LXIV MARBHRANN EILE DO’N RÌGH
Séisd:—
O a ho, dìridh mi is teàrnaidh mi’n chruadhlach,
O a ho, dìridh mi’m màireach leam fhìn e,
’S an àite bhith aoibhneach tha m’inntinn fo ghruaimean, 7350
O a ho, dìridh mi is teàrnaidh mi’n chruadhlach.
Tha mi gu tùrsach,
Mo chridhe gu brùite;
Tha snidhe mo shùilean
A’ srùladh le m’ ghruaidhean. 7355
Tha mi fo mhìghean
A’ teàrnadh no dìreadh,
Chan fhaic mi mo Rìgh
Ann am frìth nam damh ruadha.
Chan fhaic mi Rìgh Deòrsa, 7360
’S e dìreadh na mòintich,
E sìnte gun deò ann,
’S e a chòmhdach am fuar-bhrat.
B’eòlach air fhaicinn mi,
Beòthail air leacaich 7365
An tòir nan damh cabrach
A chaidleas air luachair.
B’ait leam bhith dlùth air
A’ dìreadh nan stùc-bheann,
’S bu chinnteach a shùil 7370
An àm stiùradh na luaidhe.
Crìonaidh is seargaidh
Is triallaidh gach aimsir,
Ach cuimhnichidh Albainn
Air sealgair nam fuar-bheann. 7375
Fàsaidh am fraoch
Ann an eudann an aonaich,
Ach tréigidh na daoine,
Tha caochladh dhaibh buailteach.
Caochlaidh gach sòlas, 7380
Their aois dhuinn no òige,
’S e rìoghachd na glòrach
’Na h-ònar bhios buan dhuinn.
Fàsaidh sinn aosda
Gach là mar a dh’aomas 7385
Is seòlaidh sinn aon uair,
’S ar n-aogasg cha nuadhaich.
’S e cùis a tha cinnteach
Gu duslach gun till sinn
Mu’n ruig sinn an rìoghachd 7390
Tha uidheamaichte shuas dhuinn.
title | LXIV |
internal date | 1963.5 |
display date | a1964 |
publication date | 1968 |
level | |
reference template | Sporan Dhòmhnaill %L |
parent text | Sporan Dhòmhnaill |