[248]

LXII CUMHA BRÀTHAR

S e sgeula dubhach mo leònaidh
Thàinig thugam Di-dòmhnaich 7125
Ann an guth nach bu bheò thu;
Gun do chuidhtich an deò thu,
S gun do shìneadh air bòrd thu,
Far nach cluinn mi do chòmhradh
Tha cumail cuimhneachan brònach 7130
Am làithean.

Fhuair mi aiceid mo chiùrraidh,
Dhfhalbh mo thaic air mo chùlaibh;
Tha mo shac-sa ga chionn sin,
Trom ri ghlacadhs ri ghiùlan, 7135
A bhithg acains ag ionndrainn
Geil do leac air a dùnadh:
Och, mo chreach, nach deach ùir ort
Bho mlàmhan!

S e so bliadhna mo chreachaidh 7140
A thog an nial air mo dhachaigh,
A sguab mo dhiasan thar machaidh,
A leag mo shìol fo na fachaich;
Nach bochd mig iargain na tathaich
A-nochd nach dean mi nan ath-oidhch7145
Is goc mo dheuran, cha mhathaich
Mo chàs-sa.

Mo sgeul dubhach ri innse
Gun do chuireadhs achill thu;
S e do leaba tha ìosal 7150
Ann an Cladh Rudh’ -Aird-Mhìcheil,
Air do chàradhnad shìneadh


[249]

Far bheil tathair acrìonadh,—
Bad a dhUibhist is dìlse
Dha dchnàmhan. 7155

Fàth mo thùrsa ri sheanachas
Cas bu shiùbhlaiche dhfhalbhadh,
Dol a dhionnsaigh agharbhlaich
Mun do dhrùidh oirren anacair
Bhith gun lùths innte charaicheadh, 7160
Achga giùlan air carbad
Thun na h-ùrach a dhfhalaicheas
Gu bràth e.

Ge bu dèanta deas, mór thu,
Fhuair thu tfhiachainn is tfhòghnadh 7165
Air do lìonadh le lòinidh
Leis aphìn air do leònadh.
Ma bha bliadhna bha cóig ann
Asìor chur mìod air do dhòruinn
Gus na chrìochnaich do dhòchas 7170
Ri slàinte.

Bu shàr-mharaiche cuain thu,
Làmh a cheangals an fhuasglaidh,
S tu nach obadh do ghuala
Chur ri obair na tuathadh, 7175
Ach a dhaindeòin gach cruadal
Far an geallar an uair dhuinn,
Chan eil gaisgeach nach buannaich
Am bàs air.

Ge be bhurbanaich tanacair 7180
Mar an urchair dhen dealanach,
Bha i cunbhalach, leantalach,
As do luirg cha do sgaradh i;
Cha robh purgaid a ghearradh i
S leis na dhfhuiling thu air talamh dhi 7185
Bha do phurgadair seachad
Mun dhfhàg thu.


[250]

Bha do phiuthar gu mionaideach
Ann am fiughair gun tigeadh tu,
S i gu siuthadach, frithealtach 7190
Ann asiubhal gach lighiche,
S ged a dhfhuiling thu iongantas
S e do ghuth nach robh frithearra,
Bha thu mothachail, iriosal,
Sàmhach. 7195

Ge bu dòrainneach tfhuiligsean,
Cha bu toibheumach tuirigleadh;
Be do dhòigh a bhith cuireadach,
A bhith spòrsa ri cuideigin;
Bha thun còmhnuidh cho furanach. 7200
Se luchd-eòlais a chunnaic thu,
Fhuairad fòghlum air grinneas
Do nàduir.

Thugam sgeula mo sgaraidh,
A chuir mo bheul gu bhith galach; 7205
A chuir mo dheuran ri talamh,
Mar uisge speuran ri gaillionn;
Mo chridhe brùite air a ghearradh,
Air bheagan sunnds e fa-near dhomh
Nach fhaic mo shùilean-sa maireann 7210
Mo bhràthair.

Thàinig sgrìob air ar cuideachda,
Chuir an ìslead an cumhachd iad;
Chuir e sìos leis abhruthach,
S gann gun dìrich iad tuilleadh e. 7215
Chuir e mìod air am muladan
Agus ìre air an uireasaibh;
Cha robhm bliadhnas an uiridh
Nam fàbhar.

Tha do mhàthair acaoineadh, 7220
Air a fàgailna h-aonar;
Tha na dhàraich i sgaoilte


[251]

An ioma ceàrna dhen t-saoghal,
S i aig Cròic Pheighinn-nan-Aoirean
Gu dubhach, brònach, as taonais: 7225
na òige dha aois
A ni fàisneachd?

Gur beag a shaoil leam gum faicinn
Aghiorra-shaoghail a ghlac thu,
S a chuir an t-aodann bu taitniche 7230
Gabhail aogasg nan leacan,
Ach thig an t-aog air na peacaich
Gun fhios aig aon air an t-seachdainn;
Cha dfhuair sinn aontair bhithm beachd
Ris am màireach. 7235

Achs trom a bhrùchd oirnn an donan
A rinn ar n-ùrlar a lomadh,
A gheàrr an grunnd fo ar bonnaibh,
S ar n-àireamh muinntir a tholladh.
Chan fhaicear smùid an Cill-Donnain, 7240
Cha chluinnear siùnnsar le gleadhar
Fo bhuille lùdaig apronnadh
Port meàrsaidh.

Thàinig smal air ar muinntir,
Dhfhalbh an tigh a bha mùirneach, 7245
Sgap aghreidh a bha sunndach,
S dorcha doilleir achùis leam
Gum bheil cachaileith ùr air;
Thuit gach cuidhe agus cùbadh
Is chan eil duine ann a dhùineas 7250
Abheàrna.

Ach ged a thachair nas oil leinn
Cha téid ar maitheas an dolaidh,
Chan eil an dachaigh ach corrach
A thaig an anams acholainn. 7255
Gun téid e steach air an dorus
Am faigh e maireannach sonas,


[252]

A ghabh a rathad an solus
Nan gràsan.

Ged is ionad an ùir dhuit 7260
Cha toir sinn idir ar cùl riut,
Bidh ar cridhe le dùrachd
Adeanamh guidhe agus ùrnuigh
Gun tig an latha air an dùisgear
Is nuair a shéidear an dùdach 7265
Gum bi sinn uile air ar cùnntais
S an àireamh.

titleLXII
internal date1963.5
display datea1964
publication date1968
level
reference templateSporan Dhòmhnaill %L
parent textSporan Dhòmhnaill
<< please select a word
<< please select a page