LII ÒRAN NA CATHRACH
Beud air cathair an ànraidh
Leis na sgathadh mo chnàmhan;
Dh’fhàg sin m’aisnean-sa cràidhteach,
’S té dhiubh sgoile, neo-sgàinte. 6280
Bidh seachdainn oidhche Di-màirt
Bho’n bhuail mo chas air an làr ann,
’S bho’n thuit mi tarsuinn air cnàmhlach an dòlais.
A sheann chleith-theanchair na tubaiste,
’S tu ’nad chrannalaich aig ghlugaman; 6285
Cha bu dealbhach an gugach thu,
’S cha b’e sealbh a chuir thugam thu.
Chuir an aimlisg ’nam chuideachd thu,
’S chosg thu airgiod an luidealaich
An latha cheannaicheadh le guth Móir Nic Leòid thu. 6290
A chreutair chama-chasaich, chrùbaich,
Nach mór nach do dh’fhalmhaich mo phùidse
’Gad thoirt a margadh nan Iùdhach!
Cha reiceadh Albannach rium thu;
Bidh deireadh t’aimsir-sa dlùthadh 6295
Nuair bhios mi falbh leat dha’n chùlaibh,
’S mi dol g’ad spealgach ’nad sprùilleach le òrd ann.
Nach e do mhaol a bhios truagh dheth,
’S tu faighinn faobhar na tuaighe,
’S i tighinn bho chùlaibh mo ghuailleadh 6300
Le buille lùthmhor g’a bualadh.
Cha leig mo rùdain-sa bhuap’ i
Gus am bi thu ’d spriùdannan ruadha,
’S tu ann an cùl an tigh-ghual air do stòradh.
Bu tu aithis gun diù dhiot 6305
Bhiodh air bathais an ùrlair,
Far an laigheadh an t-sùil ort,
Thilgte sgailleag an cùil dhiot,
Ach bha thu ’g altrum do dhiùmbaidh
Cleas gach gealtair is ùmbaidh 6310
Gus an d’fhuair thu sgailc mu na glùinean thoirt dhòmh-sa.
Ge b’e chost riut a shaothair
Ann an toiseach do shaoghail,
Ma ’s e tuairnear no saor e,
Cha b’e luaidh nam fear-ceaoird 6315
Le d’ chasan cuaigeineach, caogach,
Nach cumadh cuaran no glaodhadh,
’S nach deanadh taice ri caoldruim no tòn dhomh.
A ghliongaid bhreòchaideach, bhacach,
Bu mhiosa gròbadh is pacadh; 6320
Bu chulaidh dheuchainn leam t’fhaicinn,
’S bhith ’g éisdeachd dìosganaich t’fhearsnan,
’S nach toireadh crìosdaidh ort tasdan;
Nach ann a dh’fheuch rium a’ ghlaistig
A thug bho Swindleman, Sladski and Co thu. 6325
“C’àit an tugadh á margadh
Eadar Lunnainn is Albainn
Fear bu mhotha chaidh ainm dheth
Ann an cruthachd ’s an dealbhachd.”
Dh’éisd an luid ris an t-seanchas 6330
A bha dubh-fhaclach, cealgach,
Dh’fhàg sin m’urras is m’airgiod aig “Moses.”
“Tha e math air a dhèanamh,
Socair, taiceil fo’n t-sliasaid,
Foghnaidh fhaicinn aig grìosaich, 6335
’S cuiridh sealladh dheth miann ort;
Mura ceannaich thu ’m bliadhn’ e
Bidh thu gearan gu sìorruidh,”
Arsa braidean nam briag ris an òinsich.
Bho’n latha pheacaicheadh Àdhamh 6340
Gur e mo bheachd air a’ ghràisg ud
Gun ruith iad cleachdadh na meàirle
Gus an deach am prasgan a bhàthadh;
Nuair thàinig dìl’ orra ’s deàrrsach,
’S chan eil mi gearan ’s ag àireamh, 6345
Ach nach robh toll air an Àirc a bh’ aig Nòah.
title | LII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |