LVI “BÀRDACHD NAM BEANN”
’S e bholabhi bhò ro holabhi ò,
’S e bholabhi bhò na chunnaic mi;
’S e bholabhi bhò ro holabhi ò.
Am feasgar a cheannaich mi 6740
“Bàrdachd nam Beann”,
Sud feasgar a mheall mo thurus mi.
Gum b’fheàrr dhomh mo chrùn
A chosg anns a’ bhùth
Air fear nach robh ùr no urad ris. 6745
Nuair ràinig mi’n stall
Aig dorus Mhic Labhrainn
Chunnaic mi thall ’s an uinneig e,
’S cha ghluaisinn mo shàil
Gus coimhead air càch, 6750
Thug esan an deàrrsadh uil’ asda.
Bu shnasmhor a bhian
Bu lainnearach fiamh
Mu iomall ’s mu bhial nan duilleagan.
Bha sgrìob air mu’n cuairt 6755
Bu rìomhaiche snuadh
’S i sìos agus suas ’na h-ullagan
’S e a bhuail ann am cheann
’S an tomailt a bh’ann,
Tha iomadach rann is luinneag ann. 6760
Bha litrichean sgrìobhta
Sealltainn na prìse,
’S thuirt mi rium fhìn “bidh thus’ agam.”
Nuair gheibh mi mo làmh ort
Tillidh mi tràth, 6765
’S tha fios gun toir Màiri urram dhomh.
Gun shìn mi dha’n t-airgiod
’S ruith mi air falbh,
’S gun shuidh mi air carbad ’s sruth asam.
Nuair ràinig mi shìos 6770
Gun dh’fhosgail a bial—
“Na chaill thu do chiall no rudeigin?”
“ ’S ann dhut-sa nach b’àbhaist
Tilleadh cho tràth,
’S có as thug thu’n dràsd an guga sin?” 6775
Gun duirt mi “tha ceòl ann,
Iomadach seòrs’ ann,
Gheibh sinn an spòrs ’s an tuiream ann,”
“ ’S nuair shuidheas sinn suas
’S na h-oidhcheannan buan 6780
Nach mise their duan na druinich air.”
Nuair sheall mi ’na broinn
’S a leugh mi na roinn,
’S ann thuirt mi rium fhìn, “Có ’m bumailear?”
“Co ’m buiseartach bàird 6785
Chuir thus’ ann an àird,
Thug earraig air ceàird nach b’urrainn da?”
Cha bhàrdachd nam beann
A chanainn-sa bh’ann
A fhreagradh air clann nam munaidhean, 6790
Ach sreathan is roinn
Gun bheatha, gun sgoinn,
A fhreagradh air Goill ’s air burraidhean.
Bha uaireiginn ann
An Dùthaich nam Beann 6795
Mu’n tàinig an t-àm cho muladach,
Nan cluinneadh an cluasan
Treallaich cho truagh
Gun cuireadh an sluagh an gunna ris.
Gun shad mi e null 6800
’Na laighe ann an cùil,
’S cha leiginn mo shùilean tuilleadh air;
Cha deanadh e dh’fheum,
Ach glanadh ’na dhéidh
Aig fear bhiodh ’na leum ’s a’ bhuinneach air. 6805
title | LVI |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |