XXXVI NUAIR CHAIDH A’ CHLACH A THILLEADH
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham,
Tha tigh’nn fodham, fodham, fodham, 4405
Tha tigh’nn fodham speuradh.
’S mì-chiatach le seanchaidhean
Feadh ìslich agus gharbhlaichean
Gun thill sibh Clach nan Albannach
Gu Ceann-bhaile na Beurla. 4410
Tha tigh’nn fodham, etc.
Nuair leig sibh sìos gu’n nàimhdean i,
A’ ghnìomh a bhios gu caillte dhuibh;
An robh sìol nan sonn gun chainnt aca,
’S na traoidhtearan ag eubhach? 4415
Tha tigh’nn fodham, etc.
Thig dìodhairt ’nan cuid uaghannan
Air sìnnsreadh sìol nam fuar-bheannan
Bho’n shìn sibh dha ’r luchd-fuath i,
A thug bhuaibh i leis an eucoir. 4420
Tha tigh’nn fodham, etc.
Tha ioma linn bho’n spùill iad i,
’S bho’n dh’ìslich iad ri ùrlar i;
Ma’s rìoghail iad, ar liùm-sa,
Gur e biùthas nam fear-bréige. 4425
Tha tigh’nn fodham, etc.
’S e comharradh na rìoghalachd
Bhith gluasad seasrach, fìrinneach,
’S gun dearbh am facal sgrìobhta
Nach do dh’inntrig e fo léintean. 4430
Tha tigh’nn fodham, etc.
Nan d’fhuair mi fo mo mheòirean i
Nuair thàinig maor an tòir oirre,
Mu’m biodh i saor ’s an t-òrd agam
Bhiodh Seòras gun a dhéideag. 4435
Tha tigh’nn fodham, etc.
B’e clach na rìoghachd Albannaich
Tromh ioma linn is aimsir i,
’S mu’n sìninn do Mhac Carmaig i
Gun sgealbainn as a chéil’ i. 4440
Tha tigh’nn fodham, etc.
Na suinn a chaidh g’a h-eadraiginn,
Cha d’rinn iad ach an dleasdanas,
’S bidh alladh oirbh am feasda
Nach do theasraig sibh fo’r sgéith iad. 4445
Tha tigh’nn fodham, etc.
Cha dean Goill na Cùmhnantaich,
Ach cleas nan rìghrean Stiùbhartach;
Thoir staoileadh Linne-an-dùin dhaibh,
’S bidh an cùlaibh ri Dun-éideann. 4450
Tha tigh’nn fodham, etc.
Cha rachainn fad mo bhuinn leotha,
Cha ruith iad cùrsa dìreach leibh,
Ach lùbaidh iad cho cinnteach
’S a nì saoidhean air na h-éibhlean. 4455
Tha tigh’nn fodham, etc.
’S a h-uile cùis a chrom oirnn,
’S a bhrùchd le buille throm oirnn,
Bha Cùmhnantaich is Crombalaich
An companas a chéile. 4460
Tha tigh’nn fodham, etc.
A shìol nan sonn ’s nan àrd-bheannan,
Na deanaibh bann gu bràth riutha;
Cha sheas iad lom no làrach leibh,
’S bha bhlàth aig Inbhir-Chéitein. 4465
Tha tigh’nn fodham, etc.
Tha Albainn bhochd gun dòigh oirre,
Gun cheannabhaidh a bheir dòchas dhi
Bho’n shearg air Craobh nan Dòmhnallach,
’S bho’n dh’òl iad an deoch-sgléipidh. 4470
Tha tigh’nn fodham, etc.
title | XXXVI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |