XL CHAN IOGHNADH GED BHITHINN GUN MHIRE, GUN CHEÒL
Chan ioghnadh ged bhithinn,
Ged bhithinn, ged bhithinn,
Chan ioghnadh ged bhithinn 4775
Gun mhire, gun cheòl;
Chan ioghnadh ged bhithinn
Gun saod air bhith cridheil
Aig daoiread na dibhe
’S a miosaid ri h-òl. 4780
Chan ioghnadh an tàmailt
Bhith dùsgadh mo bhàrdachd
Mu dhùthaich nan àrd-bheann
A dh’àraich mi òg,
’S mu’n fhoill thug a bhàin i 4785
Fo nàimhdean le’m b’àill
Bhith cur saighdean a’ bhàis innt’
Is as chun na smeòirn.
’S e ’n fhoill a chuir sìos sinn
Thug àr air ar crìochan, 4790
’S a dh’fhàg sinn a’ sìoladh
Fo’n riaghladh a th’òirnn;
B’e riaghladh an ruagair
Air fiadh nam beann fuar e,
’S a chliathaich ri luachair 4795
’S an luaidhe ’na fheòil.
Mo dhìth! ar deoch làidir,
Deoch uaibhreach gun fhàillinn;
Deoch uasal nan Gàidheal
Bu ghnàthach leinn òl; 4800
’Ga h-iomlaid thar sàile
Fo ionchu na gràisge,
’S mo thionachdas bho m’ bhàs dhi
Nach tàrr mi bho’m beòil.
Gu chia mar a dh’fhaodas mi 4805
M’aigne bhith aotrom,
’S nach faic mi ach daoine
Tha daonnan fo bhròn
Le aiceid, le aoine,
Le teirc’ orr’ as aonais; 4810
Tha seiche na h-aois’
Tighinn air aodann nan òg.
Cha dean mi ceum éibhinn,
Mo chàileachd gun spéirid,
Mar chlàrsach gun ghleusadh, 4815
Gun teud innt’ air dòigh;
Mar bhàt’ ’iodh air deubhadh
’S an teàrr air a tréigsinn,
A’ sgàineadh bho chéile
Le sgreubhadh nam bòrd. 4820
’S e mheudaich mo dhiùmbadh
Nuair chi mi na h-Iùdhaich
Air mhisg chun nan sùilean
Air sùghadh an eòrn’
Is mise le m’chùinneadh 4825
Cho inich ri chunntais,
’S nach faod mi ach sùil
Thoirt air bùth Dhomh’ll ’Ic Leòid.
Dé b’fheàirrde na suinn
A chuir blàr Drochaid Shruighlea, 4830
Gun geàrrdadh iad rìoghachd dhuinn,
Dìleab is còir;
Ma bhàirig sinn fhìn sud
Air nàmhaid ar tìre,
Mo nàire ri innseadh 4835
Dha’n linn nach eil beò.
Mo nàire ri luadh oirbh
Àlach nam fuar-bheann,
Na dh’fhàg sibh ur dualchas?
Na dh’fhuaraich ur pròis 4840
Nuair dh’fhuilingeadh sibh luaircneadh
Le sàmhchair na h-uaghach
An àit’ bhith air bhuaireas
Gu bualadh nan dòrn?
Bha uair ann bha Albainn 4845
’S i cunbhalach, calma,
Chan fhuilingeadh i ana-ceart,
Mar bhalbhan gun treòir;
Sruth braonach a h-arbhair
’S am fraoch-bheannan garbhlaich, 4850
Cho saor dha luchd-falbha
’S tha’n fhairge dha’n ròn.
Ri aimsir nan linntean
A dh’fhalbh bhuainn ’s nach till ruinn
Bha Albainn gun chìs oirre 4855
Dh’ìslich a sròn
Fo bhratach Sìol Chuinn
Eadar Arcaibh is Ìle,
’S an caisteal Mhic Nìll
Bha deoch rìoghail ri h-òl. 4860
Bhiodh Ruairidh air reubainn
Air uachdar Cuan Éireann
Le luath-luing’ bu gheur is
Bu réidh-shleamhainn bòrd;
Muir gruamach ag éirigh 4865
Mu guaillean ’s mu sléisdnean,
’S an fhuar chailleach bheur
Cumail séideag ’na seòl.
’S an àm sin bha Ghàidhealtachd
Coimhlionta, càirdeil 4870
’Na h-aidmheil, ’na cànain,
’Na bàrdachd ’s ’na ceòl;
Chan ioghnadh na treudan
A thionndaidh a’ chreud dhiubh,
Bhith ’g ionndrainn na treunad 4875
A thréig iad ’gan deòin.
’S e mhìodaich mo thùrsa,
Mo mhìghean a dhùbladh,
Nuair chì mi le m’shùilean
A’ chùis nach bu chòir. 4880
’S e Gàidheil mo dhùthcha
Fo smàig an luchd-spùillidh;
O, c’àit’ deach na diùnlaich
Thug dùbhlan dha’n Ròimh?
O, cuimhnichibh Gabhra, 4885
’S air linntean bho’n àm sin;
’S e suinn Innse-Ghall
Nach biodh mall dol fo sròl;
Mu’m fuilingeadh iad anntlachd
Bhiodh claidreadh nan lann ann, 4890
’S bhiodh claignean nan Gall
’S iad ’nam ball feadh an fheòir.
Mo thruaigheagan Albainn
Ri bualadh gach searbhaig,
’S i a bhuannaich an t-sealbhag 4895
Tha doirbh leam a h-òl,
’S b’e fortan gun sealbh air
A chroch mi ri m’chrannchur
Rinn crois dhomh gun amaisinn
Ri aimsir a’ bhròin. 4900
B’fheàrr leam gun cuala mi
Aiceid ’gam bualadh,
A dh’fhàgadh ’s an uaigh iad,
’S bòrd uachdair mu’n sròin;
A’ ghràisg a chuir suas e, 4905
’S nach teàrnaich gu luach e
Gus ’n geàrr sinn gach buarach
A chuairtich iad oirnn.
title | XL |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |