XXIV IS ADHBHAR A’ CHLISGIDH
Is adhbhar a’ chlisgidh
Ma thréigeas do mhisneach,
’S e adhbhar a’ chlisgidh 2610
Ma bhriseas do dhòchas;
Is adhbhar a’ chlisgidh
Ma thréigeas do mhisneach,
Gun téid thu ’nad mhisgear
Feadh iorsg an tigh’ -òsda. 2615
Chuala mi sgeula
’S bha fuaim aig a’ chléir air,
Gum fuaighte ri céil’ thu
Le réiteach is pòsadh.
Fhuair thu do thréigsinn, 2620
Rud is buailteach gu léir dhuinn
A ghluaiseas air féithe
Gu féill nam ban òga.
Thriall thu thar sàile
Le nighean Dhomhnaill Phàdruig 2625
Thar crìoch Earraghàidheal
Gus ceàrn ’s nach robh t’eòlas;
Iarunn ri ’n tàthadh
Fo riaghladh a’ Phàpa,
’S cha b’fhiach leibh a’ cheàrdach 2630
A dh’fhàg sibh am Bòirnis.
Ràinig sibh Galldachd
Nan sràidean ’s nan cabhsairean,
’S dh’éirich an aimhreit ann,
’S theann sibh an trògbhail. 2635
Bhuail e ’na ceann
Leis cho buan ’s a bha ’n dranndan,—
“ ’S e an tuasaid bhios ann
Ma théid bann air an òinnseich!”
Smaointich i an uair sin— 2640
“Tha saorsa ro-luachmhor,
’S e an saoghal mo chluasag
Gus buannachd mo bheò-shlaint.
B’fheàrr na bhith fuaighte
Ri sùith ris an suathta, 2645
Bhith cuidht’ is an cruaidh-shnaim
Nach fuasgail na meòirean.”
Spìon i gach fàinne
Thar meuran a làmhan,
’S gun dh’iarr i gun dàil ort 2650
An càradh ’nad phòca.
“Sìos leo am màireach
Gach ioladh is bàlag!
Bidh an t-iarunn gun tàthadh
’S bidh Màiri ’na h-ònar.” 2655
title | XXIV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |