[208]

L DÌTH NAN CUNGAIDHEAN

Leam is bochd a bhith bruidhinn
S an raoir is an nochd a bhith tighinn air 6030
Na tha sprochd air na h-igheanan,
Gun na nithean a bàillleo
Bhith aca suathadh an sròine,
S acur an cuailean an òrdugh,
A dhfhàgadh gruaidhean mar ròsan, 6035
S bilean beòil mar an sgàrlaid.

S chan e gainnead an airgid
No idir coire an luchd-margaidh
A thug an goireas á Albainn.
Bu toigh le bana-cheàirds le bàn-righ 6040
Gan deanamh suas ann am briaghad,
Gu mìn-gheal, gruaidh-ruiteach, ciatach,
S a dhfhàgadh gruag bhiodh air a liathadh
Gu buidhe, ciabhagach, fàinneach.

Ach an t-uamhas a dhòirt oirnn 6045
A-nall air uachdar na h-Òlaind,
A chuir ar sluagh do na frògan,
S na bailtean móragan smàladh;
A chuir na balaich a dhìth oirnn,
Adols an deachamh na mìltean; 6050
Nach ioma fear thana shìneadh
Is cùl a chinn ris an làraich.

Ach cha be marbhadh nan diùnlach
Fo chulaidh armailt na dùthcha
A tha mo ghalghad ag ionndrainn, 6055
S than guli-gùg air a thàilleabh,
Ach amhàileid bhiodh daonnan


[209]

Afalbhs gach ceàrn air a gaoirdean;
Bu tric bhiodh làmh airga sgaoileadh
Na bocsa snaoisean mo mhàthar. 6060

Cha toir gillean an luaidh dhaibh,
Mar is minig bu dual dhaibh;
Fanaidh fir air an fhuaraidh,
S chan eil an ruaig mar a bàbhaist
Bhon theirig pasganan cùbhraidh, 6065
A bhiodhgan tatadh gan ionnsaigh:
Tham botul scent air a dhrùghadh,
Gun bhoinnem bùth dheth air fhàgail.

Leam is cruaidh a bhithg éisdeachd,
S a bhiths an uair so aleughadh 6070
Mu chor na gruagaich gun chéile,
Nach dfhuair i fhéin ann an càraid,
A dhfheumas triall chun na h-aoise
Gu dubhach, cianail, ’na h-aonar,
S a thoireadh bliadhna dheth saoghal 6075
Gun tigeadh aon air a h-àrainn.

Chan eil annas no rìomhadh,
Chan eil anart no sìoda,
Chan eil ad air an cìrean,
Le ite fìor-eun no ràcain; 6080
Chan eil nithe their gu dòigh iad,
Ach an inntinn ga leònadh,
Acagnadh ionga na meòireadh
A tha gun dòchas ri fàinne.

S ioma bhiodh gu dealrach 6085
Na suidhe leughadh air carbad,
S i nochdadh leugan do chalpa
Cho cuimir, dealbhach ri Gàrbo,
A bhiodh i gnogadh gu spòrsail
Le sìoda snog air a chòmhdach, 6090
A thill ri moganan clòimhe,
S nach tog an còta bho na sàiltean.


[210]

Thachair Màiri nighean Sheumais
Aig oisinn sràide an rium
Le coltas bàn-bhusach deurach, 6095
Mar bhean is a céill air a fàgail;
Bha ceann a-null is e air fhiaradh,
S bhan gàire sunndach gun sgial air:
S ann bha i coltachna fiamhachd
Ri rinn gnìomh a bha nàireach. 6100

Gus am faca mi a h-aogasg,
S na theab mi tuiteam le ioghnadh.
Gu s an tubaist thug caochladh
Air cruth an aodainn a bàille?
Bha gasan liathana cìrean, 6105
Bha fichead cnaimhseagna cìbhlean,
S bha guirean dearg is cóig frìdean
Os cionn a cuinnleanan deàrrsach.

titleL
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page