[205]

XLIX MÓR NICLEÒID

Ged bha min raoir an tigh leam fhìn
S mo chridhe tinn fo leòn,
Gum bheil min nochd atogail fuinn
Glé inntinneach gu ceòl;
Bhon chuir achuibhle car mun cuairt, 5945
Chaidh fuadach air gach bròn,
S tha cridhabhàird air dìreadh àrd
Bhon thàinig Mór NicLeòid.

Ged dhfhàg i misan so fad shìos
Fo chianalas is bròn, 5950
Gun facal tighinn as mo bhial,
Gun chrìosdaidh tighinnnam chòir,
S ged chaidh an tighna chulaidh-sgràth,
Gun tàinig e gu dòigh,
S cha mhór gun aithnichinn fhìn en dràsd 5955
Bhon thàinig Mór MacLeòid.

Nuair chì min t-ùrlar air a sgùradh
Glan, gun smùr, ’na chòir,
Gun bhotul liunn bhith thall an niùc,
Gun mheirg mu chùl an stòbh; 5960
Gach cho cùbhraidh ris na h-ùbhlan,
S cuibhrig ùr air bòrd;
Gum faod mi ràdh is léir abhlàth
Gun tàinig Mór NicLeòid.

Nuair chì mi chlann a-muighs an trannsa 5965
Aruith le ballnan dòrn,
S a dhfhalbh gach poll a thug mi ann
Ga stampadh fo mdhà bhròig,
S a chìtear mainm a-muigh air clàr


[206]

S e deàrrsadh mar an t-òr; 5970
Gum bi na nàbaidhean ag ràdha,—
Thàinig Mór NicLeòid.”

Nuair thig mi dhachaigh oidhche Luain
Cha bhi am fuachdgam leòn,
S chan fhaigh mi pìos do dharan cruaidh 5975
Is cupa ruadhnam dhòrn,
Ach bidh aphoits i loma-làn
Le brot is càl is feòil;
Gum faigh mi sàth dhen bhiadh as fheàrr
Bhon thàinig Mór NicLeòid. 5980

Chì mi teine mór do ghual,
S bidh fuaim aige ri mshròin;
Cha dean mi sìon ach suidhe sìos,
Bhith fuasgladh dhìom nam bròg.
Cha ruig mi leas ma bhios mi sgìth, 5985
Aphìob thoirt as mo phòc’;
Bidh h-uile càil ga chur ri mlàmh
Bhon thàinig Mór NicLeòid.

Chì mi h-uile na àit
Air fhàgail mar bu chòir; 5990
Gun fiach an t-snàthlainn adol ceàrr,
S an tigh cho blàth ri còs.
Bidh am bocsa luathadh a bhiodh cruachadh
Suas os cionn abheòil,
Gun làn na spàinneadh air amhàs 5995
Bhon thàinig Mór NicLeòid.

An oidhcha thill i thuirt mi fhéin
Gun cuirinn féisd air dòigh
Is thug mi iasg a-steach á bùth
S bha h-uile pùnnd dheth gròt 6000
Is fhuair mi botul beag a-nall
Dhen dram aig Mac-an-Deòir,
Bhon bha mig ràdhs tu tighinn on bhàt’,
Cha mhisdthu làn do bheòil.


[207]

S ann thuirt i riums i car cho diùmbach, 6005
Till a-nunn an còrn,
Than t-àm agad bhith nis dheth stad;
Gun drinn thu sgaid gu leòr.
Chan fhaca mise sgillinn ruadh
A fhuair thu annnad dhòrn; 6010
Chaidh ceithir punnd a churs amhàl,
Ach càit an deach an còrr?”

Gun duirt mi, “ ’Ghalghad, bhon a dhfhalbh thu,
Tha mi searbh gu leòr;
Gach cho ganns an t-sìd a bhann, 6015
Bha steall aicas na lòin.
Nach robh mi co’ --deugnam thàmh,
Gun fhàirdean bhithnam phòc’?
Bu chòir dhut ùrnuigh a chur suas
Bhon fhuair thu geil mi beò.” 6020

Nuair thig Di-Sathuirne mun cuairt,
Cha ghluais mi dhan tigh-òsd’,
Ach tilleadh dhachaigh aig an uair
S mo thuarasdalnam dhòrn.
Chan fhaod mi gloine chur ri mbhial, 6025
No làn amhiarain òl;
S gur léir abhlàth dhomh fhìns do chàch
Gun tàinig Mór NicLeòid.

titleXLIX
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page