XLVIII GAOTH AN IAR
Gaoth an iar, gaoth an iar,
Gaoth an iar thar na mara;
Gaoth an iar thar a’ bhàigh—
Steach gu tràigh, fionnar, fallain.
Gaoth an iar thar nan stuadh, 5905
Tighinn bho’n chuan chun an fhearainn;
Oiteag analach nan tonn,
Tighinn á com tha gun ghalair.
Gaoth an iar a’ sguabadh fraoich
Suas ri aodann nam beannaibh. 5910
’S binn a ceilearadh ri tràigh,
Rogha tàladh nan leanabh.
Gaoth nach adhbharaich dha’n t-sluagh
Feum air cuaran no barran;
Cha b’ionnan ’s an crannadh fuar 5915
Thig bho thuath no bho’n ear oirnn.
Gaoth is buige thig á speur,
’S blàithe shéideas ’s is taise;
Cha tig anacair ’na lorg,
Gaoth nan gorm-thonnan casa. 5920
Anail chùbhraidh chùl nan stuadh,
’S fallain fuar-ghlan a deathach;
Séideadh sèimh air tìr an fhraoich,
’S grad a sgaoileas i ceathach.
Gaoth na seilge, gaoth an éisg, 5925
Gaoth na spréidhe mu’n mhainnear;
Gaoth na feamann anns gach cròic,
Gaoth an eòrn’ air gach machair.
Gaoth an t-sealgair taobh a’ chùirn,
Dheanadh fùdar a lasadh, 5930
Toirt na h-eunlaith thar na sgéithe,
’S gun an speur ach a’ glasadh.
Gaoth an iasgair aig na cléibh,
Fairge réidh is cuan farsuinn;
’S ann leam fhìn bu bhinn a ceòl 5935
Tighinn gu seòl air a tarsuinn.
Nuair nach b’àirde mi na ghlùn
B’i mo dhùsgadh ’s mo chadal,
’S i ni tuiream aig mo chill,
Nuair thig m’oidhche bhios gun mhadainn. 5940
title | XLVIII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |