XXXVII RUAIRIDH IS PÀDRUIG AIR CHÉILIDH
Bha mis’ an raoir gu dubh-bhrònach,
Mo theanga tòcadh ri m’ chàirean,—
Botul thall air a’ chliathaich,
’S e sud gun diar air a’ chlàran, 4475
Nuair a chualas brag agus bualadh,
’S có nochd ach Ruairidh is Pàdruig;
Gun d’éirich sogan air m’ìnntinn,
’S mo làmh gu sìneadh le fàilte.
G’an toirt a-steach. 4480
Gun ghuidh mi “Bliadhna Mhath Ùr” dhaibh,
Iad fhéin ’s an dùrachd sin dhomh-sa;
“Cia mar fhuair sibh bho’n Challuinn,
’S có mhiod searrag a dh’òl sibh?
Dh’fhàg sibh Iain is Eàirdsidh 4485
Gun nithean ceàrr, tha mi’n dòchas:
Tha fios gun robh sibh co-dhiùbh ann;
An tug sibh smùid air na h-òrain,
’S an robh iad math?”
Bha mis’ an so is mi ’nam aonar, 4490
Gun duine ’n t-saoghail ann làmh rium;
Cha d’fhuair mi botul ach aon fhear,
Ged bha mi smaointinn mu dhà dhiubh,
’S cho luath ’s a thogadh an ceann as,
’S a fhuair an t-seann té a làmh air, 4495
Mu’n robh na nàbaidhean seachad
Cha mhór a bh’agam-sa air fhàgail dheth
Ach an nasg.
’S ann dh’éirich frionas air Màiri:
“ ’S ann ort tha chàbraid, a Dhòmhnaill! 4500
B’fheàrr dhut cus a bhith sàmhach,
Thu fhéin is do ghlàmair gun dòigh ort;
Thoir làmh air rudeigin feumail
Is tog thu fhéin thar do thòineadh;
Cuir tuilleadh gual air an teine, 4505
’S thoir brogadh air leis a’ phògair
Gus ’n gabh e ceart.”
Gun rinn mi fhìn mar a dh’àithn’ i dhomh;
Thug mi làmh air an t-sluasaid;
Fhuair mi’n teine air a chàrnadh. 4510
“Dean suidhe, Phàdruig is Ruairidh!
Nam biodh mo bhotul gun tràghadh
Bhiodh smior an làin agaibh bhuam-sa,
Ach bho nach fhaigh sibh an còrr bhuam
Gun tòir mi, a leòra, dhuibh nuallan 4515
Air Mac Iain ghasd’. ’’
Choc iad botul ri m’aodann,
Cha b’e h-aon ach a dhà dhiubh;
Gum beannaicheadh Freasdal le chéil’ iad;
Tha mise feumach air pàirt dheth. 4520
Na cùm a’ feitheamh mi, chrìosdaidh!
Le beannachd Dhia thoir an t-àrc as.
Am faic thu gloine no cupa?
Gum b’fheàrr leam bucaid dheth ’n dràsda
Na leth-cheud mart! 4525
Mo cheist air cneas Mhic-an-Tòisich!
Bha mi òg ann an gaol air
Is rachainn fhathast g’a phògadh
A cheart cho deònach ’s mi aosda.
Sùghadh rìoghail an eòrna,— 4530
Gur blasd’ bho mhòinteach an fhraoich e,
’S e dùsgadh spiorad gu ceòl annam:
Có tha ’n còmhnuidh as aonais
Ach fear gun tlachd?
Air m’anam fhìn nach robh fad ann 4535
Gus ’n d’fhuair mi tancard no dhà dheth
A chuir air fuadach gach éislein,
’S a dh’ùraich gleus air mo chàileachd.
Sud mi suas air m’each sgiathach,
’S gun shéid mi grìosach mo bhàrdachd, 4540
’S nach mise a shnìomhas an t-òran
Ma tha greim beò feadh an smàlaidh dhi
Nach deach as.
Dheanainn òran ’s gum faodainn e,
Dheanainn saod air ged nach b’éiginn 4545
O chionn bha tlus anns na daoine,
’S cha chreid mi chaochladh mu’n déidhinn
A thàinig oidhche cho àraid
Gu tigh an nàbaidh air chéilidh,
’S a dhearbh gur furanach, fàilteach, 4550
Gur coibhneil, càirdeil le chéil’ iad,—
Na gillean gasd’!
Thug sinn treiseag a’ seanachas
Mu na cailleachan eòlach,
’S cha d’fhàg sinn naidheachd gun innse 4555
Mu obair shìdheach is bhòcan,
’S cha d’fhàg sinn cleamhnas no càirdeas
Bho Loch a’ Chàrnain gu Bòirnis,
’S an deamhachd aonan a chàin sinn
A bhuineadh dhaibh-san no dhòmh-s’ ann 4560
Cho fad ’s mo bheachd.
Thug sinn treis air an iasgach
Na gheibhte shìos aig a’ chrò dheth,
’S na bha do ghiomaich ’s do liabagan
Ann an ìochdar na cròice, 4565
’S cho math ’s a sheòlamaid bàta
Bha shìos air bàgh aig Loch Ròdhag,
’S cho tric ’s bhiodh m’athair ’ga càineadh,
’S e dhol ’na clàran fo bhrògan
A ceann mu last. 4570
O sud am bàta bha aimlisgeach
Nam biodh arbhar air achadh
A’ cosnadh troid agus trinnleich
Is daoine bhith ’n impis a spadadh
Nuair bhiodh an crodh feadh na leòba 4575
Gus an tigeadh Eòghann is Lassie
Is sinne shìos aig Bàgh Dhòmhnaill
A’ deanamh seòl air poc’ anairt
’S ’ga chur ri slait.
Bha mi ’g innseadh mu’n ghunna dhaibh, 4580
’S có chuir thugam á Bòid e,
’S cho fad’ ’s a thilgeadh e ’n urchair,
’S cho math ’s a dh’fhuiricheadh i còmhla,
’S a liuthad ceum a chaidh fhàgail
Bho cheann a’ bhàigh chun an Ròdha leis 4585
Is sìos air feadh Rudha Àird-mhaoile:
Gur beag an t-ioghnadh na geòidh a th’ann
A bhith glas.
Cha bhiodh a’ bheatha ann am Màiri
Gus an tug mi gleadhrach do Ruairidh, 4590
Fear cho glan a thoirt port dhuinn,
’S a chàirich dos air a’ ghualainn.
Nuair a cháidh am màla ’na achlais,
’S e stigh an taice ri chruachan,
Cha mhór nach bruidhneadh an siùnnsar 4595
Fo bhuille lùdaig ’s i bualadh
Le darrarant.
Thug sinn smùid air an fheadan,
’S gun tug sinn fead air a’ Ghàidhlig;
Bho latha tòrradh Miss Peigi 4600
Chan fhacas leithid a’ bhàil ud.
Gu dé mar chrìochnaich an oidhch’ oirnn?
An deamhachd cuimhn’ aig a’ bhàrd air,
Ach ma tha nì ann nach cuala sibh
Innsidh Ruairidh is Pàdruig 4605
A h-uile dad.
title | XXXVII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |