[193]

XLVI FÀILTE AN DIABHUIL DO’N DROCH DHUINE

Tapadh leat, a dhuine dhona!
Tha mi toilichte as do ghluasad;
Fhir, a dhìobair tigh do mhàthar, 5615
Sud mo làmh dhut chum na guailleadh.
S ann dhomh fhéin a thig bhith leòmach
Gun do ghabh thu seòladh bhuam-sa,
S glaodhar furan dhut is fàilte
Bhon Lic-Bhàin gu Sìg-nan-Cuaran. 5620

Glaodhar fàilte dhut le fialachd,
Rinn thun gnìomh as bheil mi uasal;
Thaisbein thu tinntinn am bliadhna,
S tha na ciadan ort anuadal.
Thionndaidh thu taghaidh gu dchùlaibh, 5625
Leig thu cùrsa air dùthaich fhuadain;
Mach o laghs bho reachd nam fàintean
Gheàrr thun càblas thug thun cuan dhi.

Gheàrr thun càblas thug thun cuan dhi,
Leig thu tuathals gaothna cùl dhi; 5630
Thug thun stiùir á làimh na stuamachd,
Thilg thu thar a guailleadh ùmhlachd.
S fhasa leis na dol gu fuaradh
Nuair a dhatas cuantan drùiseil,
S cha bhi guth air càit am buail i, 5635
Dol gu sìorruidheachd bhuan gu siùbhlach.

Gheàrr thun càbla o Àirc aChùmhnaint,
S mór mo shùnnds an dìle ruadh ann;
Ged bhiodh bràithrean riut an diùmbadh,
Leig do shùil air meud na duaise. 5640
Gheibh thu àrdachadhs na cùirtean;


[194]

Ni thu tiùl am measg nan uaislean,
S bidh mi fhìn a ghnàthgad stiùradh,
S chan eil cùis nach tig gu dbhuannachd.

Bidh mi fhìn a ghnàth mad thimchioll, 5645
Dhòmh-sas iomchuidhs gur liùm thu;
Tha do cheum air sràid an iomraill
Bhon a bionmhuinn leat co-dhiùbh i.
Fillte ann an dubhailcean dorcha,
Sìor-thighinn doirbh an cur gu cùl dhut, 5650
S tu mar long a chaill a h-aodach,
Fuadaichte romh ghaoth na dùldachd.

Thu mar long an déidh a fuadach
Ann an gaillionn cruaidh agheamhraidh,
Tanalach leis air a guaillean, 5655
Miachd air an fhuaradh, cha seall i,
Cudthrom na fairgega sìobadh,
S blad air a cliathaich gu h-aimhleas,
Gun acair a ghlacas grunnd dhi,
No chrochas air pluic an ceann dhi. 5660

Bidh mi fhìn mad thimchioll daonnan,
Fad do shaoghail bidh mi làmh riut;
Chan eil miann nach faigh a saorsa,
S neartaichidh mi h-aon no dhà dhiubh.
Guma h-olc dhaibh fhéins dha naomhachd, 5665
Dhfhalbhadh Maois e fhéins na fàintean;
rud thann ach miod na faoineis
A bhith smaointinn gum bheil bàs ann.

S mór na bhagad ri chur suas leis
Air do bhuachailleachd an còmhnuidh, 5670
S mór an t-seirm a bhanad chluasan
Air cho cruaidhs a bhiodh am mòd ort.
Cha robh aon dhe na fàintean
Nach robhn àit’ -eigin agròcadh
Air gach miann a tha dhut buailteach 5675
Leis am buairear anns an fheòil thu.


[195]

Gu deimhinne dhearbh thu misneachd
Nuair a bhrist thu as achùmhlach,
Rinn thun tùrn uds leam nach misde;
Leag thu clisnicheannan sprùilleach, 5680
Bhuail thun tuagh ri bun amheoghlain,
Buille throm le tuile dhùrachd
Leis na gheàrr thu meangan mosgain
Thar an stoc a bhaga ghiùlan.

Cha be meangan fhéin a thuiteam 5685
Dhfhàg cho sultmhor dhomh mo bhuannachd,
Ach gu mill e fàs nan ùbhlan
Eadar samhla shùl is chluasan
Air an a dhfhuiling am bàs
Air los an gàradh chur mun cuairt daibh, 5690
Bhithgan goid ar leam is éibhinn;
Prìs acheusaidhga thoirt bhuaithe.

Thug thu lot air stoc an fhìon-lios,
Cho-shamhlaich Crìosda ris fhéin e;
Stoc a chumadh beatha shìorruidh 5695
Ris gach miars achruinne- dheth,
S nuair tha meangan sgarta bhuaithe
Cha bhi beatha buanna gheugan;
Tuitidh e air uachdar talmhainn,
Ruadh asearg mar eiteach sléibhe. 5700

S meangan thusa a chinneadh ùbhlair,
Chinneadh duilleach ùr-ghlan maoth air;
Bidh thu nis asearg fo drùsgan;
Chaill thu sùghadh stoc na craoibhe,
Théid do churs abhocsa chruadhach; 5705
Thig mo chruths mo thuar-sair taodann,
S mise fear nach dùraig dfhuasgladh
Bhon a fhuair mi air an taod thu.

Gheibh thu nis a h-uile saorsa
Dhol gach taobh am bi thug iarraidh: 5710
Lig thu á do cholainn-daonda


[196]

S dhfhalbh i leis an taod mu cliathaich,
S e mi fhéin a bhiosga stiùradh
Air do chùlaibh anns an dìollaid,
S nuair a théid a réis a dhùnadh 5715
S e mo ghnùis bhios air do bhialaibh.

Gur a h-ait leam bhios do mhì-ghean
Nuair a chì thu far an téid thu;
Mur do chreid thu riamh an fhìrinn,
Faic a nis le cinnt dhut fhéin e, 5720
S cha be an t-aineolas a mheall ort,
Cha bann dall a bha do léirsinn;
Mheall mi fhìn air tuile smaointinn
S thug mi leam air taodnam dhéidh thu.

Tachraidh Charon aig an allt riut, 5725
S bheir e leis a-nall air bàtthu;
Fàg a-muigh do shùils do dhòchas,
Tha do leabair dòighna h-àite,
S tuig mun dorus thaga dhùnadh,
Thig le glag mu chùl do shàiltean, 5730
Nach tig fosgladh air gu sìorruidh
Fhads bhios Diana Dhia nan gràsan.

Bidh thusa còmhla riumnam rìoghachd
Air do chlaoidhs chan fhaigh thu bàs ann;
Cha tig liathadh latha chaoidh ort 5735
Anns an oidhches duibhe thàinig;
Cha tig socair ort gu sìorruidh,
Sìth no sìochaint, fois, no sàmhchair
Ann an teas na dòruinn mhór
Is cuibhrionn dhòmh-sair son mo cheamhraig. 5740

S cuibhrionn dhut-sa thu fhéin a nis e,
S ionnan thusas mis’, a nàbaidh;
Tha sinn ann an so le chéile
Air grìosach éibhlean ann an àmhuinn,
Cha bhi dùil ri crìoch bhur péineadh, 5745


[197]

Dhfhalbh an s cha tig am màireach;
Caochladh cha tig oirnn a chaoidh ann,
Thusad ghlaoic is misam Shàtan.

Bidh thu nis acaoidhs agrìosadh
Nach e diabhul a bha làidir; 5750
Nan do chreid thun teagasg Chrìosda
Cha robh neart ann fiach na fàirdin.
S e do choire fhéin da rìribh
Rinn do lìbhrigeadhnam làmhan
Gus bhith ròstadh air mo bhranndair, 5755
Teadhraichte le slabhraidh phràisich.

titleXLVI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page