithinn gun dòigh.
O, Uibhist bheag, bhraonach, bidh gaol aig gach neach ort 185
A dhìrich ri t’ aonach no shaothraich air t’ achadh;
Ged shiùbhlainn an saoghal ’s e ghlaodhainn “mo dhachaigh” ris,
Dùthaich Mhic Ailein, tìr mhaiseach an eòrn’!
Nuair ruigeas mi ’n cidhe cha bhi mi fo ghruaimean,
Coinnichidh a fichead a thig o ’n taobh tuath mi; 190
“Tha thu air tilleadh a Mhic Aonghais Ruaidh;
Nach tiugainn sinn suas gum faigheamaid stòp.”
title | II |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |