[147]

XXXV ÒRAN NA CLOICHE

Séisd:—

I ro bha , e him bo ,
E him bo ruaig thu i, e him bo ;
I ro bha , e him bo .

AChlach a bha mo sheanmhair 4220
S mo sheanair oirre seanchas,
Air tilleadh mar a dhfhalbh i
Mo ghalghad aChlach!
S gur coma leam in Cearrara,
An Calasraid non Calbhaidh, 4225
Cho fads a tha in Albainn
Nan garbhlaichean cas’;
I ro bha , etc.

Ga cur an àite tearmainn,
A chumas i gu falchaidh, 4230
S nach urrainnnach dearg iad
Air sgealb dhi thoirt as!
AChlach a chaidh a dhìth oirnn
Air faighinn as an ìngnean,
S gu deimhinne ma thill i 4235
Than sin gu math.
I ro bha , etc.

S mo bheannachd air amhìlidh
A tharruing as achill i,
S a dhaiseag, tha mi cinnteach, 4240
I mìltean a-mach.
AChlach a bhas na linntean
Afantainn air ar sinnsreadh
Bhon thàinig i dhan tìr so


[148]

An tìm nam fear breac. 4245
I ro bha , etc.

S i measail ann bho ìslean
Gu ridirean is rìghrean,
Than diughnan laighen I
Mar a dhinnseas an leac. 4250
Gur ioma baile fuadain
A dhamais i air chuairt ann,
AChlach a bha cho buadhmhor
Bu ruadh-bhuidhe dath,
I ro bha , etc. 4255

Nach faod mi tighinn mun cuairt
Air a buaidhs air a rath,
Bhon sguir i bhithna cluasaig
Aig buachailla chleachd
Bhith cadal oirre suaimhneach, 4260
S afaicinn ann am bruadar
Nan spioradan bho shuas
A bhith nuas oirre teachd,
I ro bha , etc.

S mar thàinig i thar chuantan, 4265
Gum baithne do Choll Uais i,
Bha treis aig Olla Ruadh dhi
S aig Duanach Mac Earc.
S car son a bhiomaid suarach,
S a leigeamaide bhuainn i, 4270
S a liuthad àita bhuanaich
Air chuairt dhi bhith ac’.
I ro bha , etc.

Ma thàinig achlach bhuadhach
Bho aiseirigh na h-uaghach, 4275
Tha tamhasg Uilleam Uallais
Abuannachd achath.
Gur milis le mo chluasan
Gach lideadh mar a chualiad,


[149]

S tha mise deanamh duanaig 4280
S i uamhasach math.
I ro bha , etc.

Mionnan air fear deàrnaidh,
Gach màthair is mac,
Nach leig sinn ann an gàbhadh 4285
Am fear a thug á sàs i,
S a mhiontraig air a teàrnadh
Á àite gun tlachd.
Ma chuireas iad an làmh air
Chan uilear dhuinn bhith làidir 4290
Is buille thoirt air a thàilleabh
Le stàillinn a-mach.
I ro bha , etc.

Togamaid ar bàrdachd
An àirde le snas 4295
Dhan ghineal thug bhon Spàinnt i,
S ma thilleas iad gu Sgàin i
Bidh duinealas ar nàisein
Nas fheàrr ann am blas,
Bhon rib iad i bhon ghràisg 4300
A bha suidhe oirrle màsan,
S tha tuilleadh aig na gàrlaich
Ri thàrradh air n-ais.
I ro bha , etc.

Tha ioma rud a bhàrr air 4305
Achloich a bhann an Sgàin
A dhraghadh sinn á làmhan
Nan sglàmhaidhean glas.
An duine bhios atàmhachd
An cuideachd nam meàirleach, 4310
Chan uilear dha gach àirneis
A chàradh fo ghlais,
I ro bha , etc.

S bham Ministear cho tùirseach
S amhadainn nuair a dhùisg e, 4315


[150]

S praban air a shùilean
Ationndadh a-mach,
E coiseachd feadh an ùrlair,
Ag ochanaichs ag ùrnuigh,
S acoimhead air achùil 4320
Anns an dionndrainn e chlach.
I ro bha , etc.

Sin far an robh stàrachd
S an ruith air feadh an làir ann,
Gun smid aige ri ràitinn, 4325
Achcàitn deach achlach?”
Sa Mhuire, Mhuire Mhàthair,
Gu ni misam màireach?
Tha fiosam gum bi bhànrinn
Afàgail a beachd.” 4330
I ro bha , etc.

Gun duirt es dath abhàis air,
Cha chreidinn-sa gu bràth e
Gu togadh fear bho làr e
Nach bàirde na speach; 4335
Tha rudeigin an dàn dhomh,
S gun cuidicheadh an t-Àgh mi,
Bhan duine thug á sàs i
Cho làidir ri each.”
I ro bha , etc. 4340

S cha ruitheadh e ach lùigeach,
Bha luigheinean alùbadh,
Bha crith atighinnna ghlùinean,
S e tionndadh cho lag;
Chan fhaiceadh e le shùilean, 4345
Chan fhaigheadh e fo mhùigean,
Le corraig no le lùdaig
An dùdach non glag.
I ro bha , etc.

Ach ràinig e na diùidich 4350
Aburralaichs abùirich,


[151]

Tha breitheanas adlùthadh oirnn,
Spùilleadh achlach;”
S bha Sasunn air a dùsgadh,
S an cathair air a rùsgadh, 4355
S oileadhag mu na diùnlaich
A ghiùlain achreach;
I ro bha , etc.

Earraidean gu siùbhlach
Afarraid feadh na dùthcha, 4360
Bho Ghlaschu gu Diùraidh,
Bho Mhùideart gu Peairt,
S cha leig iad bàrr an dùirn
A dhol seachad air an sùilean,
Cha leig iad inneal-ùillidh, 4365
No brùid airm bi cairt.
I ro bha , etc.

S na h-earraidean is colg orr
Bho sholus gu rath-dorcha,
Gun fhois orrach asporghail, 4370
S aforfhais a-mach;
S ged ruigeadh iad am morghan
Ann grinneal Abhainn Orchaidh,
S ged thigeadh na Fir Bholga,
Cha lorg iad achlach. 4375
I ro bha , etc.

Tha Deasaich agus Tuathaich
Aceileireadh gu h-uallach,
Air mhire leis an uamhar
Gun dfhuair sinn achlach. 4380
Nuair thàinig i á Éireann
Bha cantanas ma déidhinn,
Gum fanamaid ri chéile
Ma ghléidh sinn achlach.
I ro bha , etc. 4385

S na faigheamaid le réiti
Cha rachamaids an éirig,


[152]

S ann againne bha reusan
Bhithg éigheachMo chreach!”
Ach baindeoineach an ceum leothe, 4390
S bannasach leam fhéin e,
S e barrantas an treud ud
Gach seud thoirt a-mach;
I ro bha , etc.

Ged ghealladh iad lem beul e, 4395
Cha deanadh iad da réir sin;
An car a bhas aBheurla
Gur léir do gach neach.
I ro bha , etc.

An t-séisd ann an dòigh eile:

S i ro bha ro hill i em bo , 4400
Hill i em bo ruaig thu i, hill i em bo ,
S i ro bha ro hill i em bo .

titleXXXV
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page