LIX MA B’FHÌOR GUN DO THIONNDAIDH BEAN EÒIN
Séisd:—
O, cha téid mi air an t-saoghal dha’n t-searmon,
E, cha téid mi gu Là Bhràth dha’n t-searmon;
’S e pàirt de na daoine rium fhìn a bhios feargach 6935
Nuair chì iad a’ falbh a thigh Eòin mi.
Thachair Bean ’Ic Iagain ’s an fhireach rium Di-h- aoine
’S dh’aithnich mi gum bu toil leatha m’itheadh thar an t-saoghail,
Ged nach duirt i lideadh dheth, thuig mi air a h-aodann
Gum beag a bha de ghaol air a’ Ròimh aic’. 6940
Cha do leig mi dad orm, ach ghabh mi car a-null
O bha toil agam gum faighinn e, dé bharail a bh’aig Fionnlagh;
’S ann thuirt i agus friogh oirre, “Na bruidhinn idir rium-sa!
Cha toigh leam duin’ a thionndas a chòta.”
’S ann thòisich i ri magaireachd, ri fanaid is ceol-gàire 6945
’S i cantainn cha bu mhath leam e bhith agam ann an càraid;
Nach tig e thar a ghreallagan le cramaill do chois stàillinn
A rinneadh ann an ceàrdach Nill Dhòmhnaill.
Bha mi ann an teagamh, ann an eagal ’s ann an cùram
Gun laighinn air a’ charraig bho’n a bha mi treis a dh’ùin’ ann, 6950
’S bho’n thàinig mi gu lathaichean gun rachainn ann am ùslaig,
’S cha tric a theirear sùil air an t-seòrsa.
Mo chiabhagan air tanachadh, bha glasachadh ’nam chìrean,
Gun duin’ agam a theannadh rium le fadal ann an impis;
Cho dona ri Dun-bheagan nuair bhiodh teabadaich ’nan inntinn 6955
A nochdta bratach shìdhe nan Leòdach.
Nuair chuala mi gun tigeadh e, cha robh mi idir gruamach;
Bu mhath leam fear air choireigin, ged bhiodh a chroidhean cuagach
A bheireadh thar nan creagan mi ’s an t-eagal air mo bhualadh,
Gum feumainn bhith toirt suas ’na mo dhòchas. 6960
Nuair chunnaic mi mu m’ choinneimh e, bu loinneil e ’na aodach,
Bha coileir air, bha brollach air, bha coltas glan air aodann;
Mise bha cho toilichte, cha robh e aig na daoine
Ri chantuinn gun deach taod ann no sròinean.
Nuair sheas sinn anns an ionad anns am biomaid air ar tàthadh 6965
Nuair thòisich e air iarraidh, cha robh sgial aig’ air an fhàinne;
Chitheadh tu gach bial ann a’ sgiabadh leis a’ ghàire,
Mar a bha an t-each bàn a bh’aig Seòras.
’S mis’ nach robh a’ coimhead air a’ chois air ’n robh an t-iarunn,
Nuair fhuair mi ann an caigeann e ’s e agam ri mo chliathaich; 6970
Gun coisichinn an rathad ’s mi cho aigeannach ri fiadh
’S mi mar nach robh mi riamh reimhid pòsda.
Nuair théid mi Dhruim an Éiginn, chan eagal dhomh gu bràth ann,
Far a bheil na h-iomairean ’s an cinnich am buntàta;
An fhadhail an taobh thall dheth ’s an t-annlan air snàmh innt’, 6975
’S cha téid e air a’ chlàr gun rud còmh’ ris.
Bidh mi air mo chumail ann gun uireasbhuidh, gun fhàillinn,
Bho’n tha iodhlann ann is mulan ann gu ullachadh na gràinnsich;
Nì esan bodach sgilidh agus mise cailleach chàthaidh,
’S cha bhi chiste bhàn gun mhin eòrna. 6980
Ma ’s e gun tigeadh piseach oirnn ’s mise nach biodh diùmbach,
Cha ghabhainn rompa giorag ged bhiodh dithis, ged bhiodh triùir ann;
Cha rachainn chun a’ mhinisteir le gin dhiubh g’an ùilleadh,
’S ann a thogainn leam iad a Bhòirnis.
Bha feadhainn rium a’ cantuinn gur ann agam a bha chàileachd, 6985
Dol air choinneamh sagairt leis a’ bhachaill ’s e cho grànda,
Ach dé a b’fheàirrde mise ged bhithinn mar a bhà mi,
A’ fuireach ’na mo thàmh gun neach còmh’ rium.
title | LIX |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |