[175]

XLIII ÒRAN DO DH’A******R S**R*CH

Chuala M*cG***g**r an Lunnainn
Nach robh unnainn ach na brùidean;
Smaointich e air cur mu dhéidhinn,
S gum faiceadh e fhéin le shùilean
Fear-teagaisg a chur dhan àite 5025
Los ar sàbhaladh air Iùdas;
Sin mar a fhuaradh an sàr,
S a luaidh am bàrd air Maighstir Fionnlagh.

Chuale gun robh sluagh cho cearbach
Bho thuath air Barbhas gu Miùghlaidh, 5030
Cho fuathasach salach le salachar
S nach glanadh an fhairge dhiùbh e;
Gun robh uamhar, sannt is farmad,
Craos is leisge, fearg is drùis orr’,
Firionn, boirionn, sean is òg, 5035
Air leth bhon chòrr, chan fhaighte triùir ann.

Chuale gum bu daoine breun sinn
Gun chogais, gun chreud, gun ùmhlachd
Do chraosairean craosach, dreunach,
Gun urram bho chléir no ùghdair; 5040
Daoine gun chiùine, gun cheutachd,
Gun chuideachda Dhé nan dùilean,
Gun tuigse, gun tùr, gun reusan,
Gun subhailc fon ghréinnan giùlan.

Chuale gun robh an t-siathamh fàintann 5045
Aig na Pàpanaichnan sprùilleach,
S iad cho pailt air feadh an àitud;
Spriolag abhàis air na trùillich
Leis na bheil acdo chloinn dhìolain,


[176]

Cha burrainn crìosdaidh an cùnntais, 5050
No guth a chreidsinn á bial ann,
S iad cho briagach ris achù ann.

Sud far bheil achoisir mheàirleach,
Thoill iad am màsan asgiùrsadh;
Trusdair gun umhal, gun nàire, 5055
Lean am Pàpan àite Lùthtar,
Nach fuiligeadh Uilleam is Màiri
Nuair a chaidh na dhà dhiubh chrùnadh,
S nuair thugadh rìgh as aGhearmailt
A dhfheuch ri Albainn a dhùsgadh. 5060

Mu Uibhists mu Bheinn a bh-faodhla,
Ciad cheann-adhbhair air an ùr-sgeul,
Cha robh riamh ach béist is baobh ann
Bhon chaidh Chlann Raoaill an tùs ann,
Daoine mosach, dona, dalma, 5065
Cho spìocach, farmadach, cùileach,
S gun reiceadh iad bian na deargainn
Le miann an airgid is achùinnidh.

Cha do chuimhnich e mu Theàrlach,
Fear gun fàirdean air a ghiùlan; 5070
Thug iad dìon dha an uair a ghàbhaidh,
S duais-bhrath an nàmhaid a dhiùltadh,
Rud nach do rinn Maighstir Amhlaidh,
Siutal a bhan campaBhùidseir,”
S mur an dfhuair en t-airgiod ceann 5075
Cha bann le cion an t-sannt ga ionnsaigh.

Chuale na h-eileinean tuathach,
S och! mo thruaighe! ’s e bha tùrsach
Bhith cho lìonta leis gach truailleachd;
Be chulaidh-uamhais bhith ùnnta 5080
Far am bheil cathair aig Sàtan,
S e cho làidir is fad a dhùinann,
S nach gabhadh e cur air fuadach,
Ach le fuamhair am measg dhiùnlach.


[177]

Seòl bho Robhanais mu thuath ann, 5085
S thig air tuaim-sa bial Loch Ghrùinneirt,
S gabh na rainn gu Maol na h-Òighe,
S feuch an sròn dhan Linne Dhiùraich;
Cùm na caoil thar Àird-nam-murchan,
S faic am bulg seach Rudha Hùnais, 5090
S cuiridh tu cearcall mun àite:
Shuidhich Sàtan fhéin a chùirt ann.

Chunnacas es aChaisteal Thioram,
S ena shuidhe acair ùrlar;
Dhfhalbhadh e air chuairt do dhUibhist, 5095
S thilleadh e rithist gu Mùideart.
Chaith e oidhchair tìr an Canaidh,
S chluinnte ann am Manain a bhùirich
Gus na gheàrr e leum dhan aigeal,
S chaidh e fodha aig cladach Rùim ann. 5100

Chunnaic Donnachadh Ruadh nam bòcan
Aig Allt Mheòiligirna thiuchd e,
Oidhches e anmoch air chéilidh,
S chuale ag éigheachFuirich riumsa.”
Thàr e as cho luaths a bhaige, 5105
S lean am blaiceard air a chùlaibh;
Cha dfhuair e cuidhte is abhiast
Gusn deach e sìos air Abhainn Ùnailt.

Chunnaic triùirs aChaolas Bharrach
Latha grianach, geal, ’s an t-samhradh, 5110
Carbad dubh le dithis dhaoinann
Dol tarsuinn achaoilna dheannruith,
each ghrisfhionn, ghorma, ghlas,
Cho grinn air an casan ri dannsair
S cho siùbhlach air uachdar fairge ann 5115
S ged bhiodh iad afalbh air chabhsair.

Chunnacas e aig Sloc MhicPhàil,
S aig àirighean Tigh achùil-fhainge,
Shìos mun bhad na bhuail am bàta


[178]

Far na bhàthadh sgioba Frangach, 5120
S shuas aig tobhta Chlannic Eanruig,—
Teaghlach mheàirleach thar na Galldachd
Thàinignan coigrich thar sàile,
S ioma ceàrn na rinn iad call ann.

Chìtear mun Ionbhaire mhór e, 5125
Mu Bhòirniss mu Pheighinn-nan-Aoirean;
Chunnacas air Àirigh an t-Sluic e,
S gu tric air Àirigh na h-Aon Oidhche,
Suas gu Bealach na Meall Teine,
Sìos gu sgeirean Àird-mhaoile, 5130
S dearbh bu chartadh air an tìr e
Na faicte fo sgrìob nam maor e.

Cha dean aon phears-eaglais feum ann
A bhuineas do threubh na dùthcha;
Bfheàrr an Gall á Tìr na Beurla, 5135
Gearmailteach, Greugach, no Dùidseach,
S a h-uile fear théid fo òrdain
Eadar Maol-Dòmhnaich is Uige,
Cho luaths a théid en lùib na gràisgud
Bidh e fhéin cho pàiteach riutha-san. 5140

Chan eil a dhìth air na fir ann,
Ach òl is iomairt is ùpraid,
Liunn is uisge-beathis branndaidh
Nan galain air ceann gach bùird ann;
Pìobaire an dorus gach trannsa, 5145
S ridhleachan dannsa air gach ùrlar,
S am faighinn an ar-na-mhàireach
Nan cadal air bàrr an dùnain.

Suidhidh iad air an tom sealgadh
Bhon is cealgairean gu an cùl iad, 5150
Cho tràth ri glasadh nan nialan
Mum fosgail an giadh a shùilean
Cha bhi lacha bhreac no riabhach
Nach bi nìos gu feur le fùdar,


[179]

S na dhfhàg iad aig Goill do dhiasg ann, 5155
S gann gum bfhiach dhaibh tighinn ga ionnsaigh.

Smaointich thusa air bean gun nàire
Chàireas le buntàta an t-Samhraidh
Stiallanach do bhradan sàile
Sìos air clàrs chan fhàg iad feann dheth, 5160
Mar gum biodh còir air na biastan
A bhith miannachadh mar annlan
Iasg a chruthaich Dia do dhuaislean,
Gun turus aig tuath ri lann dheth.

Falbhaidh an ud dhan bhùth, 5165
S gun toir i làn a sgùirde aisde;
Cuiridh i null anns an éirig
Luchd achléibh do dhuighean chearcan,
Rud a dhfhaodadh a bhith an stòr
Gusn tigeadh daoine còir air astar, 5170
Mar tha M*c G***g**r is a sheòrsa,
S a sìneadhnan dòrn a nasgaidh.

Thug e ùine mhór fo smaointean,
S car nan laoisg ud air a dhrùdhadh;
Chnuasaich e mu chléir at-saoghail, 5175
S ruith e air gach aons achunntais
Gus an duirt e, “So mo bheachd-sa,
Thig na peacaich ud fo ùnlagh,
S buailidh iad gu léir an uchd
Ma chuirear chuca Maighstir Fionnlagh.” 5180

Sud am fear tha mise taghadh,
Sud mo roghainn am measg chàich dhiubh;
Sud am fear a bfhiach a thadhal,
Ghrunnaichinn dha fadhail gun tràghadh.
Sud am fear mu an can e briagan 5185
A dhfhanas gu sìorruidh sàmhach;
Fear do Chlann Gh***g**r is A*l***n ,—
An aon fhear tha cearts an àireamh.


[180]

Sud am fear-teagaisg tha àraid,
S e tha làidir math gu ùrnuigh; 5190
Dìleas gus cumail na Sàbaid,
S cha bhris e fàinte no ùr-lagh.
Duine ciatach, ciallach, faighidneach,
Briathrach, bruidhneach, brìghmhor, sùghmhor;
Thoill e chur air ceann nan daoine, 5195
Mar a bha Maois aig na h-Iùdhaich.

Sud far am bheil beul nam fìrean;
Éisdidh na sgìrean co-dhiùbh ris;
Fosglaidh e dorus gach inntinn
A dhfhan bho chionn linntean dùinte; 5200
Ma chluinnear am Manachainn Ì e
Éiridh na righrean bhon ùir ann,
S bidh cuimhnair gu na Dìleann
Eadar Caol Ìle is Ceann Thiùmpain.

Sud am bial a bfhiach a chluinntinn, 5205
S ait leam fhìn e tighinn dhan dùthaich;
S uamhraidh mar a thionndas inntinn,
Mar a bhruidhneas duine tùrail.
Buaidh is piseach air achrìosdaidh,
Faic mo liath-cheanns miga rùsgadh; 5210
Éisd ri machanaighga h-iarraidh
Aig aghrìosaich air mo chluainean.

Bàirig Thusa, Rìgh na Cathrach,
Do bheannachd air Maighstir Fionnlagh;
Glòir is buidheachas dhan Trìonaid 5215
A chuir an crìosdaidh gan ionnsaigh,
Thug dha tuigsis tùr is teanga
Gheur gus labhairt ann an cùbaid;
So an treud nach téids an duathar,
S ena bhuachaillair an cùlaibh. 5220

So an treud a fhuair am fàbhar
Suas dan àireamh air an cùnntais,
So an treud a thog an gàradh


[181]

Nach eil àbharsair their sùil air;
So an treud a gheurach airm, 5225
S a dhéigh an toirmeasg air droch ghiùlan,
Thionndaidh ruaig gu buaidh air làraich
Bhon thàinig Maighstir Fionnlagh.

So an treud a thog an dòchas,
Fhuair iad lòchrans cha be mùchan; 5230
Fhuair iad lampa sheall an t-seòlaid,
Fhuair iad lànnan dòrn nach lùbadh;
Solus soillseach, deàlrach, deàrrsach,
Lanndair laiste, làn do dhùilleadh;
Leughadair air cuairts air combaist5235
Nach leig cam iad air an cùrsa.

Fhuair iad lann gu còmhrag Shàtain,
Lann nach fàillinnichs an tuasaid;
Nach drinn Balcan riamhna cheàrdaich,
Aon a bfheàrr air gàda cruadhach. 5240
Fhuair iad ceanna-bheart umha is iaruinn,
Fhuair iad sgiath os cionn an guailleadh
S trì chlaiseach cho geur ri ràsar
Nach tig meirg gu bràth an truaill air.

Thàinig lannnar ceann da rìribh, 5245
S taing dhan a chuir mun cuairt e;
Sgiobair fairge ri latha sìne,
S e nach dìobairs an an-uair sinn.
Ceannard feachda, gaisgeil, gleusda
An gleac nan geur-lannan gam bualadh 5250
S britheamh cùirte an cùis ri réiteach
Nach leig leis an eucoir buannachd.

Shuidhich e crò dhuinn mar chaoirich
Nach ruig faol-chu no biast-shiùbhlach
Bhios air chonfhadh feadh an aonaich 5255
Gu drabhasach, draosda, drùiseil,
Far am biodh an treudgan àrach,
S aige fhéin a ghnàth fo chùram,


[182]

Faicill orra a is do dhoidhche
Mun tig slaightiren droch stiùraidh. 5260

Mun tig slaightiren droch stiùraidh
Mun rinn Maighstir Fionnlagh searmon,
S ann air a bhan colgs achùbaid
Abualadh le dhùirn is adearbhadh,
Ag innseadh mu olcas na béiste, 5265
S crìoch na treud a bhiodhga leanmhuinn;
Dhfhàg e sinn cho thromhte-chéile
S a bhiodh spréidh gan cur á arbhar.

Dhinns e mun teine nach mùchar,
S tharruing e for sùilean dealbh air; 5270
Mheudaich e air leud na fùirneis,
S air an smùid a bhiodh afalbh as.
Dhfhàg e mise is crithnam ghlùinean,
S mo bhial cho dùinte ri balbhan,
S mo chridhe toirt leum le luasgan 5275
Ma chì mi clais-ghuals an anmoch.

Sinne a bhair thuar bhith caillte,
Fhuair sinn cainntearachd dha rìribh;
Fhuair sinn caisleadh air ar cuinnlein
A bhios cuimhnair gu cionn linntean, 5280
S air an rathad leathan, shleamhain;
Céitein no Samhain cha bhì sinn
Suas an rathad corrach, caol sin,
Ged bhiodh saothair oirnnga dhìreadh.

Nis, bhon sheall e fhéin an dòigh dhuinn 5285
Annsm bu chòir dhuinn a bhith gluasad
Chan eil bàrd a thàthas òran,
Chan fhaicear ag òl nan cuach sinn,
Chan fhaicear fleasgach no òigear
Acluichd no còmhradh ri gruagaich; 5290
S gann nach eil gach càraid phòsda,
S iadnan ònaran air cluasaig.


[183]

S goirt abhuille fhuair thu, Shàtain,
Thàinig sàthadh ort bho dchùlaibh;
Fhuair thu sgailc an tobar bàis 5295
A thug gu làr thu air do ghlùinean.
Ged is tric a ghabh thu fàth oirnn,
Fhads a bha sinn air dhon-ionnsaich;
Gheibh thu do chuibhle air falbh,
Mar bhiodh an tarbh nuair chuirtan ris. 5300

Thog sinn suas an gàradh-crìche,
S neartaich sinn le pìosan ùre;
Chuir sinn tuilleadh air do dhàirde,
S na bha beàrn air chaidh a dùnadh.
Chuir sinn geata air ceann na stairsnich, 5305
Dùinte, glaiste is taic ri chùlaibh,
S chan fhosglar do dhuine beò e,
Ach le òrdugh Mhaighstir Fionnlagh.

Fhuair thu, Shàtain, buille sgairteil,
S fhuair thu lapachadh da réir sin; 5310
Tha do mhuinntir anns na claisnean
Air a sgapadh feadh nan sléibhtean;
Ann am buillsgean teas na caonnaig
Bha an fheòils an saoghals tu fhéin ris;
Lùb e sibhnur triùir gu luachair, 5315
S chuir e ruaig oirbh le chéile.

Ràinig e thum broinn do sheòmair,
Bhris en clòthan is dhéigh eFùidse”;
Cha chuireadh saoghal no feòil ris,
Thilg e chòmhla thar nan lùdag. 5320
Spealg e do ghràbhalta cinn ort,
Rinn e bìdeagan dhe dlùirich,
S chaith e mach am fianuis dhaointhu,
S tunad laoicionn air do rùsgadh.

S léir a nis thunad choltas, 5325
S léir dhuinn tolc is mar atà thu;
Cha bhi dìon air bàrr nan cnoc dhut,


[184]

Chan eil sloc am faod thu tàmhachd.
Chan eil àit an tigh nam bochd dhut,
Ged a nochdadh tu do chàirein; 5330
Chan eil ionad idir ann dhut
Ach an t-slabhraidhs an t-seann-àmhuinn.

Fhuair thu ionad àrd bhon Tighearna
Gus na lìon thu ann le uamhar;
Dhfhàs thun uair sin ann ad dhaibhul, 5335
Dhfhàg sin shìos an àitbhith shuas thu.
Laigh do shùil air Tìr nam Beanntan,
S dhfheuch thu Innse-Gall a bhuannachd,
Ach bhon thàinig Maighstir Fionnlagh
Faodaidh tu do dhùil thoirt suas ann. 5340

Chaill thu do chumhachds an àite,
Chaill thu smàig a bhagad oirnne
S bi nis afalbh gu dphràisich
Far a bàbhaist dhut bhith ròstadh.
Tha sinn uile cur ar cùl riut, 5345
Tog do shùil is fàg an còrsa;
Riamh bhon thàinig Maighstir Fionnlagh
Chan eil ùidh againnnad sheòrsa.

Tha thu nis am bial achlobha
Gad chur fodha an toll na fùirneis; 5350
Bhuail thu dìreach druim abhogha,
Chaill thu romhads air do chùlaibh;
Théid thu an geamhal anns na h-iaruinn,
Bidh thum prìosan air do dhùnadh,
S cha bhi duine shuas no shìos 5355
A chitear diar atighinn bho shùilean.

titleXLIII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page