LVII ÒRAN NAN EASGANNAN
Chan ioghnadh mise bhith fo dhorran,
Bu mhi colann an ànraidh,
Liuthad damaist’ a fhuair mi
Air bheagan truais bhith ri m’ chnàmhan,
Tighinn gu bathais an ùrlair, 6810
’S crith bho m’ ghlùinean gu m’ shàilean,
’S mi ri giùlain an eallaich
A thug mi dhachaigh gu m’ mhàthair
Air bharraibh bas.
Nuair a dh’fhiachadh ’s a chunnacas 6815
An seòrsa murracaire a bh’agam,
Gun dh’éirich m’athair is Flòraidh
Air son mo sgòrnan a ghearradh.
“Có an donas a ghluais thu
Le culaidh uamhais nan eallach, 6820
Nan d’rinn thu cleas Eoghainn Chuagaich,
A’ dol mu’n cuairt feadh nan tighean
Mu’n chruinnich e an gad?”
Dh’éirich m’athair gu feargach,
Ghlac e lorg-cheithir-chearnach, 6825
’S thuirt e, “Fàg leo as m’fhianuis
Mu’n tog iad fiabhras no plàigh dhuinn;
Cnag an t-sitig gu madainn,
’S na tig am fagusg na fàrdraich,
’S na faiceam t’aghaidh no t’aodann 6830
Gu nighear t’aodach am màireach,
’S gu fàs thu glan.”
Sin thuirt mise ri Flòraidh,—
“Eisd òinseach ’s bi sàmhach,
Iasg as fheàrr thig á fairge, 6835
Théid móran airgid g’a phàidheadh;
Ceithir bliadhna na Caingis
Bho’n thug an t-sreang as a’ chàrn iad;
Gur iad tha math air an sailleadh,
’S ann orm tha sgath gu buntàta; 6840
Tog air a’ phrais,”
“ ’S ge b’e có bhiodh ’gam éisdeachd
Nuair a dh’éirich mo nàdur,
Mi ri mionnan ’s ri speuradh,
’S mi ’nam éiginn air m’fhàgail 6845
Air an t-sitig ’gam lathadh
Gu madainn latha na Sàbaid;
Ged bhithinn seachdainn fo’n dìle
Chan fhaighinn clìor is a fàileadh
Gun gabhainn bath.” 6850
’S ann thuirt Niall an uair sin,
’S e gabhail truas am measg chàich rium,
“Stob ’s an t-sitig ud shìos iad,
’S na cluinneadh crìosdaidh gu bràth e;
Neo, ma sgaoileas an stòiridh 6855
Gun deach thu, Dhòmhnaill, air chàidseadh,
Bidh gach sùil ort a’ sealltainn,
’S cha tog thu ceann leis an nàire,
’S chan fheàrr mi dad.”
Ach, fhir, a cheannaich am forradh, 6860
’S a chuir le Donnaidh ’s a’ chàr e,
Chan eil mise ’gad mholadh;
Chan ann ’nad chomain a thà mi.
Nuair a chuir thu ’nam lùib iad,
Gun d’rinn thu glùic am measg chàich dhiom, 6865
Gun tug mi leam air mo dhromaig
Am poca bola bha làn dhiubh,
’S gun dh’fhàs mi lag.
title | LVII |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |