XXXVIII BÙTH DHÒMHNAILL ’IC LEÒID
E horo Chalum Mhóir, thugainn còmh’ rium gu dram
Nunn a bhùth Dhòmhnaill ’ic Leòid ’s gheibh sinn stòpan de leann,
’S nuair a bhios sinn ’ga òl ’s math a chòrdas sinn ann,
Bidh ar n-inntinn air ceòl ’s cha bhi òrain oirnn gann 4610
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Bidh an seòmar cho blàth, bidh an t-àite cho briagh,
Air an ùrlar fo’r bonn dathan donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bàn air am fàisg thu do mhiar,
Thig fear-freasgairt mu’n cuairt ’s na bheil bhuat a chur sìos 4615
Air do bhialaibh air bòrd.
Dhe gach seòrs’ a théid òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a’ lìonadh nan stòp ’s a’ cur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig o’n Spàinnt oirr’ air fhàgail co-dhiùbh,
’S chì thu eun ann an cèidse shuas gu h-àrd os do chionn 4620
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Chì thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach té leth na réiseadh o ’bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn ’gad ionnsaigh le dram,
’S their e ’n t-airgiod a-nunn ’s their e mùthadh a-nall 4625
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Chì thu dìsnean is tàileasg ’gan càradh air bùird,
Bidh gach nì mar is còir eadar Dòmhnall ’s a bhùth,
Gheibh thu pàipear ri leughadh le speuclair dha d’ shùil,
’S chì thu staidhre dol sìos, àit bhios riatanach dhuinn 4630
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
’S los gum falmhaich thu mhias, tog a’ chìochag ’na grùnnd.
Chì thu sgàthan is cìr ’s rud a shlìobas a-nùnn,
’S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl 4635
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid bidh gach seòrs’ innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidh ’s cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a’ chàbraid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
’S ged bhiodh bàrd ris gach gualainn dhiot ’s fuaim ac’ air seinn 4640
Ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
“Cuir a-nuas leth té chruaidh,” thuirt fear shuas mu’n cheann àrd,
“Gloine fìon,” thuirt fear shìos air bheil fìor choltas ceàird.
“Happy Day, come away,” labhair té reamhar, bhàn
A bha bhlàth air a sròin, gun do thòisich i tràth 4645
Dhol a bhùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Chì thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
’N déidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh’fhalbh e ’s dh’òl e té chruaidh ’s ghabh an truaghan an caoch,
’S chuir e eòlas an uair sin g’eil smuais anns gach braon 4650
Th’ann am bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Ni sinn cinnteach mu’m falbh sinn á balgam no dhà
Thig á Ile thar fairg’ air eil dealbh an Eich Bhàin;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile gràn;
Cha bhi rìoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu bràth 4655
Fhad ’s a dh’fhàsas innt’ eòrn’.
Gloine mhór dhe ’n Each Bhàn ’s i air clàr mar ri pinnt,
Théid an t-òran nas fheàrr leis gach làn a théid innt’;
Cha bhi duilgheadas ann ach cho gann ’s tha na buinn,
Cha bhiodh ioghnadh ann leam sinn bhith ’g ionndrainn na tìm 4660
Nach robh prìs aic’ ach gròt’.
Air an aimsir a dh’aom bha mi smaointinn an raoir,
O, ’s ann oidhche Di-h- aoin’ bhios am maorach ’ga roinn,
’S mu’n do riaraich mi mhnaoi ’s rud an t-aon thoirt d’an chloinn,
Cha b’e pòca cho aotrom a dh’fhaodainn air splaoid 4665
Thoirt gu bùth Dhòmhnaill ’ic Leòid.
Bha i fhéin anns an iorghuill ’s i cruinneachadh a’ mhàil,
Bhiodh am bàillidh mu’n cuairt ’s e gu gruamach ag ràdh—
“Ma tha ’n t-airgiod ’gad dhìth ’s mar a lìbhrig thu à
Gheibh thu dearbhadh le cinnt bhith ’nad shìneadh Di-màirt 4670
Air an t-sràid air do thòin.”
Their na làithean a dh’aom orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlàth air an t-saoghail g’eil saorsa dol sìos;
Nuair tha ’m bàrd ’s e Di-h- aoine gun bhraon théid ’na bhial,
’S e air fhàgail cho daor aig na daoine gun chiall, 4675
A luchd-riaghlaidh a th’oirnn.
Anns an aimsir a dh’fhalbh thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur suas ann am prìs,
Gus na gheàrr iad o’n t-sluagh e, mo thruaighe ri ìnns’,
Gun do thràigh iad am fuaran bu dualach dha ’n tìr 4680
Bha na mìltean ag òl.
Thràigh iad fuaran nam buadh, dh’fhàg iad sluagh ann an càs,
Tha na ceàrnachan tuath ’s iad air thuar a bhith fàs;
Tha na fàrdraichean fuar a bha uaireigin blàth,
’S chan eil àbhachd aig cluais mur eil fuaim a’ mhuir-làin, 4685
Far am b’àbhaisteach ceòl.
Tha na ceàrnachan tuath ac’ air thuar a bhith fàs,
’S ann tha àireamh an t-sluaigh a’ dol suas tha ’nan tàmh.
Bidh am Bàrd Mac-an-t- Saoir fhathast daonnan an sàs,
Ach ma tha ’s ann ’s a’ pholl agus toll air a mhàs, 4690
Ged tha iad-san air dòigh.
Ach fhuair mi airgiod an dé ’s bha e feumail ’s an àm,
Ruith an t-ainmhidh a réis ’s fhuair e ’r éiginn a cheann
Chur air thùs air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
’S mi cho beartach ri Lord; thugainn còmhla rium—teann, 4695
Sguir a chnuasach do phòc.
title | XXXVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |