XXIX DOMHNALL AN T-SAIGHDEIR
’S e so an aimsir a th’air a dearbhadh
Nach bi i soirbh dhuinn an Tìr nam Beann,
Ged fhuair sinn sealbh ann air beagan talmhanna 3615
Is olc am bargan do neach bhith ann;
Mar tha na prìsean a nis cho ìosal,
Tha’n teachd-an-tìr oirnn air fàs cho gann,
’S gum bheil na daoine bha’m Peighinn-nan-Aoirean
A’ brath an saoghal a thoirt fo’n ceann. 3620
Ged bhiodh iad deònach a dhol air fògradh,
Cha chuir e neònachas oirnn an dràsd;
Cha dean iad beò-shlàint’ a dh’aindeòin seòltachd,
Gur beag an dòchas ri tighinn nas fheàrr;
Tha curachd anmoch, tha cion an arbhair ann, 3625
Crodh a’ searg ann ’s cha toir iad àl,
’S nuair thig am margadh cha deanar airgiod,
Ach ann an ainbheach aig fear no dhà.
’S e so an dùthaich a chaidh am mùthadh
Seach mar tha cunntais air mar a bhà, 3630
Tha fasain ùr’ ann ’s a h-uile tionndadh,
’S chan eil a’ chùis ud a’ tighinn ri’n càil;
Tha prìs nan caorach ’s a’ chruidh air caochladh,
’S cha tug sud faothachadh air na màil;
Gum b’fheàrr do dhaoine bhith feadh an t-saoghail, 3635
A’ cosg an saothrach air saod a b’fheàrr.
’S ma tha thu, Dhòmhnaill, a’ dol a sheòladh
A Mhanitòba gun cuir mi geall
Nach tig ort éis ann ’s gun dean thu feum ann
Bho’n bha thu glé mhath gus cumail stall. 3640
Bu lùthmhor, làidir air cùl a’ ghràip thu,
’S chan fhacas t’àicheadh a’ breith air crann;
Cha robh ’s an àite na thoireadh bàrr ort
Gus deanamh àitich ’s gun àrach ghamhn’.
Ma leig thu t’inntinn air falbh da rìribh, 3645
Chan iarrainn fhìn ort bhith fuireach ann
Bho’n dh’fhàs thu sgìth ann ’s nach dean thu nì ann
A dh’aindeòin innleachd a thig ’nad cheann,
’S thu faighinn mìobhadh air feadh na criathraich,
A’ cur ’s a’ càthadh ’s a’ fosgladh stang, 3650
’S a h-uile bliadhn’ ann thu dol nas riaslaiche
Gus na liath e thu treis romh t’àm.
Ged bhiodh e cruaidh leat a dhol thar chuantan
Gu dùthaich fhuadain ’s nach eil thu eòl,
A dhol a dh’fhàgail tìr chaomh do mhàthar, 3655
Far ’n d’fhuair thu t’àrach nuair bha thu òg.
C’ar-son bhiodh tùrs’ ort bhith cur do chùlaibh
Ri àit tha diùltadh do chumail beò?
Bho’n dh’fhalbh am brìgh as cha bhi thu strì ris,
’S ann théid thu ’n tìr ’s am bheil mèin an òir. 3660
Cha bhi thu dòigheil am Manitòba
Mur dean thu pòsadh mu’n téid thu ann;
Do mhàthair bhrònach, chan fhalbh i còmh’ riut,
’S bidh Màiri Flòraidh ’gad fhàgail thall.
Bi togail saoid ort, cuid umad t’aodach 3665
Is faigh an aon té air bheil thu ’n geall;
Na cumadh faoineas thu as a h-aonais,
Ged bhiodh an daorach ort a’ dol ann.
Ma dh’fhalbh an òig’ ort, ma dh’fhàs thu ’d bhòcan,
Na caill do dhòchas car treis an dràsd, 3670
Ach innis dhòmh-sa ’s gun toir mi bòid dhut
Nach dean mi ròlaistean ort ri càch.
Ma ’s e ’s g’eil fiamh ort mu aonan iarraidh
Gun ruig mi ’n t-Iochdar dhut air a sgàth
Is tha mi smaointinn ged chuirinn taod riut 3675
Gun dean mi saod air té chur ’nad phlàn.
Mur toir thu mnaoi leat, ged bhiodh i daor dhut,
Tha mise smaointinn gun dean thu ceàrr
Le dhol ’nad aonar a mhiadhoin aonaich,
Cha bhiodh do shaoghal an sin ach geàrr. 3680
Bu mhath dhut còmh’ riut té laghach, bhòidheach,
A chumadh còmhradh riut is fealla-dhà;
A thogadh teaghlach ’s a chumadh dòigh ort,
’S a chuireadh fòid ort nuair gheibh thu ’m bàs.
title | XXIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |