[246]

LXI HOIREANN Ò MAR ATÀ SINN

Hoireann ò mar atà sinn,
S gun am bàrd againn mar ruinn; 7080
S troms gur tubaisteach òirnne
Gun deach na h-òrain an gainne,
S e an nochd a bhith bhuainn
A dhfhàg fo ghruaimean an talla,
S a dhfhàg na Gàidheil cho tùrsach, 7085
S geil deòir an sùileangan dalladh
Le ruith cho bras.

Tha na Gàidheil fo mhìghean,
S iad ag innse fon anail
Gum bheil aiceidgan leònadh 7090
Air feadh na feòlas na fala;
Gum bheil Iainna shìneadh,
Gum bheil a dhruim ris an talamh,
S mur till e slàn leighist
Nach bi céilidh ach falamh 7095
An tigh Mhic Rath.

Sgeul a chuala min raoir air,
S miga fhaighneachd do dhAilean
Mum biodh ceann cho’ --deug ann
Gun éireadh Iain slàn, fallain, 7100
Gum biodh e againn gu mùirneach
Air àrd ùrlar an Talla;
Gum biodh eg éisdeachd nan duanag,
S gu trang abualadh a bhasan
Nam biodh iad math. 7105

Gun robh Ailean ag ràdh rium
Mar bha e ag ràdh rium a cheana


[247]

Nach robh aiceid no anacair
Air Iain Mór Camshron ach ainneamh;
Gur ann a bha e dhen phòr sin 7110
A fhuair a bheò-shlaints na beannaibh
S nach bann ri taobh Abhainn Chluaidh so
A chaidh an smuais annna leanabh
Nach tàinig as.

S ann a fhuair e òg àrach 7115
Mu thimchioll àirigh aghleannain,
Far am faightes an fhuaraig,
Beartas uachdar abhainne
Ann an Tìr nan Àrd-bheanntan,
Tìr an annlains an arain; 7120
Tìr na sìthnes na feòla,
Nam bonnach eòrnas nam marag
S nan uighean chearc.

titleLXI
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page