XXXII DO’N DIÙCA HAMILTON
Ceist air an Diùca
Tha seasrach ri’r cùlaibh
Toirt teisteannan ùr’ oirnn 3835
An dùthchannan céin;
Am fleasgach glan, cliùiteach,
Bho leitir nan stùc-bheann,
Am Freasdal ’ga stiùradh
’S a chùrsa bhith réidh, 3840
’S e ’g imeachd thar chuaintean
Dh’Ameireaga Thuathach,
Gur deiseil neo-thuathalach
Gluasad a cheum;
Thig buil agus blàth air 3845
Do chuideachd na Gàidhlig,
A thogas bho’n bhlàr iad
Gu àirde nan speur.
Bidh dùrachd bhios blàth leis
Á dùthaich nan àrd-bheann, 3850
’S bidh cliù aig na bàird air
Gach ceàrn tha fo’n ghréin,
Bho’n chum e cho làidir
Air chùlaibh ar cànain,
’S bho’n dh’ionnsaich a mhàthair 3855
A’ Ghàidhlig dha fhéin.
Gur labhradair nàisein
Gus sealltuinn an càsan e,
Teangair cho àraid
’S a thàinig no théid; 3860
Cho sgaiteach ri làmhaig,
Cho taitneach ’s gun tàladh
’S gun tatadh e nàmhaid
Le mànran bho bheul.
Nuair chi mi na h-Iùdhaich 3865
’S a dh’innseas a rùin dhaibh,
Thig innsreadh gun chùnntais
Gu ’r n-ionnsaigh ’na dhéidh
Le mìltean do chùinneadh
’S le innleachdan ùra 3870
Gun trioblaich sinn dùbailte
An ionntas ’s an spréidh;
Bidh bochdainn a’ bàsachadh
’S fortan a’ fàs dhuinn,
Theid stoc air an àite 3875
Nas fheàrr na na féidh,
’S chan fhaicear nas mò sinn
A’ fighe nan clòithntean,
’S bidh itheadh na feòla
A’ fògairt an éisg. 3880
Gu sguab sinn na caoirich
Thar uachdar an aonaich;
Dé is buannachd dhuinn aodach
’S na daoine fo éis?
’S ann a lìonas sinn suas iad 3885
Le meur do chrodh guaillfhionn
A lìonas ar cluasan
Le nuallan an géim;
Crodh adharcach fad-chasach
Taghta thig a Texas 3890
Air cnuic agus glaicean,
’S air machraichean réidh;
A dh’fhalbhas gu h-uallach
Air garbhlach nam fuar-bheann,
’S bidh tarbh air gach buailidh 3895
Gu h-uasal a’ leum.
Thig rath air na daoine
Nach fhacas le h-aon dhiubh,
’S air m’fhacal gum faod iad
Bhith faobhrachadh dheud. 3900
Tha móran ri fhaotainn
Do stòras an t-saoghail,
’S ann òirnne tha mi smaointinn
A laomas an fhéisd
Le biadh agus annlan, 3905
Le fìon agus branndaidh,
Feadh crìochan na Galldachd
Nach ann bhios an t-eud;
Ri’r nìonagan òga
Th’air cinntinn cho pròiseil, 3910
’S nach nochd iad an srònan
Gun chòtaichean béin.
Gun leig sinn air diochuimhn
Na cleachdannan fiadhaich,
’S gach fasan mi-chiallach 3915
A fhriamhaich ’nar treubh;
Theid beairtean an iasgaich
A chalcadh dha’n ghriosaich,
’S chan fhaicear crois-iarna,
No criathar, no cléibh. 3920
’S ann bhios sinn ’nar lasgairean
Bròg-spuireach, acfhuinneach,
Eòlach air marcachd
’S air smachdachadh steud,
Le dag air gach sliasaid 3925
Is ròp’ air an diollaid
Gus cròdhadh nam bliadhnach
A thriallas bho’n treud.
Bidh Calum MacAmhlaidh
A’ falbh le mustang aige, 3930
Bronco aig Anndra,
’S e teann air an t-sréin;
Bidh Murchadh MacMhaolain
Toirt aghaidh air aonach
Le Burro ’ga shlaodadh 3935
Air taod as a dhéidh.
Bidh Pinto aig Dòmhnall
A’ ruith air a’ mhòintich;
Bidh Sorrel aig Seòras
Air sròinein do dh’éill, 3940
’S bidh luaidhe agus fùdar
Aig Ruairidh ’ga smùideadh
Mu’n cuairt air a chùlaibh
’S Cayuse ’na leum.
Bidh ainmeannan ùra 3945
’Gan cleachdadh ’s an dùthaich;
Bidh Fearchar gun diù dheth,
Bidh Fionnlagh gun fheum;
Chan ainmichear pàisd ann
Le athair no màthair 3950
Mar dh’ainmicheadh àsan
Le ’m pàrantan fhéin.
Bidh Àdhamh is Maois ann,
Bidh Daibhidh ma dh’fhaoit’ ann;
Bidh Samson air aon fhear, 3955
Mór, caonagach, treun,
’S bidh Dùthaich an Eòrna
Gun Dùghall, gun Dòmhnall,
’S bidh grùnn bhios cho pòsd’ ann
Ri Sòlamh a dh’eug. 3960
Chan fhaicear aig margadh
Ach buidseirean cairbheach
Gu sunndach a’ marbhadh
Le’n carbhairean geur;
Bidh sùrd air na cailleachan 3965
A’ cùnntais an airgid,
’S e bùithean an Tairbeart
A dh’fhairicheas an fhéill
Le adaichean ùra
’Gan teannachadh ùmpa, 3970
Bidh caisbheart le clùmhtaich
Gus glùinean gach té,
’S le sùilean a’ deàrrsadh
’Nan gnùisean gun fhàillinn
’Gan cùnntais air àilleachd 3975
An àireamh nan reul.
Cha bhi iad a’ smaointinn
Mu Chonan ’s mu Chaoilte,
No Diarmad, no Daorghlas
An aonach Loch Tréig, 3980
No naidheachd no sgialachd
A bh’ac’ air an riamhaig;
Théid eachdraidh nam Fianntach
Á fianuis gu léir.
’S ann bhios iad a’ còmhradh 3985
Mu’n Àirc a bh’aig Nòah,
Mu’n teampull aig Sòlamh,
’S mu Phòl anns a’ Ghréig,
’S mu Nebuchadnèsair
A’ falbh air a chrògan 3990
’S e ag itheadh nam feòirneanan
Còmh’ ris an spréidh.
Gur moladh ’s chan aoireadh
Tha toil Mhic an t-Saoir,
Cha dolaidh bu chaomh leis 3995
Ort baoghal no beud;
Ach sonas an t-saoghail,
Gun donadas aon uair,
Gun dorran ’gad thaobhadh,
’S tu an aois an fhir léith. 4000
’S ann le toradh do shaothrach
Thàinig cothrom gu daoine;
’S e an iarradas daonnan
Le aonta Mhic Dhé
Do bhliadhnachan àghmhor 4005
Bhith sìor dhol an àireamh,
Cho lìonmhor ’s gum fàs iad
Nas àirde na ceud.
Gu mol mi dha rìribh
An cosnadh a rinn thu 4010
Chum fortan ’nar caraibh
Chur brìgh ’na cuid geug;
Tha fios agus cinnt air
Le m’onair ’s le m’fhìrinn,
Nach fosglainn-sa m’ìnntinn 4015
Gus innse nam breug.
Có an t-eachdraiche ’n Albainn
A bhacas mo sheanchas?
Có ghlacas mi’n dearmad,
’S a dhearbhas a sgeul, 4020
Nuair riochdaich mi’n Diùca
Ri Iorcall ar dùthcha,
Fear phiocadh nan ùbhlan
A chùm sinn bho’n eug?
Cha dual dhuinn bhith falamh 4025
An uaisle ’s an alla,
Dh’ath-nuadhaich thu, Chalum,
Ar talamh gu feum.
Chuir thu cùrs’ air ar balla,
Chuir thu ùrlar ’nar talla, 4030
Thug thu’n iùbhrach gu cala
Tromh ’n ghaillionn a shéid.
Bha sinn ciùrrta le galair
Nuair dhrùigh tromh ar ballaibh
Transfùsion na fala, 4035
Dh’fhàg fallain ar creuchd,
Chuir sunnd air gach mala
Eadar dùthaich is baile,
’S tha cùnntais ’s chan ainneamh
A bheannaicheas t’euchd. 4040
title | XXXII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |