LV AN DEAGH CHLACHAIR
Ach, a Rao’aill ’ic Eachainn,
B’e tu fhéin an deagh chlachair!
’S tu thogadh na taighean
Nach tuiteadh gu bràth, 6660
’S a dh’fhàgadh le aol iad
Cho dìonach, gun aoidion,
’S nach biodh mearachd ri fhaotainn
Ann an saothair do làmh.
Gun thog thu taigh geal 6665
Air a stéidheadh air stallaidh,
A dh’fhòghnas ri d’mhaireann
Gu latha do bhàis;
E daingean air ealachaig,
Gach clach dheth cho calma, 6670
’S nach gluaiseadh crith-thalmhanna
Sgealb as a h-àit.
Bu daingean a stéidh thu
Air carraig nach tréig e,
Gum b’aithne dhuit fhéin sin, 6675
Gun chléireachas chàich;
Thu lìonta le reusan,
Gun fhiaradh ’nad leusainn,
Chan iarr thu fear speuclair
Gu leughadh do phlàn. 6680
Nuair thig i bho’n iar-dheas,
A’ séideadh na grìosaich,
Cha téid thu fo mhiapadh
G’eil sìoman a’ cnàmh;
’S chan fhaicear ’s an liathadh thu 6685
Teannachadh fhiarag,
’S e an tarrang is an sgliat
Tha air dìon ort gu h-àrd.
Chan eil e ri fhaotainn
Fear dheanamh do shaothrach, 6690
Tha miadh aig na daoin’ ort,
’S chan ioghnadh leam à;
Air bhriaghad ’s air shaoiread
Do ghnìomh, chan eil gaoid ann,
’S gum briagnaich mi aon 6695
A ni chaochladh a ràdh.
Nuair théid thu ’nad chòmhdach,
Gu tacaideach brògach,
Le t’aparan mòilsgein,
’S an t-òrd ann ad làimh; 6700
Bidh sgathair fo d’mheòirean,
’S i an taice ri t’òrdag,
A shnaitheas cho còmhnard
Ri bòrd thig o’n t-sàbh.
Chan eil aon a their buaidh ort 6705
’N àm togail na stuaidheadh,
’S tu chruinnicheadh gu guailleach i
Suas chun an stàlk;
’Ga sguaireadh ’s ga plumadh,
’S g’a toirt ann an cumadh, 6710
’S an àm sgliatadh a’ mhullaich
Thug thu’n urram thar chàich.
’S tu ghearradh an còrner
Gu ochdamh na h-òirlich,
’S a leapaicheadh còmhnard i 6715
Dòigheil ’na h-àit;
Gun aithnichinn le m’shùil ort
Aig mais’ agus cliù air
Nach b’ann o’n dùthaich so
Dh’ionnsaich thu cheàrd. 6720
Nuair théid thu gu goinneal
Bidh sorchan mu d’choinndean,
Gach acfhuinn ’s gach goireas,
Gun ghainne ort an càil,
Le plocan cruinn, dùmhal, 6725
Do stoc na craoibh’ ùbhlan,
’S cha b’olc air a chùl thu
’N àm dùnadh na h-arch.
Gun dearbhadh tu “corbie-steps”
“Cock-breast” no “corbel”; 6730
’S air “columns” ’s air “cornices”
B’eòlach do làmh;
Air “flutings” ’s air “capitals”,
“Skews” gu an “apex”
Cha do dh’ionnsaich air balla 6735
Na dheanadh na b’fheàrr.
title | LV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |