XXXIX SPORAN DHÒMHNAILL
Nuair a bha mi sìngilte,
’S a bha mo phòca gliongadaich,
Gum faighte ’s an tigh-sheinnse mi
Gach oidhch’ ach oidhche Dhòmhnaich. 4700
Bhiodh òrain agus ruinn againn,
Bhiodh pìob nan dos ’ga seinn againn;
Gur tric mi nis a’ cuimhneachadh
A liuthad pìnnt a dh’òl mi.
Séisd:—
Tha sporan Dhòmhnaill ’s e cho gann, 4705
Gur duilich leam an sgeul a th’ann;
Tha sporan Dhòmhnaill ’s e cho gann,
Chan fhaicear ann an fheòirling.
A nis bho’n thàinig uallach oirnn
Gum bheil a’ chùis nas cruaidhe oirnn 4710
Gun ionndrainnich mi bhuam
Na chaidh air fuadach ’s an tigh-òsda;
Nam biodh gach sgillinn ruadh agam
A chosg mi ris a’ bhuaireadair
Bu mhath an taice guailleadh e 4715
Gu togail suas na h-òigridh.
Bu tric’ a chanadh Màiri rium,
“Bu ghlice dhut bhith sàbhaladh,
Ach bhristeadh tu do chnàmhan
Dol air àrainn Mhic-an-Tòisich. 4720
’S e sin a dh’fhàg thu, chompanaich,
Gun not, gun airgiod pronn agad!
Gu dé mar dh’fhanadh bonn agad
’S e losgadh toll ’nad phòca?”
’S e driodfhortan tha crochta rium, 4725
’S mi h-uile latha cosnadh rud;
Chan fhiosraich mi fo’n fhortan
Cà’il mo notaichean ’gan stòradh.
Ged thiginn dhachaigh ’s croit orm
A’ giùlan làn a’ phoca dhiubh, 4730
Chan eil an diabhul copar dheth
Nach cosg an té tha còmh’ rium.
Bidh ioma rud a dhìth oirre,
Bidh sàsairean is truinnsearan,
Chan fheàrr a’ chlann na dìlleachdain; 4735
Tha mìle rud mi-dhòigheil.
“Tha cathair mhór is pìos aisde,
Cha chàiricheadh tu bìdeag dhi;
Gum b’fheàrr leat falbh is blìonas ort,
Gun nì ach deanamh òran!” 4740
Gun toir e tom gun tulach orm
Mu’n còmhdaich mi gu mullach ’ad;
Gum feumar còta ’n urra dhaibh
Le currac a théid còmh’ ris.
Bidh dearrais mu na h-ursannan 4745
Gach latha ’g iarraidh rudeigin.
’S mi fhìn a’ falbh ’s na luideagan;
Chan urrainn dhomh bhith leòmach.
O’n dhealaich fuachd an Earraich ruinn,
Cha chuirear suas an athadach; 4750
Gu feum iad gu bhith aicheanta
Bhith fasant’ air an còmhdach.
Chan fhàgar bùth an Glasachu
Gun siubhal ag iarraidh adaichean;
Bidh mis’ a’ ruith nam barachan 4755
Mu’m faigh mi bloighean bhrògan.
An còt’ a fhuair mi’n uiridh dhi,
Chan fhaic mi toll no tubhag air;
Ma tha, chan fhaod mi guth thoirt air,—
Chan fhuiling i ’na còir e. 4760
Bidh sùilean ris na h-uinneagan
Gus ’n dùraigeadh tu buille dhi;
B’e fasain ùr’ na dunach sin
Nach cuirte Thigh Iain Ghròt ’ad.
Nuair a dh’fhalbhas iad ’s an t-samhradh bhuam 4765
Air chuairt do Thìr nam Beanntanan,
Bidh h-uile rud bhios ann agam,
Ach ’s gann gum bi mi stòlda;
Gun inns an fheadhainn Ghallda dhi
Ma chì iad gum bi dram orm,— 4770
’S nuair thilleas i bidh greann oirre,
’S chan fhàg i feann air Dòmhnall!
title | XXXIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |