XLII ’S FHEUDAR GUN BHITH ’G ÒL
’S fheudar gun bhith ’g òl,
No a bhith an tigh na dibhe;
Tha i nise cho daor
’S nach eil saod a bhith rithe.
’S fheudar, etc. 4965
’S fheudar sgur dhe’n àbhachd,
’S gach cleachdadh a b’àbhaist
Bho’n a theachd oirnn gràisg
A th’air an t-àit’ a mhilleadh.
’S fheudar, etc. 4970
Thàinig gràisg as ùr oirnn,
Rud nach fheàrrd an dùthaich,
’S cha b’e an t-àgh a stiùir sinn
A chuir diù ’nam bruidhinn.
’S fheudar, etc. 4975
Gheall iad air gach taobh dhinn
Sìth thabhairt air an t-saoghal,
Bhiodh gach nì cho saor,
’S gum biodh na daoin’ air mhire.
’S fheudar, etc. 4980
Ach mu’n gann a fhuair iad
Ughdarras an t-sluaigh,
’S ann thionndaidh iad mu’n cuairt
Cho luath ri gille-mirean.
’S fheudar, etc. 4985
Dh’fhàg iad sinn ’nar n-éiginn,
Sinn gun bhiadh, gun éideadh;
Chan eil sìos mu m’shléisdnean,
Ach am bréid ’s am pillean.
’S fheudar, etc. 4990
Rinn sinn suas an armailt
Leis an sguabt’ a’ Ghearmailt,
’S cha do bhuannaich Albainn,
Ged is marbh a gillean.
’S fheudar, etc. 4995
Arm aca air a dhianamh,
’S falbhaidh e tromh’n iarmailt,
’S chan eil àit an teid fhiachainn
Nach bi crìoch air millean,
’S fheudar, etc. 5000
’S tha sinn gun bhuntàta,
Chan eil ìm no càise;
Chan eil giadh no ràcan
Bhios air Càisg no Inid.
’S fheudar, etc. 5005
Chan eil fad mo lùdaig
Ann am broinn mo spliùcain;
Far’m bu mhinig ann pùnnd
Chan fhaicear ùnns’ ann tuilleadh.
’S fheudar, etc. 5010
Blàth uisge nam buadh
Cho tearc an làmh an t-sluaigh,
’S nach fhaic mi làn na cuaich’
A thogadh suas mo chridhe.
’S fheudar, etc. 5015
Saoil nach tùrsach dhòmh-sa
Coimhead bùth an òsdair,
’S mi gun dùil ri stòp
Le pòca tha gun sgillinn.
’S fheudar, etc. 5020
title | XLII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |